An Cumhachd ’s an Dorchadas | Ag aisling ann an Ameirigea

AF663470-8CC3-464F-834B-845F09433BE5An treas post le Eòghan à Ameirigea a Tuath

Nuair a ràinig mi Port-adhair Bhaile an Fhreastail agus choisich mi chun an taigh-òsta agam, dh’fhairich mi mar gun robh mi a’ coiseachd tro shaoghal an òrain Sprinsgteen as fhèarr leam “Darkness On The Edge of Town”. Bha an t-àite cho ciar. Cha robh solais na sràide a’ dealradh gu làidir agus cha robh iad idir cho pàilt. ‘S ann tron dorchadas air iomall a’ bhaile a bha mi a’ sireadh gun teagamh. Ach ‘s ann mar sin a bha meadhan cathair-bhaile Iorc Nuaidh cuideachd, fiù ‘s taobh a-muigh Gàraidhean Chearnag Mhadison às dèidh Billy Joel agus bòrd-sanais dealrach a’ lasadh san oidhche, bha an dubhar sin fhathast ann.

Ach air an darna làimh, nuair a ràinig mi an taigh-òsta agam agus rinn mi mi-fhèin cofhurtail leis gun robh e trì uairean sa mhadainn (dhomhsa co-dhiù, le diet-dàil còig uairean) mhothaich an àireamh de dh’àiteachan airson plug a chur. Ann an taighean-òsta san dùthaich, ‘s gann gum faighear ach aonan air taobh thall an t-seòmair – ann an Ameirigea, dh’fhaodadh tu meur de Churrys a chumail a’ dol! Bha e mar sin air an Amtrak agus air Bus a’ Mhadaidh-liath cuideachd, fiù ‘s anns na seòmraichean-ionnlaid! Slàinte is Sàbhailteachd? Cha robh guth air!

Dh’fhairich mise mar gun robh seo a’ dol gu cridhe Ameirigea – an dorchadas làn de chothrom airson solas. A’ coiseachd tro shràidean dorch Iorc Nuadh, choinnich mi ri feadhainn cho càirdeil a choinnich mi riamh. Dh’fhairich mi cràdh nan Tùsanaich aig Taigh-Tasgaidh Nàiseanta nan Innseanach Ameirigeanach agus dh’fhairich mi càirdeas nan daoine dubha nuair a choisich mi sìos Boulevard Malcolm X nam fhèileadh. Chunna mi ri taobh Abhainn Hudson, pàircean agus goireasan spòrs air an ruith leis ma coimhearsnachdan, fiù ‘s raon fosgailte airson cùrachanachd an asgaidh do dhà cheud! Tha A’ Choimhearsnachd Mhòr ag obair fada nas fhèarr ann an Ameirigea na dh’obraich i riamh ann am Breatainn Fèineil Faoin Sanntach a’ Chamshronaich.

A dh’aindeon gach rud, bho bhochdainn nan sràidean gu Mac Mallachd Àird Thunga san Tobht Gheal, tha mise fhathast a’ creidsinn ann an Ameirigea. ‘S e sin an t-òran mu dheireadh air Nebraska aig Springsteen, Reason to Believe, clàr cho dorch ‘s cumhachdail a tha ann. Feumaidh gur e sin a bhios a’ cumail nan daoine a’ dol an aghaidh cruadail is chnapan-starra. A-nis, tha mi a’ falbh dhan Talamh Fhuar, ach bidh mi air ais uaireigin airson an Aisling fhaicinn uair eile.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “An Cumhachd ’s an Dorchadas | Ag aisling ann an Ameirigea

  1. Fìrinn innse, ’s fheàrr leam Breatainn Fèineil Faoin Sanntach a’ Chamshronaich na Ameirigea Fhialaidh Ghlic Choibhneil an Trumpaich …

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach