An Diùc Agus A Phìobaire | Alasdair Paul

https://commons.wikimedia.org/wiki/File:%22Angus_MacQuarrie_-_Angus_the_piper_with_his_89_year_old_pipes,_Arisaig%22_(17301127442).jpg

Is iomadh tachartas a chaidh ann an doillearachd tro thìm. Is iomadh sgeul a thèid iomrall air teanga mac an duine; agus thèid cuid dhiubh a chuir trulainn a dh’aona-ghnothach gus an fhìrinn a chleith. Cò am fear dhiubh sin as motha a thug buaidh air freastal an sgeòil seo? Chan fhiosraich do dhuine.

Ach tha aon rud cinnteach agus ’s e sin nach eil fìos aig duine a tha beò san latha an-diugh; dè direach a thachair an oidhche ud. Ach bha. Bha fios aig an fheadhainn a bha an làthair. Nam measg bha pìobaire. Pìobaire à Alba.

La maison Doreè, Paras, Oidhche Iuchair, 1863

Bha Paris air bhoil ann am meadhan na 19mh linn. Bha am baile trang ga ath- chruthachadh anns an dreach neo-aimsireil as aithne dhuinn san latha an-diugh. Bhathar a sguabadh air falbh a h-uile cùl-shràid chumhang den t-seann-bhaile meadhan-aoiseach far an gineadh ar-a-mach is galaran. Nan àite dh’èirich boulevardes leathann nan ruith tro thogalaichean greadhnach is air am puingeachadh le carraighean is ìomhaighean.

B’ e Paris an t-àite san do lorgadh na h-Eòrpaich as adhartaiche nan smuaintean agus nan saoibhreas. Bu nàdarrach e gur ann am Paris a chuireadh seachad an Diùc cuid mhath de a thìde ged a bha na h-oighreachdan aige nan laighe fada gu tuath ann an Alba.

An oidhche sin lorgte e ann an taigh-bìdh La Maison Dorèe mar a bhiodh e air iomadh oidhche eile. Bha La Maison Doreè air na taighean-bìdh a bu chliùtaiche ann am Paras agus bha e làn airidh air ainm air sgàth a chuid sòghalachd a lorgadh na bhroinn. B’ iad a’ chiad rang de na daoine a bu bheartaiche a-mhàin a bha comasach air fhrithealadh, agus bha fàileadh na cuisine ùr a thigeadh às air a mheasgachadh le fàileadh an airgid ùir.

Timcheall a’ chòrnair bho na dorsan a bha fosgailte dhan phoball air sràid Mhòr Boulevard des Italiens bha doras beag ri lorg anns a chùl-shràid Rue Laffitte far an rachadh na h-uachdarain mhòra is daoine cliùteach na linn; falaichte bho amharc a’ mhòr-shluaigh. Shuas staidhir bhon doras bha na cabinets far am faighte am biadh agus am fìon a b’fhearr san t-saoghal còmhla ris na toileachaidhean beaga nach robh ceadaichte do na h-aoighean nam beatha oifigeil. B’ ann dhan taobhsa a chaidh an diùc mar bu ghnàth dha agus a phìobaire na chois.

Theàrn am pìobaire bhon charbad; a-mach dhan chùl-shràid. B’ e oidhche bhruthainneach a bh’ann. Bha na h-eich frionasach, is miann aca fhaighinn air falbh bho chuingealachadh na sràide cumhaing is faileasan nan corra dhuine a bha a’ triall tron leth-dhorchadas mar thaibhsean. Na fhèileadh thiugh, bha am pìobaire a’ faireachdainn teth, mì-chofhurtail agus tachaiseach sna badan far nach biodh e iomchaidh sgròbadh. Bha an diùc air a dhol air thoiseach air agus dh’aithnicheadh am pìobaire air a cheum cugallach gun robh an deoch air, ged nach robh e gu tur air mhisg fhathast. B’ e oidhche fhada a bha gu bhith roimhe, agus bha fhios aige gur ann an urra ris-san a bhiodh e rian a chumail air cùisean cho math’s a b’ urrainn dha.

Thug e a-mach uaireadair bho phòcaid broillich. Fichead ʼs a còig às dèidh a h-aon uair deug. B’ e seo an uaireadair a thugadh don Phìobair le banrigh na h-Òlaind às dèidh dhi tadhal air oighreachd an diùca ann an Alba. Air cùl an uaireadair bha na faclan ‘le taing airson ur cuideachd agus ur stiùireadh’ air an gràbhaladh. Don phìobaire bha an uaireadair na shamhla air an inbhe a bha e air ruighinn am measg nan uachdaran agus bhiodh e a’ tàmh gu tèarainte na phòcaid faisg air a chridhe, ge be far an rachadh e. B’ e Duitsis aon de na còig canain a bha aig a’ phìobair. Sin a’ bharrachd air a’ Ghàidhlig a fhuair e aig glùn a mhàthar, ach cha do mheas e a’ Ghàidhlig a bha aige mar chanan nua-aimsireil na h-Eòrpa no clasaigeach mar an Laideann a bha aige, agus mar sin cha bhiodh e air a cunntadh.

Thionndaidh an diùc ris a’ phìobaire is smèid e air. “Come on man. The world waits for no one” Dh’èigh e. Shìn am pìobair a làmh a-steach gu cùl a’ charbaid is thug e a-mach am bogsa leis a’ phìob mhòr na bhroinn. Thuirt e ris an dràibhear, a bha a’ strì leis na h-eich, ann am Fraingis, tarraing às ach a bhith deiseil gus an togail a-rithist. Cha robh e an dàn don diùc feitheamh ri duine sam bith agus cha robh sgeul air nuair a thàinig am pìobaire a-steach air doras an taigh-bìdh. Ach bha fìos aige far an lorgte e; seòmar 6, am fear don rachadh na daoine a bu bheartaiche is a bu chliùitiche.

Nuair a ràinig e an seòmar bha an diùc mar-thà na shuidhe aig a’ bhòrd a’ cur beannachd air a h-uile duine. Bha coltas dachaigheil air an t-seòmar, mar iomadh seòmar grinn ann an taigh mòr no lùchairt bheag, ach cha robh an seachdnar no ochdnar fhireannaich a bha an làthair gan giùlan fhèin mar a bhiodh iad anns an dachaigh. Bha iad air an sìneadh air na sèithrichean, na seacaidean is na crabhatean aca air an tilgeil gu aon taobh is na lèintean aca fosgailte mun mhuineal. Bha an còmhradh àrd is làn lachanaich is an seòrsa cainnt nach biodh iomchaidh an cuideachd an teaghlaichean. Cha robh coltas nan corra bhean a bha san rùm idir mar choltas mhnathan no nigheannan nam fear. Bha na dreasaichean aca aotrom is bha fada a bharrachd craiceann ri fhaicinn orra. Sgiathalaich iad mu na fir mar eòin chian-thìreach.

B’ aithne don phìobaire cuid a bha an lathair. B’ e Napoleon III e fhèin a bha aig ceann a’ ghnothaich. Bha an diùc càirdeach don mhòr-rìgh Napoleon tro a bhean. (Bhiodh e a’ sìor-chur iongnadh air a’ phìobaire cho tric ’s a bhiodh uachdaran na h-Eòrpa càirdeach do chàch a chèile). B’ e an càirdeas sin an t-slighe a thug a-steach an diùc do shaoghal prìomh-uachdaran na Frainge. Ri taobh Napoleon bha Baran Haussmann na shuidhe, am fear a bha os cionn cur an gnìomh nam planaichean aig Napoleon airson Paris. Bha dithis neach gnìomhachais ann; bancair agus fear a bha na mhanaidsear aig companaidh-rèile. Bha an còrr dhiubh nan uachdarain air coireigin; cunnta, baran no prionnsa, cha robh cinnt aig a’ phìobaire. B’ e cuspair a’ chòmhraidh leasachaidhean. Bha an dithis aig ceann a’ bhùird, Napoleon is Haussman, a-mach air mar a bhiodh Paris na h-eisimpleir dhan t-saoghal mhòr san àm ri teachd air mar bu chòir don t-saoghal a bhith air a riaghladh; chan ann a-mhàin gu fiosaigeach, ach a thaobh an t-sòisealtais chothromaich a dh’èiricheadh gu nàdarra bhon rianalachd.

Nochd truinnsear eisirean is botal Bhurgandy air beulaibh an diùc is thòisich e air na h-eisirean a thilgeil sios a sgòrnan gu rapach. Mhothaich am pìobaire don mhì-fhoighidinn ann an sùilean Napoleon ged nach tuirt e smid. Bha fios aig a’ phìobaire nach biodh an còmhradh a’ tighinn ri càil an diùc. B’ fhearr leis còmhradh mu eich no bhoireannaich, ach feumaidh gun robh e dhen bheachd gum bu chòir dha rudeigin a chur ris a’ chonaltradh. ‘S e seo an dearbh rud a tha sinn fhèin a’ feuchainn ri coileanadh air an oighreachd a tha agam air Gàidhealtachd na h-Albann’. Ruith boinneag sùgh eiseir sìos smiogaid an Diùc. Thabhainn e fìon don a h-uile duine is thug e glainne mhòr dha fhèin. Shuath e an sùgh bho shmiogaid le neapraig is lean e air.

“Cha b’ fhada bho bha an oighreachd a thiomnadh dhomh air an fheadhainn a b’ fhaide air dheireadh anns an Roinn-Eòrpa. Siostam àiteachais a bhuinneadh do na meadhan-aoisean a bh’aca an uair sin; fìos agaibh. Cha robh fiù ’s Beurla aig an t-sluagh. B’e Erse a bh’aca; seòrsa de dh’Èireannais choirbte a bh’ann. Ach is mòr an t-adhartas a rinneadh bhon uair sin; tuathanasan mòra, gnìomhachasan is sgoiltean ùra. Tomhas de Bheurla co-dhiù air teanga a h-uile duine. Cha mhòr nach aithnicheadh sibh an t-àite bho mar a bha e!” Ghabh an diùc balgam mòr “Agus, mar thoradh air na h-atharrachaidhean fhuair sinn fiù ’s an cothrom sìobhaltas is Crìostachd a chur a-null thairis le na daoine a dh’fhalbh.” Ghnog a h-uile duine a cheann is bhuail Napolean a bhasan gu h-aotrom.

“Ach gu leòr dheth sin” Shìn an diùc a làmh an comhair a phìobair. “A ghille. A phìobaire uasal. Nach toir sibh beagan togail dhuinn le port no dhà’.” Thug am pìobaire a phìob a-mach às a bogsa is dh’èirich e is e ag airsnealadh na h-ionnsramaid. Dhanns seudan a’ chrùn-choinnleir gu frionasach os cionn an duis mhòir fhads a bha a’ phìob ga gleusadh. Sheas am piobaire gu dìreach is theann e ri Urlar Cumha na Cloinne, am port a ghlèidh farpais Coinneimh a Tuath dha o chionn beagan bhliadhnaichean.

Sguir’, dh’èigh an diùc ‘Sguir dhen cheòl tiamhaidh agaibh. ‘S e a tha dhìth oirnn rud aighearach.’ Bhàsaich fuaim na pìob le osna pianail. Smaoinich am pìobair air a’ phort chruinn a bu shuarach a bh’ aige agus b’e sin a chluich e. Thòisich na caileagan air dannsadh is air mireadh ma thimcheall is thàinig dhithis dhen uachdaranan a-nall nan cuideachd is iad a’ leumadaich mar bhoc fèidh as t-earrach.

Nuair a stad an ceòl ghluais caileag air cùl a’ phìobaire. “An fhìrinn na chanas iad mu na lorgas fo fhèileadh nan Gàidheal?” Thuirt i, is leis a sin thog i pleataichean na fèilidh a’ toirt sealladh air sliasaid gheal a’ phìobaire don a h-uile duine a bha an làthair. Thug am pìobaire snodha-gàire modhail dhi is chuir e air ais fhèileadh an òrdugh.

Sheas an diùc gu cliobach “Seallaidh mo phìobair dhuibh a-nis dannsadh mar is còir dha a bhith'”Ars esan, a’ garachdail. “A bharrachd air a bhith na dheagh-phìobaire tha esan air fear de na dannsairean as fhearr a lorgas ann an Alba. Tha làn a chròig de bhuinn aige a-staigh a ghlèidh e airson a chuid dannsaidh; eh a’ bhalaich!'” Chuir am pìobaire a’ phìob gu aon taobh is rinn e corra cheum dhen Highland Fling ’s e a’ meudachadh nan gluasadan mar ghlaoic is a’ tilgeil a shàilean cho àrd ’s a b’urrainn dha. Nuair a bha e cinnteach gun robh fiamh a’ ghàire air aodann a h-uile duine sguir e is thill e dhan t-sèithear aige.

Bha e air a dhleastanasan a choileanadh. Bha e na fhallas glan a-nis. Chaith e bhuaithe a sheacaid is dh’fhuasgail e coilear a lèine. Nuair a bha e air seatlaigeadh is a thug e sùil air ais dhan bhòrd bha an diùc a’ fàgail an t-seòmair an cuideachd boireannaich. Thug e an uaireadair a-mach às a phòcaid. Còig mionaidean às dèidh aon uair. Aidh, oidhche fhada gu dearbh a bha gu bhith aige.

Dh’èirich Napoleon bhon bhòrd. Bha e air a bhith san aon sèithear fad na h-oidhche; is cinnteach gum feumadh e a chasan altachadh. Chuir e iongnadh air a’ phìobaire nuair a mhothaich e gur ann ga ionnsaigh a bha e a’ tighinn. Nuair a ràinig e an taobh a bha am pìobaire chàraich Napoleon a làmh air a ghualann. “Na èiribh” thuirt e sa Ghearmailtis a bha na bu nàdarra dha na Fraingis ri linn fhuadachadh dhan Ghearmailt na òige “Bha mi dìreach airson taing a thoirt dhuibh. Mo bheannachd oirbh” Leis nach robh e idir an dùil ris thug e greis mus tàinig e gu aire a’ phìobaire gur ann anns a’ Ghàidhlig a bha na faclan mu dheireadh seo. Bha blas caran neònach orra ach thuig e iad gu dearbh; beannachd air a thoirt dhasan; anns a’ Ghàidhlig; bho bhilean Napoleon! Bha annas cho mòr is nach b’urrainn dha freagairt. “Tha fìos agams” lean Napoleon, “Gur iad Gàidheil na h-Albann na daoine as uasaile san Roinn-Eòrpa. Tha meas mòr air a bhith againn, nar teaghlach orra airson ùine fhada. Rachainn cho fada fiù ’s ri radh nach bithinn an seo as aonais dìleab nan Gàidheal. B’ iad na dàin aig Sàr-bhàrd nan Gàidheal Oisin a bhrosnaich a’ chiad Napoleon; sin bràthair m’ athar mar a bhios fìos agaibh. Bha lethbhreac dhiubh na chois anns a h-uile cogadh san robh e an sàs. Cuiridh mi geall oirbh nach robh fios agaibh air a sin.”

Dh’fhalbh am mòr-rìgh is nochd boireannach na àite. Cha robh am pìobaire cinnteach an e Napoleon no an diùc a chuir ga ionnsaigh i. Theann i air slìobadh fhalt le dàrna làimh is a cniadachadh a bhroilleach leis an làimh eile. Bha a cìochan blàth air an dinneadh air cùl amhaich. Dh’fhairich e tachas de sheòrsa eile a-nis fo fhèileadh ach cha ghèilleadh e ris. B’ fheudar dha smachd a chumail air cùisean. Rinn e snodha-ghàire ris a’ chaileig ach le fuachd na shùilean. Ghabh i ris an teachdaireachd is mhèath i air ais a-steach don chuideachd.

B’ e greis mhath mus do thill an diùc dhan rùm le gruaidhean ruadh is falt mì-sgiobalta. Cha robh ach triùir a-nis aig a’ bhòrd is aonar eile gun mhothachadh na shìneadh air chaise long gu aon taobh is e a’ srann gu socair. Bha adhar an t-seòmair tiugh le toit shiogaran. Bha dòrlach chairtean air an sgaoileadh eadar an cuideachd is cruach bheag airgid ri taobh gach fear. Thug an diùc corra bhonn a-mach às a phòcaid is thilg e air a’ bhòrd iad le brag. ‘Cunntaibh a-steach mi’ ars e. Sheall Napoleon air is thuirt e “Ciamar a tha nighean mo bhràthair air an tràth seo, co-dhiù; ur bean a tha mi a’ ciallachadh?”

“Taghta, dìreach taghta'”Fhreagair an diùc, a’ tilgeil fras smugaid leis a h-uile facal. “‘S ise a bu chòir a bhith. Thog mi caisteal dhi air a’ Ghàidhealtachd. An-uiridh, thog mi fiù ’s taigh-samhraidh Babharianach dhi a chuireadh na cuimhne làithean a h-òige anns a’ Ghearmailt.”

“Mar a chuala mise e ’s ann mar seilear fìona as motha a thog sibh an caisteal. Canaidh iad gur ann anns a’ chaisteal agaibh a lorgas am fìon as fhearr san Roinn-Eòrpa.”

“‘S i an fhìrinn gu bheil botal no dhà de dheagh-fhion agam a-staigh. Blaisidh ur mòrachd orra nuair a thig sibh a thadhal oirnn!”

Theann iad ri iomairt chairtean is cearrachais, is cha chualar ach monmharan fann bho seo a-mach. Bha na cnapan airgid a’ sior-mheudachadh is a’ lùghdachadh, ach mhothaich am pìobaire bho oir a shùla gur e cnap an diùca as motha a chrìon thar ùine. Thog am pìobaire uaireadair bho a phòcaid. Fichead mionaid ’s a dhà às dèidh a dhà. Cha ruigeadh iad dhachaigh ro bhriseadh an latha. Chaidh na diogan nam mionaidean is dh’fhàs na mionaidean gus an robh uair a thìde, is barrachd air a dhol seachad. Bha am pìobaire na leth-chadal nuair a chaidh an t-sìth a bhriseadh na spealagan.

Dh’èirich Napoleon na sheasamh. Ghlac am mòr-rìgh an diùc na shùilean is thuirt e le guth cruaidh “Nach mithich dhuibh falbh! Bu chòir dhuibh falbh! Feumaidh sibh falbh a-nis!” Cha robh fios aig a’ phìobaire dè dìreach a dh’adhbharaich an fhearg. An tug an diùc car à Napoleon no an e oilbheum a thug e dha?

Dh’èirich an diùc is chliob e an comhair a chùil. Thog e a sheacaid bho cùl sèitheir is chuir e uime i le riasladh. Thàinig Napoleon mu choinneamh an diùca is phut e a dh’ionnsaigh an dorais e is an uair sin a-mach dhan trannsa. Lean càch a-mach an doras iad leis a’ phìobaire aig a’ chùl feuch de dh’èireadh bhon t-suidheachadh mì-chàilear. Thuislich an diùc a shlighe sios an trannsa le Napoleon air a shàil. Aig mullach na staidhre chruinnich iad nan cròileagan leis a’ phìobaire ceum no dhà gu aon taobh. Lean Napoleon air a’ maoidheadh air an diùc, is an diùc a’ feuchainn ri freagairt a thoirt dha ann an guth circe air a tachdadh.

An do thuit e no an do phut Napoleon e? Sin a’ cheist nach fhaigh freagairt gu bràth. Nochd an diùc bhon chuideachd, ’s e a’ tuiteam sìos an staidhre an comhair a chinn le buillean grànda eadar ballachan cumhang na staidhre is bragail briseadh chnàmhan. Thàinig e a laighe dìreach ro bhonn na staidhre. Bha a bhodhaig glacte, fiar eadar an dà bhalla, le car mì-nàdarra na chas is na amhaich. Rinn am pìobaire a shlighe tro chàch is sios an staidhre gu far an robh an diùc. Chuir e a mheur an taic ri muineal an diùc is e a’ feuchainn ri buille-chuisle a lorg. Ach bha e follaiseach don a h-uile duine gun robh an diùc fuar, marbh.

Shlaod am piòbaire an diùc gu bonn na staidhre is chàraich e an corp na shìneadh air an ùrlar. Phaisg e làmhan an diùc air a bhroilleach is dhùin e a shùilean. Thug e an uaireadair a-mach às a phòcaid. Naoi mionaidean às dèidh a ceithir. Ghreimich e air a’ chnag air ceann an uaireadair is spìon e às e. Stad na spogan far an robh iad. Thug e air ais dha phocaid e is choisich e a-mach an doras a ghabhail adhar fionnar na camhanaich.

 

  • Alasdair Paul
FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach