Ceann-cinnidh nam maragan uile

24472192712_f09237f8b0_o

Mùirneach, cridheil ’s a tha d’ aodann
Ceann-cinnidh mòr nam maragan uile,
Os an cionn, tha thu nad shuidhe,
Maodal, sgamhan, mionach no caolan,
‘S tu tha airidh air an altachadh daonnan
Cho fada rim làimh ’s rim ghàirdean.

Tàth-chuid

  • 1 mhaodal caora
  • Mionach na caora (ʼs e sin: an t-adha, an cridhe, na sgamhanan)
  • 250 grama de dhubhagan caora (lòineachain – dubhagan agus an geir)
  • Salann is piobar
  • 3 uinneanan
  • 500 grama de mhin-choirce, bleith gharbh

 

Dòigh-dhèanaimh

 

Nigh le cùram maodal na caora, ga cur caoin air ascaoin mar mhiotag, agus a’ toirt deagh sgùradh air an taobh a-staigh. Fàg i na bogadh feadh na h-oidhche ann an uisge saillte.

Nigh am mionach, agus bruich ann an uisge saillte e airson dà uair a thìde. Tharraing far an uisge e, thoir às na maoth-chnàimhean (na maothalain) agus a’ phìob-sgòrnain, agus pronnaich a h-uile rud le bhith ga mhion-ghearradh le sgian, air neo, ga chur tro inneal-pronnaidh.

Rùisg na h-uinneanan agus bruich iad gu clis san uisge ghoileach agus cuir tron inneal-phronnaidh iad cuideachd. Glèidh an t-uisge goileach san deach am mionach a bhruich. Ann an adhann-ghrìosaich, dath gu mall a’ mhin-choirce gus a bheil e gu math cruasbach.  An sin, cuir a h-uile rud còmhla le beagan dhen uisge ghlèidhte, agus taoisnich am brolamas gus am bi e rèidh, sùbailte.  Lìon mu dhà thrian dhen mhaodal leis ‘a’ ghlutadh’ seo . Dinn às an t-èadhar, agus ceangail am meadhan le sreang ma tha feum air sin. Dèan corra bhriogadh air a’ mhaodal le snàthad gus nach sgàin i fhad ʼs a thathar ga bruich. Caoin-bhruich i a trì no ceithir uairean a thìde ann am prais mhòr ghoileach le ceann dùinte. An uairsin, cùm an taigeis blàth agus thoir dhith an sreang. Riaraich buntàta is snèap phronn an cois na taigeis.

Sin an taigeis agad deiseil! Agus cuimhnich, gur e a’ chiad thaom dhen taigeis as teotha!

Nuair a thèid a riarachadh, thathar a’ moladh a’ mhaodal fhosgladh fhad ʼs a tha i bruichte, teth fhathast agus an taigeis a thoirt do na h-aoighean mar sin fhèin.  Aig suipearan Burns, thèid a gabhail le dram no leann.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach