An Dream Dearg – Rèabhlaid na Gaeilge ann an Èirinn a Tuath

16106462_10154338378486247_1162323282_o

O chionn ghoirid, ma bha caraidean agad le Gàidhlig na h-Èireann a’ fuireach anns a’ Cheann a Tuath, mhothachadh tu cearcall geal air cearnag dhearg a’ nochdadh mar dhealbh air an Fhacebook agad – tha Marcas Meinnearach a’ mineachadh barrachd dhuinn mun Dream Dearg. Bigi Linn!

’S ann gu tric a tha luchd-poilitigs a’ cleachdadh cànan mar inneal-cogaidh agus ’s ann an Èirinn a Tuath a chìthear seo ach gu h-àraid.
A-rèir Aonta Cill Rimhinn no an ‘St Andrews Agreement’ feumaidh Riaghaltais nan 6 Chonntaidh, Achd na Gaeilge a thoirt a-steach, rud a tha poball na Gaeilge fhathast a’ feitheamh air o 2006. Feumaidh an dà phàrtaidh as motha ann an Èirinn a Tuath- an DUP is Sinn Féin an-dràsta – a bhith na cèile-riaghaltais. ’S iad pàrtaidhean gu math eadar-dhealaichte a th’ annta air taobhan gu tùr diofraichte gu poilitigeach; fear (DUP) aonachdach agus fear eile (Sinn Féin) poblachdach. Ann an 2011 bha smachd aig Sinn Féin air an Roinn Oideachais agus chaidh tòrr Gàidheal-sgoiltean a thogail san ùine sin. Bha Poball an Aonaidh agus an DUP air leth mì-thoilichte. Thuirt an DUP gur ann air adhbharan poileataigeach agus chan ann air adhbhar cultarail a bha Sinn Féin a’ dèanamh nan co-dhùnaidhean oideachais seo.
O 2016 air adhart tha an DUP a-nis os cionn an Roinn Oideachais agus a’ gluasad an aghaidh Gàidheal-oideachas. Tha luchd nan Gaeilge ann an Èirinn a Tuath a’ faireachdainn gun robh an DUP a’ dèanamh taire orra bhon uair sin. San t-Samhain seo chaidh thuirt Peter Weir, Ministear Oideachais, nach robh a Roinn deònach conaltradh sam bith a dhèanamh tro Ghàidhlig na h-Èireann nas motha. Thuirt Aire a’ Phobaill, Paul Given, cuideachd gun robh e a’ cur crìoch air sgeama maoineachaidh (Líofa). Bha £50,000 ann airson cuideachadh ri suas gu 100 sgoilearan a dhol gu cùrsaichean Gàidhealtachd gach bliadhna. Ach a bharrachd air seo, chaidh air iarrtasan Gàidheal-sgoilean a dhiùltadh gun chùis shoilleir.

16121732_10154338377511247_1633694672_o
Chaidh an Dream Dearg a stèidheachadh ann am Beul Feirste ann an 2014 as dèidh latha mòr na Gaeilge ann an Èirinn: Dearg le Fearg. Bha iad a’ sireadh còraichean cànan sna 6 Chonntaidh agus a’ feuchainn ri Achd na Gaeilge fhaighinn. Bha am buidheann fhèin sàmhach gu leòr gu ruige seo. Tha iad a’ cleachdadh fàinne air bhrat dearg mar shuaicheantas. Tha am Fàinne fhèin ainmeil mar shuaicheantas na Gaeilge bho 1913 a-mach nuair a chruthaich Piaras Béaslaí e mar dhòigh gus luchd na Gaeilge aithneachadh.
Chuir an Dream Dearg sluaigh-fhianais air dòigh ann am Beul Feirste an t-seachdain seo chaidh. Ged a thuirt Paul Given, Ministear a’ Phobaill, nach robh e airson taic Líofa a ghearradh, madainn an t-sluaigh-fhianaise, chaidh an sluaigh-fhianais air adhart. Tha am Dream Dearg a’ gealltainn gu bheil iad dìreach a’ tòiseachadh agus gun cum iad orra a’ sabaid airson còraichean cànan sna 6 Chonntaidh. Tha iad a’ dol bho neart gu neart agus a’ toirt aire air cheist na Gaeilge air feadh an Rìoghachd Aontaichte.

“Is muid An Dream Dearg. Is sibh an Dream Dearg. Is cuid den Dream Dearg gach duine a chreideann i gcothromas, cearta agus cóir. Bígí páirteach sa ghréasán oscailte seo de dhíograiseoirí Gaelacha ó gach cearn agus cúlra. Bígí linn. Bímís #DeargleFearg.”

– Marcas Mèinnearach

16111522_10154338379566247_18530031_n

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach