An Dùbhlan | Tormod agus Seonaidh Ailig

Tormod-agus-Seonaidh-Ailig-1200x599

Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain (1937-2017) agus Tormod MacIlleathain (1936-2017)

Tha e do-dhèanta mar iris Ghaidhlig, nach b’ urrainn dhuinn luaidh air choireigin a dhèanamh air an dà sheòd a shiubhail Dihaoine sa chaidh. Bha am pailteas de phìosan iongantach anns an dà chànan le APC, Uisdean Dan, Jamie Chambers, agus cuimhneachain eile a bha na bu ghiorra ach an ceart cho drùidhteach aig an leithid Rob Dunbar, Linda NicLeòid agus iomadh neach eile air dithis a  bhios a’ cur fìrinn a-steach dhan t-seann duan aig na h-Èireannaich “Chan fhaicear an leithid a-rithist.”

Tormod agus Seonaidh Ailig. Aithnichte len ciad-ainmean. Fir nan ioma-bhuadh le comas sa h-uile roinn air an toireadh iad buaidh; pìobaireachd, craoladh, bàrdachd, poileataigs, cleasachd, leasachadh, còmhradh agus fiù ’s anns na roinnean nach robh buileach cho tlachdmhor – obair na dibhe agus margaidheachd na cumhachd niuclasaich. Fir a bha thall is a chunnaic. Fir a bha brosnachail agus taiceil agus fialaidh dhaibhsan a bha a’ tighinn airson comhairle agus seanchas, a-rèir nan clachan mòra a chaidh a chur ris na càrnan a sheasadh co-dhìu cho àrd ri Eubhal no Beinn Mhòr, no fiù ’s na b’ àirde. Sreathan a’ ruith o Choruna gu Ceap Breatainn, o shràidean Ghlaschu gu Gearraidh na Monaidh – a tha air tighinn gu ceann san t-saoghal seo gu corporra ach a leanas gu bràth cho fad ’s gu bheil Gàidhlig ga bruidhinn air gach taobh dhen Chuan.

Gidheadh, aig Dàna, ’s mathaid gur e sgrìobhadh a bhios anns an dileab as motha aca. Is e cuot à Steall à Iomadh Lòn a chleachd An Là ann am bàs-chlàr Sheonaidh Ailig airson clach a chur air a chàrn, agus le cinnt, ’s e litreachas far an robh Tormod a’ tighinn fìor bheò – ann an Gàidhlig agus Beurla – uaireannan a’ strì gus crìoch cho math ri toiseach nan leabhraichean a chur ri chèile ach an-còmhnaidh a’ spreadhadh le mac-meanmna agus spòrs – cò eile a bhideadh làmh a mhaighstirean le Cumhnantan, a sgrìobhadh bodice-ripper leithid Keino, agus àbhachdas cho àraidh ri Dacha mo Ghaoil, sgeul mu Dheasaich a’ tòiseachadh tuathanas Ostrich còmhla ri ban-Ruiseanaich? Agus dà bhàrd a’ Chomuinn a th’ annta cuideachd! (Èist ris An t-Slabhraidh le Seonaidh Ailig an-seo agus gheibhear Maol Donn le Tormod anns an Tuil le Ronnie B) Chan urrainn do dhuine na h-obraichean aca a leughadh gun a bhith ga bhrosnachadh is ga thogail suas mar Ghàidheil is mar cho-chreutair.

Is e iris shaor-thoileach a th’ ann an Dàna – cha do ghabh sinn riamh sgillinn ruadh airson ar cuid-obrach agus uaireannan bidh sinn nar tosd ach tha sinn an dòchas gun tog sinn faram ann an inntinnean agus cridhean dhaoine le sgrìobhadh a tha togarrach, beòthail agus tarraingeach. Ach nuair a thòisich sinn an iris, bha sinn gu mòr airson daoine eile a bhrosnachadh a bhith a’ sgrìobhadh cuideachd, agus le sin, tha sinn a’ cur dùbhlan romhaibh – thigibh cuide rinn air an turas seo tro sgrìobhadh ùr na Gàidhlig. Cuide ri chèile, nì sinn direadh air na beanntan a chuir Seonaidh Ailig agus Tormod, agus na seòid eile a lean iad, romhainn.


 

Ma tha ùidh agaibh ann an sgrìobhadh airson Dàna air cuspair sam bith, cuiribh fios thugainn aig fios@danamag.org air neo tron duilleig Facebook againne – thèid taic agus obair-deasachaidh a thoirt seachad leis an sgioba againn.

  • Dàna
FacebookTwitterGoogle+Roinn

One thought on “An Dùbhlan | Tormod agus Seonaidh Ailig

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach