An Fharpais Eadar-mheadhanach | Cupa a’ Bhaile Mhòir

Thèid a’ chiad chuairt-dheireannach nàiseanta den t-seusain ann an iomain a chluich Disathairne aig an Àird sa Ghearasdan. Is e sin Cupa a’ Bhaile Mhòir a theid a chluich eadar Cill Mhaillidh agus Glaschu Meadhan-Earraghàidheil.

Is e an fharpais chupa airson sgiobaidhean aig an ìre eadar-mheadhanach agus tha e a’ toirt cothrom dha sgiobaidhean fon Phrìomh Lìog duais a bhuannachadh gun uallach o na fuamhairean mòra ann am Bàideanach is Taigh na Bruaich.

Tha eachdraidh inntinneach aig a’ chupa. Is e seann dhuais a th’ ann a chaidh a thoirt seachad le Caiptean Cailean MacRàth a’ Bhaile Mhòir (bràthair Iain MacRàth-Gilstrap a rinn ath-nuadachadh air Caisteal Eilean Donnain agus a chuir airgead ris a’ chupa cuideachd).  B’ ann airson sgiobaidhean ann an Comhghall agus Caolais Bhòid a bha an fharpais agus bhiodh Caolais Bhòid, Eilean Bhòid, Ceann a Tuath Eilean Bhòid, Camas nam Muclach agus Rovers an Rubha Bhàin a’ strì air a shon ron Chogadh Mhòr.

Uaireigin o chionn fhada chaidh an fharpais à bìth, agus cha b’ ann gus na h-ochdadan a chaidh an cupa a thoirt seachad le Caiptean Donnchadh MacRàth Eilean Donnain do Chomann na Camanachd. Bha fèill mhòr air an fharpais ùr, a bha a’ lìonadh beàrn eadar Cupa na Camanachd agus Cupa an t-Sutharlanaich, an dà fharpais an urra ris na “seniors” agus na “juniors”. Rinn Eilean Bhòid an gnothach air Gleann Garaidh sa chiad Chuiart Dheireannach 3-2.

Is mathaid gun robh e freagarrach gun do thog Eilean Bhòid an cupa air a’ chiad chluiche ann an 1985, ’s iad agus Cabar Feidh an dà sgioba as soirbheachaile san fharpais le còig tiotalan an urra.  Leis gu bheil na sgiobaidhean as fheàrr aig an ìre seo mar as trice a’ dol suas dhan Phrìomh Lìog, chan ann tric a bhios sgiobaidhean a’ faighinn cothrom a ghlèidheadh an ath bhliadhna agus mar sin, tha sin a’ ciallachadh gu bheil deagh mheasgachadh de sgiobaidhean air an tiotal a thogail thar nam bliadhnaichean. Bhuannaich na Sgitheanaich e ann an 2008 agus 2014 (gu h-annasach leis an aon sgiobair, Gilleasbuig MacDhòmhnaill aig an stiùir). Bha iad air an cupa a chall dà thrup roimhe ann an 1999 (an aghaidh Loch Carrainn) agus 2003 (an aghaidh Shrath Ghlais).

Is bochd nach eil an cupa fhathast ga chraoladh le BBC Alba. (Nach math gu bheil an aithris air fad sa Ghàidhlig a-nis, ged tha e coltach nach eil iad deònach neach eile fhastadh còmhla ri Hugh Dan airson beachdan air a’ ghèama thoirt seachad sa Ghàidhlig.) Is mathaid gun robh fear de na tachartasan a b’ ainmeile ann an eachdradh craoladh na camanachd a’ nochdadh ann an cuairt-dheireannach Cupa a’ Bhaile Mhòir. Is e sin nuair a chleachd Gòrdan Ceanadach a cheann airson am ball a stad o bhuille-peanais  as dèidh ùine a bharrachd. Ged bu choir am buille a bhith air a h-ath-ghabhail, (’s e droch-chleasachd a th’ ann am ball a chluich le do cheann) cha b’e sin a thachair agus thug Ceann Loch Seile an cupa air ais gu Dùthaich MhicRàth.

Tha an cupa math cuideachd airson cothrom a thoirt do chlubaichean le deagh ghoireasan a bhith a’ cumail cuairt-dheireannach. Chan ann tric a thèid an gèam a chumail aig pàircean far an tèid Cupa na Camanachd a chumail. Cha robh an gèam seo ga chumail aig an Àird o chionn ochd bliadhna (nuair a chleachd an Ceanadach a cheann). Tha Gleann Urchadain, a’ Mhanachainn, Cabar Feidh agus Taigh an Uillt uile air an cothrom fhaighinn gus a’ chuairt dheireannach a chumail o chionn ghoirid.

Bidh GMA a’ cumail an-àird cliù a’ Chinn a Deas anns an fharpais. Tha iomain a’ Chinn a Deas a’ faireachdainn mar gu bheil e ga chumail sìos le Comann na Camanachd agus bidh tòrr o thaobh a-muigh Ghlaschu a’ cur taic riutha. Cha do ghleidh iad an fharpais riamh, ged a chaill iad an aghaidh na Manachainn ann an 2015 ann an Ceann a’ Ghiuthsaich. Tha deagh mheasgachadh aig Glaschu le cluicheadairean òga às a’ bhaile fhèin, leithid Fionnlagh Mac a’ Mhaoilein agus Craig MacAnndrais agus cluicheadairean a rinn an cliù sa cheann a tuath roimhe, leithid Eòghainn Moireach a bha aig Cabar Feidh agus Seumas MacPhàidein a bha a’ cluich do Loch Bhraoin.

Tha iad fut agus tha iad fallain agus ’s mathaid gum bi iad an dùil gu bheil an ainm air a’ chupa as dèidh dà ghèam mhòr san fharpais mu thràth. Rinn iad an gnothach air Srath Ghlais sa chiad chuairt furasta gu leòr, ach an uairsin b’fheudar dhaibh ùine a bharrachd airson Inbhir Nis a bheatadh sa chairteal chuairt dheireannach, agus buillean-peanais airson an Gearsdan a chur a-mach san iar-chuairt-dheireannach ann an Taigh an Uillt. An iad Crothais a’ Bhaile Mhòir?

Gu mì-fhortanach, tha Glaschu a’ tighinn an aghaidh sgioba Chill Mhaillidh a tha ann an deagh ghleus aig mullach na Lìg Nàiseanta agus a tha air dhol air adhart gu iar-chuairt dheireannach Cupa na Camanachd. Dh’fhuiling an club mòran briseadh-cridhe far na pàirce an-uiridh agus tha duilgheadasan air a bhith aca am bliadhna leis an dara sgioba aig àmannan, ach tha iad air cumail orra a’ buannachadh agus bidh iad a’ coimhead ris a’ cheathramh Chupa a’ Bhaile Mhòir aca.

Far an robh slìghe dhoirbh aig GMA dhan chuairt-dheireannach, ’s ann nan glòraidh a tha Cill Mhaillidh air a bhith.  Cha robh aca ri Tatha For a chluich sa chiad chuairt leis gun do tharraing sgioba Dhùn Èideann a-mach, chuir iad còig seachad air Baile a’ Chaolais, agus an uairsin naoi gun fhreagairt air a’ Mhanachainn! Bidh Liam Dòmhnallach, Mìcheal Rodger agus Daniel Stiùbhart uile a’ coimhead airson tadhail Disathairne agus bidh obair chruaidh ro loidhne dìon Ghlaschu.

Cha do choinnich an dà sgioba fhathast am bliadhna. Bha còir aig an dà sgioba a choinneachadh cola-deug air ais ach chaidh an gèam a chur dheth ri linn bàis. Is dualach gum bi deagh ghèam an amharc ge-tà fo sgàil Bheinn Nibheis.

Cuairt Dheireannach Cupa a’ Bhaile Mhòir British Liberty Aluminium

An Aird, An Gearasdan

Disathairne 14 An t-Iuchar 2.30pm

Cill Mhaillidh V Glaschu Meadhan-Earraghaidheil

BalliemoreCup.JPG
By SologoalOwn work, CC BY-SA 4.0, Link

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach