An Jedi Deireannach | Lèirmheas

Chaidh Eòghan a choimhead air The Last Jedi aig meadhan-oidhche. Seo na shaoil e, ach na gabh dragh! Cha mhill e am plota dhuibh!

Tha sinn air a bhith a’ feitheamh fad dà bhliadhna ri freagairtean – cò leis a tha Rey? Cò a th’ ann an Snoke? Dè a tha Luke air a bhith ris ann an Hiort? Uill gheibh sibh a’ mhòr-chuid dhe na freagairtean sin anns The Last Jedi, am film ùr san t-sreath, Cogadh nan Reul. Ach cuideachd gheibhear sàr fhilm a sheasas cho math ri Empire Strikes Back ach cuideachd a sheasas mar fhilm fa leth le teachdaireachd chudromach airson na linne sa bheil sinn beò.

Tha na Reubalaich ann an staing, agus nuair a bhios sinn a’ leughadh an roimh-ràdh mhòir bhuidhe aig toiseach an fhilm, fairichidh sinn iomagaineach gun tèid iad thairis air plota Empire. Tha iad a’ teicheadh planaid mar a rinn iad ann an Hoth agus tha Rey a’ sireadh tidsear mar a rinn Luke le Yoda. Ach tha Rian Johnson air feadh an dà uair gu leth a’ cluich le ar beachdan a-cheana agus a’ cruthachadh shaoghalan ùra, mìorbhaileach.

Tha an t-àm ri teachd gu math dubh dhan chruinne-cè. Gu sìmplidh, ´s e First Order ISIS, Trump agus na Brexiteers an lùib a chèile. Tha Hux agus Kylo Ren ann an amhaichean a chèile a’ strì airson aire Snoke. Tha Hux airson tilleadh dha na seann làithean agus tha Ren airson eachdraidh air fad a reubadh às a chèile. Tha an dithis aca airson a bhith grod cho fad ’s gu bheil iad ga dheanamh. Tha Dòmhnall Gleeson rudeigin coltach ri aisling fhliuch Dhanaidh Alexander agus tha Adam Driver a cheart cho làn angst ri Hayden Christensen sna prequels ach tha e mìle uair nas fheàrr mar chleasaiche.

A’ bruidhinn air deagh chleasachd, tha Oscar Isaac iongantach mar Dameron Poe. Bu chòir dha a bhith am measg nan rionnagan as motha dhen t-saoghail, bidh e na lasair gach uair a nochdas e air an sgrìon. Cuideachd, chì sinn Mark Hamill agus Carrie Fisher nach maireann, ag obair gu h-ionmholta, a’ sealltainn mar a thug aois is briseadh-dùil buaidh air an caractaran ainmeil. Tha na cluicheadairean uile (seach aon tè shasannach am measg nan Reubalach, a tha coltach ri tidsear ealain ann an sgoil air Ghàidhealtachd) a’ faighinn cothrom an comasan a shealltainn ann an dòigh bheartach.

Is e an tèama as motha nach bu chòir dhuinn a bhith sgur a shabaid – ach cha bu chòir dhuinn sabaid airson ar nàimhdean a sgiùrsadh ach airson ar càirdean gràdhach a shàbhaladh. Sin an teachdaireachd a tha againn, agus ma tha sinn a’ dol a bhith nar sradagan a chuireas an teine a loisgeas sìos siostaman gràineil, mì-rùnach, feumaidh sinn sin a chumail aig an aghaidh.

Film a bhios gad chumail air bhioran fad na tìde agus a bheir dhut bròn is dòchas san aon bhuille. Chan eil mòran fhilmichean den leithid a’ dol a thoirt togail dhut mar An Jedi Deireannach.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach