An Latha a Dh’èirich Dòchas às an Luaithre: Aiseirigh Cànain is Dualchais Nam Mohawk

B’ e latha dubhach do mhuinntir a’ Mhohawk* a bu chòir a bhith anns an latha a chaidh an taigh aig Tehahenteh na theine. An àite sin b’ e an latha a dh’èirich dòchas às an luaithre.

‘S e cùis-uamhais a th’ann nuair a thèid taigh aig duine sam bith na theine oir chan e dìreach am fàrdach aca a thèid a chall ach an stòras dhen stuth às prìseile a bhuineas dhaibh. Ach bha rudeigin nas priseile buileach am broinn an taighe aig Tehahenteh na an stuth àbhaisteach a chruinnicheas sinn uile nar beatha. Cleas cuid de na gaisgich againn fhèin bha Tehahenteh air cuid mhath de a bheatha a chur seachad ann a bhith a’ cruinneachadh dualchas is canan nam Mohawk gus, thar nam bliadhnaichean, an deach an taigh aige na thasglann do chultar nan daoine aige.

Nuair a nochd feachd-smàlaidh nan Sia Nàseanan aig an làraich b’ aithne dhaibh an dleastanas a bha romhpa, oir bhuineadh fir is mnathan òga an fheachd dhan chiad ghinealach a fhuair cothrom air foghlam mun chanan is dualchas aca fhèin. Thuig iad cho cudromach sa bha an stòras a bha an impis a dhòl na smàl am broinn an taighe fan comhair. Mus robh an teine air a smàladh, gun for don chunnart na lùib chaidh iad a-steach dhan taigh is thug iad an stuth a-mach. Fhuair Tehahenteh comhraich rè ùine ann an taigh a nàbaidh, Karenniyo, am measg nam pàipearan aige a bha air an crochadh air feadh an taighe bho cheann gu ceann gus an tiormachadh bhon uisgeachadh a fhuair iad fo pìoban uisge an luchd-smàlaidh.

Nuair a dh’aithris Karenniyo an sgeulachd seo dhomh is i air sgrìob do dh’Alba le a teaghlach bha e follaiseach dhomh gur e sgeul a thàinig bho a cridhe is gun tug mar a thachair an latha ud togail mhòr dhi. Dhise, bha e na shamhla de thoradh na h-obrach san robh i air a bhith an sàs fad iomadh bliadhna ann a bhith a’ brosnachadh cànain is cultair nan daoine aice. Am b’ urrainn dha samhla nas treasa a bhith ann na daoine òga a tha deònach iad fhèin a chur ann an cunnart a chum maith an cultair? Cha bheag an coachladh a bha air tighinn air an t-soaghal bhon latha a chaidh mathar Karenniyo, Yakawennatoken, a bha air a bhith cuideachd gu mòr an sàs san iomairt, a-steach do sgoil air an raon glèidhte is a dh’fheuch i ri bruidhinn ris a’ cheannard sa chanan aca fhèin. Bha an ceannard air reòthadh mar choinnean air a ghlacadh ann an solasan càir is theann e ri braoisgeil gun fhìos aige dè eile a dhèanadh e. Sin an seòrsa nàire a bha aig na daoine an uairsin ron chultar aca fhèin.

Ceannardan nan sia nàiseanan 1871

B’ e sin dìreach aon de na naidheachdan a chuala mi air an latha a bha mi an cuideachd an teaghlaich aig Karenniyo a thug orm coimeas a dhèanamh air mar a thachair do na Mohawk is na Gàidheil. Ann an iomadh seagh b’ e an aon triall a thug na Mohawk bho chrìonadh gu ath-bheòthachadh ach mas e ’s gun do dh’fhuiling na Gàidheil air an t-slìghe bhiodh e duilich a dhol as àicheadh gur iad na Mohawk a bu motha a dh’fhuiling. On a nochd na ciad thuinichean air an stairseach o chionn ceithir ceud blaidhna tha iad air fiuling bho bhuille ghalaran, fuadachaidh, cogaidh, gorta, bochdainn is gràin-cihnnidh. Aig an aon àm ’s a theann na Gàidheil ri imrich a-null a dh’Aimeireaga bha na Mohawk a’ strì ris an àite aca fhèin a’ ghleidheadh san dùthaich is cunnart ann gun rachadh cur às dhaibh uile gu lèir. Cha sheasadh iad aig na cumhachdan mòra a bha a’ sàbaid airson sealbh air a’ mhòr-thìr is is cha robh roghainn aca ach cadreachas a thoirt a-mach leis na cumhachdan mu thìmcheall orra. Rè Cogadh Na Neo-eisimeileachd thàinig air a chuid a bu motha dhen Mhohawk taobhadh ris na Breatannaich an aghaidh nan Stàitean Aonaichte. Le buaidh nan Stàitean chaidh an sgiùrsadh bhon fhearann dùthail aca làimh ris an Amhiann Mhohawk agus mar dìobhaladh fhuair iad fearann thar na crìche ann an Canada far a bheil a’ chuid as motha de na Mohawk a’ fuireach an-diùgh.

Thayendanegea no Joseph Brant
a bha na cheannard do na Mohawk
aig àm Cogadh Na Neo-Eisimeileachd

Le sealbh air fearann thugadh do na Mohawk tomhas de sheasmachd a leigeadh leotha cumail a’ dol a dh’aindeoin an iomadh dùbhlain a bha fhathast gu bhith romhpa sna dhà linn a lean. Duilich ’s ged a bha an strì aca gus tighinn beò bu duilighe buileach an strì gus an dualchas agus an canan aca a ghlèidheadh is iad a’ tighinn a-nis fo bhuaidh poileasaidh ris an canar ‘Assimilation’. Far nach deach aig fòirneart no aintighearnas air cur às dhaibh b’ e sin an ro-innleachd charach a bha na poileasaidh gràin-chinnidh an riochd fiùghantais a theab buille mhairmhteach a thoirt dhaibh, oir de a th’ ann an dream gun dualchas no canan ach ainm. B’ ann tro foghlam a chuireadh am poileasaidh an grìomh aig lìonra de sgoiltean còmhnaidh. Nan rachadh clann nam Mohawk a’ sgaradh bhon choimhearsnachdan is an dualchas aca is a chur ann an àrainneachd Eòrpach, Chrìostaidh, bhiodh an sruth a bheireadh dualchas bho ghinealach gu ginealach air a bhriseadh; b’ e sinn am feallsanachd air cùl na h-iomairt. Thar na bliadhnaichean thàinig e am follais uair is uair nach e dealachadh an aon rud a dh’fhuiling clann aig na sgoiltean ach gun robh dochann, an dà chuid fìosaigeach is feiseil, cumanta. Aig aon sgoil bha seòrsa de thoil-dubh san ìoslach airson sgoilearan a dh’fheuch air teicheadh agus dh’fhulingeadh a’ chlann dochann-feiseil ann an seòmar a’ ghoileadair far nach cluinneadh an cuid èigheachd. B’ e ‘Mush Hole’ a chanar ris na sgoiltean air sgàth cho dona sa bha am biadh. A dh’ aindeoin an dròch chliùtha cha deach na sgoiltean seo à bith gu 1970 às dèidh ceud gu leth blaidhna dhen olc.

Cuid de chloinn a dh’fhuiling aig sgoiltean còmhnaidh

‘S beag an t-iongnadh gum biodh misneachd a dhìth fiù ’s air ceannard-sgoile mun dualchas aige fhèin no gun d’ fhuair Karenniyo na h-uiread de thoil-inntinn bhon t-samhla a fhuair i air latha an teine air an adhartas a chaidh a dhèanamh ann an aon ghinealach bhon uairsin. Feumar cuimhneachadh nach b’ e direach na rudan pragtaigeach a b’ fheudar a chur an gnìomh, leithid foghlam, ach gun robh slànachadh a dhìth air daoine a chaidh fhàgail cho ìseal às dèidh ceithir ceud bliadhna de dh’ ana-cheartas.

Tekahionwake no Emily Pauline
Johnson. Sgrìobhadair Mohawk

Chan eil teagamh gu bheil piseach thar tomhais air tighinn air cor dualchas nam Mohawk bhon a bha màthair Karenniyo òg ach dè mu dhèidhinn an àma ri teachd. Chunnaic mi an t-àm ri teachd an riochd na triùir òga aig Karenniyo is thèid agam air a radh gu bheil coltas dòchasach air. Ged a bha an nigheann a b’ òige aig Karenniyo, Kaya’tenens, rud beag ro òg airson cus fèin aithne a bhith aice bha an dithis deugairean aice Annonyatha, an nighinnn aice, agus Konwatsyenhiyohstha, a mac, làn mhisneachd is moit às an dualchas aca fhèin. A h-uile cothrom a gheibheadh iad bhiodh iad a’ bruidhinn sa chànan aca fhèin is b’ e Konwatsyenhiyohstha a ghabh os làimh sealltainn dhuinn cuid de na dannsiachean is cleachdaidhean aca.

A bheil leasan ann dhuinn air toabh thall na h-Atlantaig bho mar a thachair dha na Mohawk? Uill, chanainnsa ma chaidh aig sluagh a bha cho ìosal ris na Mohawk aiseirigh a thoirt don chultar aca nach eil còir againn a bhith cus ro dhubhach mu chor na Gàidhlig.

* ‘S e Kanienʼkehá꞉ka a chanas na Mohawk riutha fhèin.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach