Foghlam Gàidhlig | Mar a nì sinn an t-slìghe leis a’ choiseachd

Tha Eòghan a’ coimhead ri mar a b’ urrainn dhuinn foghlam Gàidhlig atharrachadh gus am bi e nas èifeachdaiche – a bheil an t-àm ann coimhead ri modalan eile airson foghlaim?

“cha do dh’ aithnich mi ’m brèid Beurla,
an liomh Gallda bha dol air an fhiodh,
cha do leugh mi na facail air a’ phràis,
cha do thuig mi gu robh mo chinneadh a’ dol bàs.

  • Cisteachan-laighe – Ruaraidh MacThòmais

Ma tha thu air a bhith nad thidsear àrd-sgoil, no nad sgoilear Gàidhlig ann an sgoil a leigeas leat cànan do chuid-fhoghlaim a leantainn air adhart gu teisteanas SQA (mar bu dual do Bheurla ach ’s e alt eile a bhiodh sin), bidh thu eòlach air a’ phios bhàrdachd aig mullach na duilleige.

Tha MacThòmais a’ bruidhinn air droch bhuaidh siostam an fhoghlaim, “saoir na h-inntinn a’ locradh”, a’ togail chisteachan-laighe à fiodh Gàidhealach far an rachadh ar cànan adhlacadh – agus cha mhòr gun d’ rinn iad an gnothach oirnn. Smaoinich air an liuthad, fiù ‘s “Sàr-Ghàidheil” nach tug seachad an cànan dhan chuid-chloinne ’s iad a’ seasamh ’s a’ searmonachadh mu dheidhinn cor na Gàidhlig.

O chionn ghoirid tha na loidhnichean sin air tighinn a-steach orm aig ìre eile nuair a bhios mi a’ siubhal air feadh na dùthcha is a’ coinneachadh ri seann sgoilearan a bha agam. Feadhainn làn chomais agus làn mhisneachd sa h-uile roinn is a h-uile beus ach a thaobh a’ chànain a fhuair iad oideachadh ann fad dusan bliadhna.

Air a h-uile slat-tomhais àbhaisteach, tha Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig na dheagh fhoghlam a dh’ullaicheas pàiste airson saoghal na h-obrach, bheir e dhaibh cothroman iongantach a chuidicheas iad seasamh os cionn càch agus gach buil, gach eòlas a dh’fheumas iad air a choileanadh le tidsearan dealasach, dìleas.

Agus fhathast, chan e gu leòr airson luchd-labhairt ann an àireamhan mòra a chur a-mach aig a’ cheann thall. Tha na daoine òga, comasach, ionmholta, brosnachail seo fhathast a dhìth misneachd a dhol air adhart mar luchd-labhairt. Carson? agus dè nì sinn airson seo a chur ceart?

Ro thric, ’s e foghlam Beurla tro mheadhan na Gàidhlig a tha ri fhaotainn. Ma bhios sinn dìreach a’ leantainn strùctar luchd na Beurla, ma bhios sinn a’ tionndadh sàr-shamhla MhicThòmais a cheann agus a’ cur breid Gàidhlig agus lìomh Gàidhealach air ar foghlam, ma tha sinn dìreach ag atharrais chleasan nan uachdaran, chan eil sinn ach a’ daingneachadh an fhoirneirt is na smachd a tha air feuchainn ri cur às dhuinn fad linntean mòra. Tha clann ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ro thric air an eileachadh o chultar na Gàidhlig air neo, nas trice, tha e ga thoirt seachad air an uachdar.

Le fios, tha tidsearan trang. Tha curaicealaim ann ri libhrigeadh. ’S e ceist thoinnte, dhoirbh, a th seo ach uaireannan, ’s e a’ cheist fhèin a dh’adbhraicheas nach eil freagairt ann, chan e an suidheachadh.

Cola-deug air ais, chunnaic mi gun robh mo charaid air bhideo leis an fhear-gnothaich Simon Sinek a chur suas. Rinn Sinek cliù dha fhèin nuair a nochd e ann am bhideo a’ dubh-chaineadh “Luchd na Mìle Bliadhna” mar gur b’ iad a bu choireach airson staid ìosal ar coimhearsnachd. Ann an saoghal Brexit agus Trump, cha chuireadh tu a’ choire orra nam biodh iad airson falach air cùl sgàilein. Cha tug mi cus for dha an uairsin, ach an uairsin sa bhideo eile seo le Mgr Sinek chunnaic mi òraid TED a rinn e leis a’ cheann-naidheachd “Start with Why?”, a’ mineachadh gur e sin a bha a’ toirt làmh an uachdair do chompanaidhean agus dhaoine fa leth a bhith nas soirbheachaile na càch. Carson a bha e ag iarraidh gun tòisicheamaid leis an facal ud? Gum biodh sinn ag innse ar sgeulachd agus ag innse carson a tha sinn a’ dèanamh na tha sinn a’ dèanamh.

Ma tha sinn an-sàs ann an Strì na Gàidhlig, tha fios againn tha sinn a’ dèanamh – tha sinn a’ teagasg agus a’ cuideachadh Gàidhlig.

Tha fios againn ciamar a nì sinn seo – nì sinn teagasg tron chànan no mun chànan agus bheir sinn cothroman do dhaoine an cànan a chleachdadh. Deagh theagasg a bhios ann airson a’ mhòr-chuid.

Agus ’s dòcha gu bheil fios againn air carson a tha sinn a’ dèanamh seo – tha sinn a’ feuchainn ri ar cànan a shàbhaladh – ach a bheil sinn a’ mineachadh sin a chèile math gu leòr?

Agus ciamar a bhios sinn a’ mineachadh sin? Cha d’ fhiach e dhuinn a bhith ag èigheachd ‘Bruidhinn Gàidhlig’, ‘Cleachd i no Caill i”, oir tha sinn air a bhith a’ feuchainn sin fad bhliadhnaichean agus chan eil na sluagh-ghairmean ag obair gu ceart – (Feumaidh mi aideachadh gu bheil mi fhèin ciontach de seo leis na h-earballan goirid a chuireas mi air bhideothan Gàidhlig Gu Leòr – Love Gaelic? Carson? Dè tha a’ dèanamh Gàidhlig àraid?) Uaireannan, tha sinn a’ gabhail gu bheil e gu math follaiseach gu bheil Gàidhlig math dhut agus tha e math a cumail beò ach chan eil sin idir a’ toirt buaidh air gu leòr dhaoine.

A’ gluasad air adhart agus a’ coimhead air dòighean airson am mineachadh a thoirt seachad, tha mi ga lorg feumail dhomh a bhith a’ coimhead ris an fheallsanachd aig Paolo Freire. ’S e Freire a sgrìobh an leabhar beag goirid “Pedagogy of the Oppressed“, ann am Portagailis bho th`¨s ann an 1968 agus chaidh fhoillseachadh sa Bheurla ann an 1970. Thàinig an fheallsanachd gu buil nuair a bha Freire ag obair na dhùthaich fhèin, Brasil, agus a’ feuchainn ri inbhich bhochd a chuideachadh leis na sgilean litearrachd aige. 

Bhiodh Freire a’ coimhead ris a’ choimhearsnachd mar gun robh e air a sgaradh eadar uachdarain agus ìochdairean agus gun robh foghlam traidiseanta a’ coimhead ri neach-ionnsachaidh mar gun robh e na mhucag-airgid, gu bhith air a lìonadh le eòlas, agus gun robh seo ag eileachadh agus a’ cronachadh daonnachd nan daoine – tidsearan agus luchd-ionnsachaidh. Bhiodh Freire ag argumaid airson foghlam a bhith na cho-obrachadh eadar luchd-ionnsachaidh is luchd-teagaisg agus gum biodh an dithis ag ionnsachadh a chèile. Tro na gnìomhan seo, bhiodh iad còmhla ag obair a dh’ionnsaigh coimhearsnachd na bu shaoire is na bu mhothachaile.

Chaidh Freire a chur a-mach às an dùthaich le deachdaireachd anns na 60an, leis gun robh e air 1.5 millean luchd-bhòtaidh ùra a chruthachadh (rud nach eil cho math airson deachdaireachd sam bith) agus cha d’ fhuair e an cothrom tilleadh gus na 80an. Aig ceann nan 80an, fhuair e an cothrom còmhraidhean a chumail le Myles Horton, fear a bha an-sàs san Sgoil Dhùthchasach Highlander ann an Tennessee o 1932, agus a chuidich daoine dubha agus daoine geala a chèile le bhith a’ teagasg sgilean litearrachd agus sgilean ceannais ann an Ceann a Deas nan Stàitean. ’S ann aig Highlander a chaidh We Shall Overcome a rèiteachadh agus a bha mòran an-sàs le Dr King a’ dol tro a dhorsan. Bha tòrr aca ann an cumantas ged a bha iad aig diofar aoisean agus o dhiofar dhùthchannan.

Feumaidh mi aideachadh gu bheil “Pedagogy of the Oppressed” gu math toinnte agus dùbhlanach do luchd-leughaidh, ach ’s ann anns na còmhraidhean eadar Horton is Freire a tha gan cruinneachadh anns an leabhar “We Make The Road By Walking” a chì sinn gu furasta mar a bha na feallsanachdan aig an dithis seo, air an obrachadh leis na daoine a bha ag obair còmhla riutha, stèidhichte air còmhradh, conaltradh agus ceartas a thàinig a-mach às a’ chultar is a’ choimhearsnachd a bha iad a’ frithealadh.

Dè na leasanan a th’ ann airson foghlam Gàidhlig, sna sgoiltean agus sna clasaichean coimhearsnachd againn? Tha na coimhearsnachdan againn gu math briste, a’ fulang le trioblaidean a chuireas bacadh air iomadh rud math, chan e a’ Ghàidhlig a-mhàin. Tha daoine aig diofar aoisean air an eileachadh on chultar aca agus o chèile. Tha fada cus aig nach eil comas litearrachd, agus tha am pàilteas ann aig a bheil an cànan agus nach eil ga cleachdadh.

’S mathaid gur e am facal a bu chudromaiche do Fhreire facal nach eil ga eadar-theangachadh gu math tric conscientização. Le seo tha e a’ ciallachadh gum bu chòir do dh’fhoghlam a bhith a’ dùsgadh mothachadh anns an luchd-ionnsachaidh dhan t-suideachadh is dhan àrainneachd eachdraidheil agus shoisealta anns a bheil iad beò, agus gu bheil seo air a dhèanamh tro chòmhradh agus tro ghnìomhan seach tro theagasg thraidiseanta agus sluagh-ghairmean. 

Ciamar a tha sinn a’ dol gan dùsgadh? Dùisgidh tu cuideigin math gu leòr le bhith ag èigheachd agus a’ sadail bucaid de dh’uisge fuar orra. Ach, ’s e cleas an uachdarain a tha sin a bhith a’ spàrradh rudan air daoine. Tha slìghe eile ann, agus ’s ann leis an t-slìghe fhèin a nì sinn e.

Bidh freagairt dhiofraichte aig gach neach, aig gach coimhearsnachd, aig gach dual-chainnt, aig gach sgoil ach gheibhear dhan fhreagairt tron aon dòigh. Mar a bha aig Seumas, bràthair Iosa a thaobh creideamh is obraichean, ma tha neach ag ràdh gu bheil cànan aige, ach às aonais obraichean, an urrainn dha an cànan a shàbhaladh?

’S e an ath bhliadhna a th’ ann am Bliadhna nan Cànan Tùsanach UNESCO. Tha cothroman math an-sin do phròiseactan agus sgoiltean Gàidhlig air feadh na h-Alba, ach cuideachd tha an cothrom againne uile a’ coimhead ri carson a tha sinn a’ dèanamh na tha sinn a’ dèanamh agus ar sgeulachd innse as ùire dhar coimhearsnachdan agus dhar dùthaich. Feumaidh sinn nar tidsearan agus nar coimhearsnachdan a bhith a’ dèanamh ar slìghe còmhla tro chòmhradh agus tro ghnìomhan. 

Mholainn do dhuine sam bith sùil a thoirt air an Facebook aig Sgoil Stafainn ma tha thu airson faicinn mar a tha deagh fhoghlam Gàidhlig air a stèidheachadh ann an cultar na coimhearsnachd ag obair – tha e fìor, tha e freumhaichte agus tha e a’ fàs. Chan e fiodh marbh air a locradh ach gach pàiste na chraobh làidir bheò.

 

  • Eòghan
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach