An luath-ruith, Tóiceó | Bàrdachd

By Arnaud DG (Flickr: Lemme out!!) [CC BY-SA 2.0 (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0)], via Wikimedia Commons

le Steaphan MacRisnidh

An luath-ruith, Tóiceó.

air ar dinneadh le taistealaich
a bhrùchd don charbad
mar dhlùth-chàirdean aig daoine
a bu daoine le daoin’ eile.

a’ fulang an fhàsgaidh
air cruachainn is lurgainn,
uileann air sgeilp gualainn,
’s fón-làimh’ air uachdar cinn.

gun dìochuimhnichear d’àrdan
ged a dh’fhaodadh tu bhith glacte
eadar druim fir is cliabh té ー
ach cùm do làmhan agad fhéin.

Taing don fhreastal gu bheil
mo mhàileid chòmhnard dubh
an crochadh ri strap mum mhuineal ー

thairis air mo ghobhal.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach