An Lùdag ’s Ludaig | Ainmean-àite Beurla air Ghàidhealtachd

’S tric a chluinneas luchd na Gàidhlig gearain luchd an aona chànanachais ann an Alba mu shoidhnichean Gàidhlig. Air Ghalltachd, air Ghàidhealtachd, ’s gach àite eadar na dhà, tha e coltach nach eil uair nach deach soidhne Gàidhlig an-àirde gun an gearan ceudna na chois. Mar as minig a chluinneas, ’s e ‘Gaelic was never spoken here’ air neo ‘why are they wasting money on a dead language’ a th’ aca-san.

Ach chan e sin cuspair m’ artagail an-diugh. An àite argamaid a dhèanamh a’ moladh shoidhnichean Gàidhlig gan cur suas air feadh na dùthcha (oir ’s iomadh neach a rinn sin mar-thà), tha mi a’ dol a bhruidhinn air soidhnichean Beurla air Ghàidhealtachd, gu sònraichte ann an Uibhist (far as urrainn dhomh dealbhan a thogail gu furasta).

Tha Uibhist na àite Gàidhealach, ’s cha mhòr an teagamh mu sin. Eu-coltach ris na h-àitean Gallta, nach cuala guth bhinn na Gàidhlig bho chionn fhad’ an t-saoghail, tha a’ Ghàidhlig fhathast ceithir-timcheall oirnn an-seo.

 

‘Ludag’ agus ‘Ludaig’

A-nise, chan eil mi dol a chàineadh Beurla air soidhnichean rathaid an-seo – oir cha bhitheadh sin glic nam bharail-sa`agus Beurla iomchaidh air corra soidhne co-dhiù, ach ainmean-àite Gàidhlig agus eadar-theangachadh faoin Beurla orra. Leis an fhìrinn, tha gràin an uilc agam orra, airson adhbhair air choireigin.

Bheir mi dhuibh eisimpleir de na tha mi a’ ciallachadh. Air an rathad a-null a dh’Èirisgeidh an-diugh, chaidh mi seachad air an Lùdag. ’S e sin ‘AN Lùdag’, a’ leantail mar a tha na h-Uibhistich ga ràdh. Bha soidhne rathaid ann gam fhàilteachadh don bhaile agus air, ’s e tha sgrìobhte ach ‘Ludag’ agus ‘Ludaig’. Chan eil, a leughadair chòir, ach ‘i’ de dhiofar eadar an dà ainm-àite.DSC_0440

Gun iomradh gu bheil an t-ainm-àite Gàidhlig rud beag ceàrr, dè fon ghrèin as ciall do dh’ainm-àite eile, fear Beurla, a’ nochdadh air an t-soidhne seo idir? An robh cuideigin sa Chomhairle a’ smaoineachadh nach dèan luchd na Beurla bun neo bàrr de ‘Ludag’ mar a tha e, ’s gum feum iad an ‘i’ eile airson cuideachaidh?

Agus chan eil an Lùdag na aonar, ach tha seo a’ tachairt air feadh nan Eilean. Pìos beag shuas an rathaid, tha Haunn, air neo ‘Haun’ sa Bheurla.

DSC_0439

Agus Strom.

DSC_0442

Agus Ormacleit.

ormacl

Oooo artsy

Agus chuirinn, fiù ’s, Poll a’ Charra ris an àireamh, ma tha mi gu bhith cho dàna sin. A bheil tòrr de dh’eadar-dhealachadh eadar ‘Poll a’ Charra’ agus ‘Polochar’ (neo Pollachar mar a th’ aca air an t-soidhne sin)? Mura robh a’ Ghàidhlig agam – agus bha uair ’s nach robh – shaoilinn gun deargainn air deagh oidhirp a dhèanamh air sin. Agus, leis an fhìrinn, bu dòcha Staoinebrig cuideachd.

DSC_0441

Fiù Cill Donnain agam fhìn!

DSC_0443

‘Cill Donnain nam Buadh’ a bu chòir a bhith air

Poileasaidh CnES

Carson, tha luchd an aona chànanachais a’ faighneachd, a tha an Riaghaltas seo a’ caitheamh airgead air soidhnichean rathaid ann an cànan mharbh neo gun fheum? Uil, carson a tha a’ Chomhairle a’ cosg a cheart uiread de dh’airgead air ainmean-àite Beurla a’ cur air cuid de na soidhnichean. £26m nòt, an e, Alasdair Lewis Crow, sin am figear ceart? (Tha mi a’ tarraing asad.)

Tha fhios agam gu bheil poileasaidh aig a’ Western Isles Council ann a thaobh soidhnichean rathaid sna h-Eileanan Siar, agus bidh tòrr àitean a’ nochdadh sa Ghàidhlig a-mhàin, leithid Cille Pheadair agus Loch Sgioport. Ach feuch ri Beurla a chur air Loch Sgioport, agus cha tèid thu fada bhon litreachadh sin fhèin. (Bha mi dol a dh’fheuchainn ri tionndadh Beurla a chur air Frobost, ach cha deach leam.)

Ann an dìon na Comhairle, tha fhios gun deach na soidhnichean sin a chur an-àirde nuair nach robh Plana Gàidhlig aca. Ach, a-nise…

3.6. Plana Gàidhlig CnES: ‘Cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil soidhnichean ainmean-àite sna h-Eileanan a’ nochdadh ann an Gàidhlig a-mhàin. (Bithear a’ cleachdadh cruth dà-chànanach far a bheil a’ Ghàidhlig agus a’ Bheurla gu math eadar-dhealaichte, m.e. “An t-Ob” agus “Leverburgh”.’

Uhhhhh…..

Ach, ’s e m’ argamaid, gum bu chòir do Ghàidhlig a-mhàin a nochdadh air tòrr a bharrachd shoidhnichean baile.

Agus soidhnichean eile. Bidh cuimhne agaibh air an t-soidhne ùr a chaidh an-àirde ann an iomall Steòrnabhaigh gun ach a’ Bheurla oirre. Bha sna naidheachdan an-dè (26 Lùnastal).

1513902_387157798147504_3299973849964411626_n (1)

3.6. Plana Gàidhlig CnES a-rithist: ‘Co-obraichidh sinn le HITRANS gus an tèid gabhail ri soidhnichean dà-chànanach fad is farsaing nan Eilean Siar.’

‘Cumaidh sinn oirnn a’ dèanamh cinnteach gu bheil soidhnichean sràide dà-chànanach, le prìomhachas aig a’ chruth Ghàidhlig.’

Tha sin, a chàirdean, a’ dol calg-dhìreach an aghaidh Plana Gàidhlig a’ Western Isles Council. Cò bu chòir an cumail air an rathad dhìreach? Tha e sin a’ tòiseachadh le ‘B’…

Sinne.

 

– Liam Alastair Crouse

Tha na beachdan an seo an urra ris an ùghdar agus chan eil iad a’ buntainn ri buidheann neo companaidh sam bith eile.

Share

3 thoughts on “An Lùdag ’s Ludaig | Ainmean-àite Beurla air Ghàidhealtachd

  1. Co th’ ann an “Western Isles Council”, Liam? Chan eil buidheann ann leis an ainm Beurla seo. A bheil thu a’ ciallachadh “Comhairle nan Eilean Siar”? 😉 #Doh!

  2. Tha e a’ cleachdadh an ainm Bheurla a chionn ’s gur e sin cànan na buidhne CnES. Mura bheil mi air mo mhealladh, chan eil iad a’ cur prìomhachas air cleachdadh na Gàidhlig idir.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach