An Reul Dubh : Bàs Dhaibhidh Bhowie

Leis an naidheachd mu bhàs Dhaibhidh Bhowie, seo agaibh aiste-mholaidh is beachdan o Eòghan Stiùbhart mu chuid den cheòl aig an robh an seinneadair ainmeil an sàs.

Bhon as e fear a bh’ ann a sgrìobh òran leis an fhacal  “Heroes” ann an comharran-labhairt, cha robh mi riamh a’ smaoineachadh gun robh Daibhidh MacIlleBhuidhe a’ cur cus suim ann an gaisgich, ged a tha mòran againn a’ cantail an fhacail sin ris airson iomadh bliadhna, ach gu dearbh an t-seachdain seo nuair a bhios e ga chaoidh agus càrn cho àrd ri Beinn Nibheis ga chur ris.

Cò bha ann? Cha robh fiù ’s ceangal aige ris an t-seann ainm Ghàidhealach a thagh e ann an 1965. ’S e Jones an sloinneadh a bha air bho thùs. Ziggy, Plastic Soul, The Thin White Duke, fiù ’s am fear a rinn Let’s Dance, bha iad uile nan cluiche, uile a’ cleith rudeigin bhuainn – am poball – mu dheidhinn an fhir a bha air an cùlaibh.

Fiù ’s nuair a thòisich e sna naochadan le spionnadh ùr agus clàran mar Black Tie, White Noise agus Earthling – far an do lorg e a liut airson cruthachadh as ùr – bha Bowie ann, agus bha an t-athair agus an cèile ann – a’ fuireach ann New York, pòsta aig Iman agus a’ nochdadh far an robh e ag iarraidh. Zoolander, còmhla ri Arcade Fire, nuair a thill e le The Next Day as dèidh deich bliadhna de thost. Mar fhear a bha thall is a chunnaic an droch bhuaidh a bhios aig “Cliù” air neach, thàinig e gu tuigse gun robh ìre de chliù ann far am bu lugha a nochdadh cuideigin, b’ ann a bu mhotha a bhiodh am buaidh nuair a bhiodh iad a’ togail ceann.

Fiù ’s ann am bàs, tha e air aire an t-Saoghail a ghlacadh – coltach ri James Brown a fhuair am bàs air Là na Nollaig, an seann laoch a’ tarraing ar n-aire aon uair eile –  tha Bowie air falbh dà latha as dèidh a chinn-bhliadhna seasgad ’s a ochdamh agus an clàr ùr “Blackstar” air ainmeachadh mar fhear dhe na clàran as fheàrr aige a-riamh, agus mar a luaidh ar seann charaid Calum MacConnaill air o chionn mìos.

Bhiodh e ga chàineadh airson ceòl a dhèanamh a bha gun fhaireachdainn; a bha èisgeil air neo sgaiteach, “cynical” airson facal on chànan eile a chleachdadh – leis gun robh e a’ goid is ath-chruthachadh diofar stoidhlichean ciùil.

Ach ma bheir sinn sùil ann am faclair Dwelly, tha sgaiteach a’ ciallachadh rudeigin a bhios a’ gearradh gu sgiobalta, agus dhomh-sa bha Bowie riamh comasach air cnag na cùise a lorg, co-fhaireachdainn a dhùsgadh, agus ged nach tuigeadh tu na facail, gun tuigeadh tu am brìgh. Is e an loidhne as fhèarr leam agus a dh’iarrainn a bhith air aithris aig mo thiodhlacadh fhèin “Just because I believe, don’t mean I don’t think as well, don’t have to question everything in heaven or hell.” Tha e an-còmhnaidh na iongnadh mòr gun tàinig an t-òran seo “Word on a Wing” às na làithean a bu dhuirche na bheatha, boillsgeadh de sholas san dorchadas.

Is beag an t-iongnadh gun do thog e an sloinneadh-àrd-ùrlar aige o sgian. Cha robh riamh fear ann a fhreagair cho math ris an t-seann duan aig TS Eliot “gabhaidh bàrd math air iasad e ach goididh sàr-bhàrd e.”

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach