An t-Saighead Bhriste | Robbie Robertson

Eòghan a’ coimhead ri òran sònraichte “Broken Arrow” le Robbie Robertson – Chan e an Robbie Robertson sin ge-tà!

Ann an saoghal biathadh a’ bhriogaidh, saoil gun robh mi an dòchas gun glacadh an t-ainm Robbie Robasdan an t-sùil aig daoine a tha dèidheil air còmhlan pop an Taobh Shiar Tide Lines. Gidheadh, chan ann air Raibeart Beag na Lèine-T Ghil a tha mi san alt seo, ach Robbie Robertson, an t-òranaiche agus ceòladair a tha nas aithnichte mar prìomh sgrìobhadair a’ chòmhlain ‘The Band’.

Is e còmhlan a thàinig on chòmhlan Robbie Hawkins and the Hawks a bh’ anns a’ Chòmhlan an uairsin a chaidh nan còmhlan taic do Bhob Dylan. Thar nam bliadhnaichean, bhiodh iad a’ siubhal air feadh an t-saoghail cuide ri Mgr Dylan agus a’ cur taic ris a’ chluiche aige. Ach ’s e luchd-ciùil air leth fa leth a bh’ annta uile, le guthan binn aig Levon Helm, Rick Danko agus Richard Manuel os cionn nan òran aca fhèin a bhiodh a’ tarraing o dhualchas Ameirigea.

Bha làmh mhòr aig Robbie Robasdan ann a bhith a’ sgrìobhadh nan òran sin mar “The Weight”, “Up On Cripple Creek” agus “The Night They Drove Old Dixie Down”, agus tha a’ chiad dà chlàr, “The Band” agus “Music from Old Pink” gu math cliùiteach, ach nuair a bha e anns ‘The Band’ cha bhiodh Robbie a’ seinn ach ainneamh. Bha seo na chonnspaid nuair a ghearr Michael Scorcese ‘The Last Waltz’, am film a bha a’ comharrachadh dealachadh aig a’ chòmhlan ann an 1978 ann an dòigh gun robh e coltach gun robh Robertson a’ seinn. A-rèir seanchais, bha Marty a’ feuchainn ri spionnadh a thoirt do Robbie ’s e ag iarraidh obair mar chleasaiche nuair a sguireadh an còmhlan.

Bha riamh deasbad ann mu dheidhinn buaidh Roberston anns The Band, bha dol-a-mach dona eadar e fhìen agus Levon Helm nach maireann gu h-àraidh le deasbad mu dheidhinn cò sgrìobh a h-uile càil.  Thigeadh An Còmhlan air ais còmhla as aonais Robbie dìreach còig bliadhna as dèidh seo. Thug e treis do Robasdanach tilleadh gu clàradh, agus cha b’ ann gus 1987 a thill e le clàr fo ainm fhèin “Robbie Robertson”.

Tha Robbie Robertson na chlàr às na 80an , tha Peter Gabriel agus U2 linn na Craoibh Iosua a’ nochdadh air airson taic a chur ri guth Robbie, nach eil làidir ach aig a bheil caracatar.Aig cridhe a’ chlàir, tha an t-òran iongantach Broken Arrow. Bha “an t-saighead bhriste” a’ samhlachadh a’ chultair thùsanaich Mhohawk às an tàinig a mhàthair. Bha arach briste aig Robbie, a’ gluasad eadar a’ choimhearsnachd gheal far an robh athair a’ fuireach agus a’ dol dhan reservation air an deireadh-sheachdain cuide ri a mhàthair. B’ esan “Am Balach Dearg” air an toireadh e luaidh air clàr eile, gun dachaigh, glacte eadar dà shaoghal.

’S e sin a tha a’ dèanamh Broken Arrow cho sònraichte. Tha an t-òran na òran farsaing – a bheil an sgrìobhadair a’ tilleadh dhachaigh, a’ tilleadh gu a ghràdh, a’ tilleadh gu Dia? Tha e ag obair aig diofar ìrean, ach tha e freumhaichte anns a’ chultar agus san dùthchas aige fhèin cuideachd. ’S e slànachadh a tha Robbie a’ faighinn san òran, “a’ tionndadh a bheatha air fad mun cuairt”, agus ’s e sàr òran a th’ ann. Cha robh Rod Stiùbhart riamh lapach ann a bhith ag aithneachadh deagh òran (ged as urrainn dhuinn deasbad mu dheidhinn cho math ’s a tha e ann a bhith a’ cur sin thairis) agus rinn e tionndadh de Broken Arrow san 90an.

Bha Broken Arrow mar fhuasgladh airson Robertson agus thòisich e a’ dol an-sàs ann an cultar a mhàthar na bu dhoimhne – Dh’eagraich e clàr-fuaime airson film aithriseachd Music for the Native Americans ann an 1994. An uairsin, Contact from the World of Red Boy a’ nochdadh chleachdaidhean 1998 – riochdachadh e le Howie B a rinn Pop le U2, agus mu dheireadh thall How To be Clairvoyant anns an Neonithean.

Tha Robertson shuas ann am bliadhnaichean – thòisich e leis na Hawks ann an 1957, ach tha e air stòras math de chlàran pearsanta, inntinneach fhàgail againne. Mholainn dhut èisteachd ris.

Tha sinn a’ facinn mar a tha ar cultar is ar cànan agus na daoine dham buineas e air an eileachadh o chèile. Tha sinn fhèin a’ fulang mar shaighead briste air a’ Ghàidhealtachd. Feumaidh sinn obair a chèile gus cuimhneachadh gu bheil rudeigin againn ri ràdh. Feumaidh sinn a’ dol air tòir dearbhadh air ar fèin-aithne agus a’ cur sin an cèill don t-saoghal ann an dòigh a bheir orra smaoineachadh “nach robh mi riamh a’ saoilsinn an dearbh rud?’.

– Eoghan

Share

One thought on “An t-Saighead Bhriste | Robbie Robertson

Freagair Neil McRae Sguir dhen fhreagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach