An Sàr-Chruinniche – Iseabail Ghrannd

http://clangrant-us.org/?q=page/noteworthy-descendants-clan-grant
Tha Alistair a’ dèanamh luaidh air tè a rinn obair ionmholta gus na h-oibseactan a bhuineadh do mhuinntir na Gàidhealtachd a ghlèidheadh is a chuir gu mòr ri ar tuigse air sòisealtas is beatha làitheil nan daoine.

Tha cliù aig a’ Mhonadh Ruadh mar aon de na prìomh làraichean son spòrs air a’ bhlàr a-muigh. ‘S iomadh latha sona a chuir mi fhèin seachad sa chearnaidh a’ sreap nam beann as t-samhradh is a’ sgìtheadh sa gheamhradh. Ach is tric a chuireas dorch shìde bacadh air a bhith a-muigh air a’ mhonadh agus chan eil e cho furasta an uair sin dòighean fhaighinn gus tìde a chaitheamh.

Tha grunn math bhliadhnaichean air a dhol seachad bho fhuair mi lorg air taigh-tasgaidh beag san sgìre far am faighinn dìon bho na siantan agus aig an aon àm far am b’urrainn dhomh m’ùidh ann an eachdraidh na Gàidhealtachd a shàsachadh. Bhon uair sin tha an taigh-tasgaidh air gluasad gu làrach leòmach ùr an am Baile Ùr an t-Slièbh ach an uair sin lorgte e aig oisean cùl-shràid ann an Ceann a’ Ghiùthsaich am broinn seann loidse-seilge. B’ e ainm an taigh-tasgaidh ‘Am Fasgadh’; chan ann air sgàth an fhasgaidh a thug e gu mo leithidsa ach gu cruinneachadh air leth de dh’oibseactan a bhuineadh dhan Ghàidhealtachd. Bha an cruinneachadh seo diofaraichte bho chàch a chìthear ann an taighean-tasgaidh eile an diofar ceàrnan dhen dùthaich. Cha b’ e rudan aig an robh luach airgid no aig an robh buinteanas ri euchdan mòra na h-eachdraidh no na daoine beartach is aimeil a bhathar a’ taisbeanadh; ach na rudan a bhiodh air an cleachdadh leis na daoine àbhaisteach sa bheatha làitheil aca.

B’ e an rud a bu mhotha a dhrùidh orm a’ chiad uair a thug mi ceum thar a stairsich farsaingeachd a’ chruinneachaidh, rud a leig leam iomadh uair a chur seachad san àite gun a bhith a’ fàs sgìth dheth; bha daonnan rudegin ùr ri ionnsachadh. Cha robh earrann de bheatha nan daoine nach robh air a riochdachadh; eadar obair, spòrs, siubhal, fasan is dualchas. Bha e follaiseach dhomhsa gun deach a chur ri chèile le làimh gaolach is fiosraichte. Bhuineadh an làmhsa do thè Iseabail Ghrannd, tè a choisrig cuid mhath dè a beatha don obair.

Rugadh i ann an Dùn Èideann ri linn Banrigh Bhictoria gu teaghlach a bha air a bhogadh ann am modhan is eachdraidh na linn. Bha a pàrantan an sàs an obair na h-iompaireachd sna h-Innseachan is chaidh a togail le a seanair a bha na fheachd-mharasgal san àirm agus an uair sin na ‘Gholdstick in Waiting’ don bhanrigh Bhictoria. Ach b’ e an nighean aigesan an neach a bu dlùithe dhi, agus b’ ann na cois a ghabh Iseabail òg ùidh ann an eachdraidh bho thùs, rè nan tursan a thug iad a mach gu cunbhalach gu na gailearaidhean is taighean-taisgaidh ann an Lunnainn. Thug dà thuras thall thairis an uairsin buaidh shònraichte air a beatha. Nuair a bha i aig aois 17 thadhail i air Taigh-Tasgaigh a’ Chlò-Bhualaidh ann an Antwerp. Eu-coltach ris na taighean-tasgaiadh air an robh i eòlach ann an Lunnainn far an robh na h-oibseactan air an taisbeanadh an dòigh tioram ann an cèisean, an seo chaidh ceàrdach a’ chlò-bhualadair ath-chruthachadh dìreach mar a bha. Na b’fhaide air adhart ann an Stolkholm chunnaic i taigh-tasgaidh tuatha son a’ chiad uair far an robh taighean na tautha air an ath-chruthachadh is air a lìonadh leis na h-oibseactan is an àirneis a bhuineadh dhan luchd-còmhnaidh.

Bha Iseabail mothachail nach robh a leithid ann ann an Alba, is chuir i roimhpe am beàrn a’ lìonadh. Bha i a-riamh moiteil às an dualchas Gàidhealach aice fheìn mar shlìochd Granndaich an Tullaich Ghuirm is chunnaic i cothrom seo a thaisbeanadh ann an dòigh a bheireadh brìgh don eachdraidh. Aig an dearbh àm ’s a thadhal Iseabail air an t-Suain bha i trang a’ rannsachadh seann shiostam àiteachais is sòisealtas sgìre Bhadenoch don bhuineadh a sinnsearan is mar sin bha i air a h-armachadh leis a’ mhìon-eòlas a bhiodh a dhìth oirre. Gu neònach do chuig-eigin a chuir seachad a beatha ris cha do chòrd cruinneachadh rithe. Mar a chuir i fhèin an cèill e san leabhar aice ‘The making Of Am Fasgadh’ a sgrìobhadh i gu ruige deireadh a beatha cha robh i cofhurtail mu thicheall daoine is bha e duilich dhi rudan iarraidh orra. Tro duilleagan an leabhair tha e a’ tighinn am follais gun robh taobh caran rag aice. Ach ged a dh’fhàg seo air an taobh a-muigh i aig amannan leig a nàdar daingeann leatha an lèirsinn aice a thoirt gu buil a dh’aindeoin a h-uile duilgheadas a thigeadh na rathad. Is cha bu bheag na duilgheadasan sin.

Bhon chiad latha a thug i an iomairt orra bha i a’ snàmh an aghaidh an t-srutha. Ann an Alba bha muinntir na dùthcha a’ feuchainn ri gluasad air adhart gu saoghal goireasach ùr. Dhaibhsan bha seann acainn is uidheamachd air a mheas gu tric mar chùis-nàir a bhuineadh ri bochdainn is beatha bunaiteach nan làithean a dh’fhalbh. Aig a’ char as fheàrr bhitè ga fhàgail ann an stàball no lobht far an rachadh e a dholaidh. Aig a char as miosa rachadh a chur dhan t-sitig. Nuair a chaidh Iseabail an toir air seann chreathal a chuala i mu dheidhinn chaidh innse dhi gun deach a chur dhan teine. Chaidh aice air grèim fhaiginn air tè eile dìreach mus deach taigh-circe a dhèanamh dhith. Bha loidhne cailce air a bonn a’ comharrachadh far an robh i an impis a bhith air a geàrradh na dà leth.

Cha robh duine no buidheann ann a bha deònach airgead a chur mu choinneamh na h-iomairt aice agus bu tric a b’fheudar dhi sporghail san sporan aice fhèin. Bha fiù ’s an cruth-tìre na h-aghaidh. Bha aice ri siubhal fad is farsaing air a’ Ghàidhealtachd gus lorg fhaiginn air an stuth a bha a dhìth oirre an linn nuair a bha rathaidean is dòighean siubhail eile fhathast bunaiteach air feadh na sgìre. Nuair a thadhaileadh i air an Eilean Sgitheanach bha àite air an aiseag son dìreach càr no dhà, is nuair a bha tràigh ann bhiodh aice ri dràibheadh air bòrd thar dà dhèile. Càraicheadh criutha a’ bhàta blocaichean fiodha gus nach tuiteadh an càr thar a’ chliathaich dhan mhuir. Nuair a shiubhaileadh i tro Ghleann Chomhann b’ e rathad cas, làn lùban teanna a bh’anns an seann rathad a bhiodh roimhpe. Air an corra uair a thachaireadh i ri càr eile air còrnair bhiodh aice ri dol an còmhar a cùil gus am faigheadh iad seachad air a chèile. Is cinnteach gur e sealladh iongantach a bhiodh ann an Iseabail ’s i san dol seachad; tè àrd drùidhteach na suidh gu dìreach na Morris sròn tairmh air a cuartachadh leis na h-oibseactan a bha i air ùr-thrusadh. Tha dealbh ann dhith sa chàr aice le biota san t-suidheachan pasaideir is stail mhì-laghail sa chiste air a cùl.

Ach am measg a h-uile duilgheadas ris an do dh’fhuiling i b’ e am fear a bu mhiosa àite- còmhnaidh seasmhach fhaighinn don chruinneachadh aice. Bha an cruinneachadh a sìor dol am meud agus bha an suidheachadh a’ fàs èiginneach. Dh’impich i probhaist Inbhir Nis taisbeanadh a chur air dòigh ann an talla a’ bhaile. Ach cha b’ e ach taisbeanadh sealach a bh’ann is às dèidh na seachd seachdainean a mhair e bha i air ais sna dìthreabh le briseadh-dùil nach do thàrmaich an taisbeanadh maireannach às ris an robh i an dùil.

Taigh-tasgaigh

Thug e còig bliadhna eile dhi mus do lorg i a’ chiad dhaichaidh don chruinneachadh ann an Eilean Ì am broinn seann Eaglais Shaor. Bha i na buannachd dhi gun robh i air an fhìor- Ghàidhealtachd ann an àite far an robh dualchas is seann chleachdaidhean fhathast làidir, ach bha an siubhal air ais is adhart na dhùbhlan dhi. A bharrachd air seo, eu-coltach ris a’ mhòr-chuid, cha do chòrd an t-àite rithe. Mar a chuir i fhèin an cèill e ‘The real truth is that living on a small island that was also a tourist centre was distastefull to me’

Taobh a-staigh trì bliadhna bha i air cùl a chur ris an eilean is bha i air a’ chruinneachadh a ghluasad gu seann eaglais eile, an turasa ann an Lagan an Sgìre Bhàideanach. B’ e sin an sgìre don bhuineadh a sinnsearsan is dh’fhairich na bu chofhurtaile an seo. Sheatlaig i ann am mansa na h-eagalise a chur aghaidh air amannan nas seasmhaiche. A cha b’ann mar seo a bha cùisean gu bhith. Cha b’ fhada gus an do a bhris an Dàrna Cogadh a-mach, is a fhuair i brath gun robh an eglais aice gu bhith air a chur gu feum mar thaigh-stòir. Bhiodh aice ris a h-àl a dhìon aon uair eile. Loisg is làdach de litrichean gu na diofar ùghdarrasan gun moran stà. Ach nuair a nochd cathraiche Comhairle Inbhir Nis a shealltainn ris a’ chùis bha e mar uan a’ dol a steach gu garadh lèomhainn. Bho seo a-mach cha robh sgeul air taigh-stòir no dad dhen a leithid. Chaidh an cruinneachadh a chur fo ghlais is fhuair Iseabail obair don riaghaltais tron chogadh ann an Lunnainn. Ach a h-uile chothrom a thigeadh thuice bha i air ais is ardhart a’ cumail sùil air a’ chruinneachadh aice, is i a’ cur an gnìomh cogadh dhi fhèin an aghaidh raodain is larbha leòmain.

Leis gur ann air mhall a fhuair Iseabail an eaglais ann an Lagan cha robh dùil aice gur e dachaidh buan a bhiodh ann. Bha an cruinneacheadh aice air tighinn gu ìre is mar a thuirt i fhèin bha beatha fa leth aige a-nis. B’ fheudar dha seasamh air a’ dhà chois. Ann an 1943 fhuair i sealbh air an loidse-seilge ann a Ceann a’ Ghiùthsaich far am faca mi fhèin an cruinneachadh bho thùs. A bharrachd air a bhith a’ suidheachadh a’ chruinneacaidh air an taobh a-staigh theann i ri eisimpleirean de sheann thaigheadas ath-chruthachadh air an talamh ma thimcheall, a’ coileanadh an lèirsinn a ghin na ceann nuair a thadhail i air an taigh-tasgaidh an stolkholm na h-òige. Mura robh sin gu leòr ghlèidh i corra bheathaichean gus cur ri fìorachas an àite. Nuair a leig i seachad an obair an 1954 dh’aontaich co-bhonn de dh’oilthighean uallach an taigh-tasgaidh a ghabhail os làimh. Ann an 1975 thàinig an taigh-tasgaidh fo sgèith Comhairle na Gàidhealtachd.

Mu dheireadh thall bha Iseabail a’ faighinn aithne son na h-obrach aice. Ann an 1948 chaidh LLD a bhuileachadh oirre le oilthigh Dhùn Èideann is an 1959 fhuair i MBE. Is bu mhath an araidh. Mar a shaothraich leithid Dwelly is Alasdair Gilleasbaig MacGilleMhìcheil a chum a leas canan is dualchas nan Gàidheal rinn Iseabail obair dheatamach gus na h-obseictean a chleachd na daoine nam beatha làitheil a chlàradh is a chruinneachadh. Tromhpa thathar a’ faighinn tuigse air beatha nan daoine nach biodh againn as an aonais. Ged is cuibhreann math de a beatha a chuir is seachad a chruinneachadh cha robh i idir diomhain nauir nach robh i a’ cruinneachadh. Sgrìobh i còig leabhraichean na beatha, gach fear a tha a’ toirt sùil às ùr air beatha nan Gàidheal is a chuireas ri ar tuigse air sòisealtas na Gàidhealtachd.

‘S i a tha araidh air àite am measg na h-àireimh bhig de ghaisgich a chuir luach ann an dulachas nan Gàidheal is a rinn obair ionmholta gus a ghlèidheadh .

http://www.tobarandualchais.co.uk/en/fullrecord/37697/1

– AP

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach