“An stoirm a’ ruith tron dùthaich” | Pàrlamaid na h-Alba @ 20

Tha e doirbh a chur ann an aon artagail a’ bhuaidh a tha air a bhith aig Pàrlamaid na h-Alba air an dùthaich ach nuair a dh’fhosgail i as ùire, bha an dùthaich làn de chothroman. Bha Eòghan againne ann mar sgoilear aig an Fhosgladh Oifigeil agus tha e a’ toirt sùil air ais air a’ chiad latha den Iuchar 1999.

Bidh e a’ toirt toileachas mòr dhomh an-còmhnaidh a bhith a’ faicinn seann sgoilearan a’ ceumnachadh agus a’ dèanamh an slìghean tron t-saoghal mhòr. Ach gu dearbh ’s e an liuthad de ghaisgich is bana-ghaisgich ùra na Gàidhlig a bheir orm an toileachas as mòtha.

Mar sin, bha e na thlachd mhòr a bhith a’ faicinn gun do cheumnaich Ciorstaidh NicDhùbhghaill a bha agam mar sgoilear ann am Port Rìgh le ceum sa chiad rang ann an Gàidhlig agus Poileataigs à Oilthigh Obar Dheathain. ’S e nighean air leth gasta is comasach a th’ ann an Ciorstaidh à teaghlach a tha air cur gu mòr ris a’ Ghàidhlig san Eilean agus le cinnt nuair a leanas i air adhart a Dhùn Èideann airson PhD, cuiridh i fhèin gu mòr ris an strì cuideachd.

’S e Poileataigs agus Gàidhlig (uill, Ceiltis mar a bha air an uairsin) a ghabh mi fhèin mar cheum aig Oilthigh Ghlaschu. Bidh e fichead bliadhna on a rinn mi mo shlighe fhèin dhan oilithigh.  Bha riamh ùidh agam ann am poileataigs a’ dol tron sgoil, agus bha mi fortanach gun robh tidsear nuadh-eòlais ionmholta agam, Mgr Hines aig Acadamaidh Bhaile Thearlaich. B’ esan a chuir m’ ainm air adhart airson cothrom a bhith a’ riochdachadh na sgoile aig Fosgladh Oifigeil Pàrlamaid ùr na h-Alba.

Chaidh sgoilear on a’ chiad bhliadhna agus on t-siathamh bhliadhna a thaghadh o gach sgoil ann an Alba, agus thug iad uile Dùn Èideann orra mar cheann-ùidhe airson a’ chiad latha den Iuchar Naoi Ceud Deug Naochad ’s a Naoi. Bha e èibhinn oir bha mise agus a h-uile duine on t-siathamh bhliadhna air an sgoil fhàgail ach co-dhiù, co-dheth, fhuair mi an cothrom a dhol ann, fhuair mi geansaidh oifigeil (fruit of the loom XL mar bu dual airson 1999,) agus cagoule gorm.  Chunnaic sinn Salsa Celtic air mullach Cnoc Challtainn an oidhche roimhe, is rinn sinn caisemachd lebrataichean seachad air a’ Cholaiste ùr far an robh Ealasaid, Sean Connery agus Dòmhnall Mac an Deòir, agus thàinig Concorde thairis cho ìseal ’s a b’ urrainn dha fèar os ar cionn. Thill sinn dhachaigh an oidhche sin gu tuath tro Alba ùr. Chan fhaca mi càil de Sheena Wellington is eile mus d’ fhuair mi dhachaigh agus choimhead mi air na highlights a chlàraich m’ athair air VHS.)

’S e latha eachdraidheil a bh’ ann ach ’s ann ann an eachdraidh a tha e. Mhair an strì airson tiomnadh chumhdachdan fichead bliadhna on reifreann chàraichte ann an 1979, agus bha an dùthaich airidh air sùgradh agus gàirdeachas ann an 1999. Bha dùil againn ri poileataigs ùr. Càite a bheil sinn mar dhùthaich latha an-diugh? Dè thachair leis an spionnadh agus an dòchas a lìon sràidean Dhùn Èideann an latha sin? Dè thachair le poileataigs ùr?

Tha Pàrlamaid na h-Alba air an dùthaich atharrachadh gu mòr agus rinn e tòrr feum dhuinn uile. Chan eil a h-uile neach mar Eòghan Òg, tha iad nan ìre mhath coma mu phoileataigs ach air na cùisean mòra (agus fiù ’s aige sin…!) ach ghabh na riaghaltasan againn (Laborach/LibDeamach agus Nàiseantach) an cothrom rudan ùra fheuchainn.

Tha gu leòr a ràdh nach eil am Pàrtaidh Nàiseanta air a bhith dàna gu lèor no nach deach gu leòr a dhèanamh leis a’ chumhachd a tha aig a’ Phàrlamaid mu thràth, agus tha gu lèor fìrinn anns na beachdan sin, ach tha Alba na dùthaich eile a-nis. (Agus tha liricean ùra aig Alba le Runrig cuideachd, oir cha robh “taigh mòr falamh ann an Dùn Èideann gun chumhachd gun ghuth” ann tuilleadh.)

Ged a tha sinn air adhartas a dhèanamh ann an iomadh seagh, tha ar còmhraidhean phoilitigeach air a chrionadh ann an iomadh dòigh, tha na Laboraich fhathast suarach gun do chaill iad greim (cò a th’ ann an Kezia Dugdale ach tè a thagh am pàrtaidh ceàrr airson na h-amasan fèineil adhartais aice fhèin), agus tha na Libearalaich Dheamocraiticeach air an ceusadh le claon-bheachdan Willie Rennie gum feum e a bhith a’ slaireagadh gach rud a nì an Riaghaltas, math no dona. Chan eil co-aontachd aig cridhe ar deamocrasaidh mar bu chòir. Tha na h-Uaineaich air an gnothach a dhèanamh air na Soisealaich a-measg nam Pàrtaidhean beaga, ach tha e uaireannan doirbh fhaicinn a bheil iad gu fireannach air buaidh a thoirt air an àrainneachd no air poileataigs na fèin-aithne.

Chan eil dùbhlan air sgàth dùbhlain a’ cuideachadh duine sam bith, agus le cinnt thug an reifreann buaidh air sin cuideachd. Ach ma bha sinn air a bhith dàna gu leòr ann an 2014, cha bhiodh ar saoghal foirfe, ach mar a’ Phàrlamaid againne, bhiodh sealbh againn air oir tha an namhaid a’ fèitheamh ’s a’ fèitheamh gus ar còraichean a spioladh bhuainn. 

Oir tha an cunnart as motha dhar deamocrasaidh Albannach, mar a bha e riamh, a’ tighinn o na Tòraidhean. Nuair a chì sinn an aonta tiomnaichte air a thruailleadh an lùib Bhrexit, a’ chòir-thagraidh air a sheachnadh, inbhe oifigeir san arm ga bhuileachadh air ceannard a’ phàritaidh dhùbhlanaich as motha, agus fear de na luchd-ghairm as àirde an dreuchd sa phàrtaidh sin cuideachd a’ gairm airson Taigh an Ròid a bhith air a dhùnadh, chan eil na Breatannaich a’ cur am falach an dìmeis a tha aca air cumhachd a bhith ann an làmhan muinntir na h-Alba. B’ fheàrr leotha na beathannan is beachdan fèineil, falamh, faoin aca fo bhratach an Aonaidh na bhith a’ toirt cuibhreann de chothrom dhan àite a bha na dachaigh dhaibh a bhith air a h-ùrachadh.

Ach a dh’aindeoin innleachd nan daoi, tha earbsa agam anns na daoine againn gun ruig sinn, mar an t-each mall is am muileann, ar ceann-ùidhe mu dheireadh thall.

Chan eil ach còig bliadhna air a dhol seachad on reifreann ann an 2014, agus tha an saoghal ag atharrachadh cho luath agus tha ginealaich ùr a’ fàs an àird aig nach eil meas ri glòir fhaoin Bhreatainn Bhriste. Tha latha nas fheàrr a’ tighinn agus bidh ar n-òigridh gar toirt air àdhart gu Tìr a’ Gheallaidh, tha mi cinnteach à sin.

Ach dè fios a th’ agam mu phoileataigs? Cha d’ fhuair mise ach 2.1. ’S cinnteach gu bheil beachdan nas fheàrr aig Ciorstaidh Rocais is càch. ’S ann leothasan a bhios an t-àm ri teachd.

Agus an geansaidh XL a fhuair mi? Tha e rud beag nas teinne na bha e o chionn fichead bliadhna.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach