An t-Eilean Ròdach / Rhode Island, na Stàitean Aonaichte

philsDachaigh saorsa adhraidh ann an Aimearaga (agus an taigh-adhraidh Iùdhach as sine ann an Aimeireaga a Tuath), tùs-àite a’ Chabhlaich Aimeireaganaich, ciad cholonaidh gus saorsa a ghairm bho Bheatainn, agus tè dhen dà stàit (le’r caraidean an Connecticut) nach do dhaingnich an 18mh ath-leasachadh (a’ toirmisg deoch-làidir) san dùthaich air fad. An t-aon àite san t-saoghal far a lorgadh tu carraigh-cuimhne do choileach no sluagh cho measail air bainne air bhlas cofaidh. An stàit as bige san Aonadh, ach aig a bheil an t-ainm as fhaide.

Stàit cho beag ’s gum faodadh duine triall troimpe gun mhothachadh gun robh i ann, ach a bhitheas a’ tàladh nan ainmean mòra, leithid T-Swift agus Hugh Jackman; (bha Miss Universe ’12 mur-thà innte… agus, gu mì-fhortanach, bha is Pauly D).

Ged a tha an t-Eilean Ròdach àillidh anns gach ràth den bhliadhna, cha ghabh e beatadh as t-samhradh no as t-fhoghar, dar a bhios caochladh dath nan duilleagan ann as t-fhoghar ann an Sasainn Nuaidh.

Tron t-samhradh, bidh na tràighean geala mìn-ghainmhich loma-làn de mhuinntir na sgìre a cheart cho math ri luchd-turais. A bharrachd, ’s iomadach fèill a th’ air a cumail ann, a’ gabhail a-steach ‘Beannachadh na Cabhlaich’, ‘Fèill Còcaireachd Eanraich a’ Mhaoraich’, ‘Fèill Biadh na Mara’, ‘Fèill nan Long Mòra’, ‘Fèill Chiùil Dhùthchail’, agus eile. Gabhaidh tuigsinn gu furasta an dlùth cheangal a th’ aig muinntir an àite ris a’ mhuir. (Tha cuibhreann-na-mara sa cheudad as mò aig an Eilean Ròdach na stàit sam bith eile.)

cpstaSeadh,  cha bheag gach ràth den bhliadhna, thèid na daoine faisg air a’ chosta a shireadh nan cùl-chabag (quahog – seòrsa de mhaorach). ‘S e aon de na dòighean anns a bheilear gan lorg (às aonais bàta) a’ coiseachd cas-rùisgte air oitir ghainmhich gus am fairichear fo chois iad.

Abair gu bheil muinntir an Eilein Ròdaich dèidheil air a’ chùl-chabag (ma shaoileas tu gu bheil an taigeis car sgreataidh, seall air cùil-chabag air an leth-shlige air Google). Bidh sinn corra uair gan deasachadh fhathast san t-seana dhòigh, an ‘clambake‘. Bithear a’ cladhach toll ann an gainmheach na tràghad agus a’ cur chlachan rèidh aig a’ bhonn. An dèidh dhuinn teine a losgadh na bhroinn fad uairean a thìde gus na clachan a theasachadh, bidh sinn a’ cur feamainn (feamainn bhuilgeanach), chùl-chabag, ghiomach, dhias Innseanach ’s bhuntàta ann gus am biadh a cheò-bhruich fad ùine bharrachd.

FogharTràth as t-fhoghar, bidh an aimsir fhathast blàth gu leòr gus snàmh sa mhuir. Cuideachd, mun Dàmhair, tòisichidh na craobhan air an dathan atharrachadh. Agus an uair sin, ’s ann a thig na ‘leafers’, mar a th’ againn orra, gus na craobhan dearga ’s buidhe fhaicinn tro lionsa an camarathan.

Tron gheamhradh gheibhear sneachd gu leòr (ach as aonais bheanntan, bidh tòrr a’ falbh gu tuath airson sgìthidh). Aig tòiseachd a’ Ghearrain, bithear a’ tòiseachadh air obair an t-sioraipe mhalpais – agus fàilte mhòr air an toradh ùr!

Tha deagh àiteachan ri thadhal orra cuideachd anns an Eilean Ròdach. A bharrachd air a’ phrìomh-bhaile, Providence, far a bheil Oilthigh Mhic’illeDhuinn, tha ceàrnaidhean mu dheas a tha gu sònraichte tlachdmhor don t-sùil.

193654_3615768397800_361579573_oTha Newport na àite air leth, measgachadh de sheana phort colonaidheil agus baile beairteach spaideil. ‘S ann an Newport a gheibhear na taighean mòra leòmach a chaidh a thogail ann am meadhan an 19mh linn, timcheall costa chreagaich bhrèagha. (‘S ann nas fhaide gu siar a lorgar an taigh leòmach aig T-Swift…) Taobh thall a’ bhàigh, tha Little Compton cho cosail ri pàirtean de Shasainn is Alba fhèin na ùrarachd.

Air sgàth a cumaidh bhig, ’s iomadach duine a chuir an t-Eilean às a dhèidh ann am priobadh na sùla agus iad a’ siubhal eadar Massachusetts agus Connecticut air a’ mhòr-rathad. Uill, bu mhòr am beud. Cò nach iarradh, co-dhiù, glainne fìon a ghabhail air àilear a’ coimhead a-mach air an fhairge fo ghathan blàtha na grèine?

Ach, mas ann air tòir an Drunken Clam a tha thu, tha mi duilich, ach dhùin e bho chionn trì bliadhna…

Liam Alastair Crouse

dealbhan le cead o mhàthair an ùghdair

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach