An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach?

Seòmar-teagaisg

© Emory Maiden

Ag èisteachd ris na naidheachdan an-dè, bha truas agam don chloinn ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig (FMG), gu h-àraidh nuair a bha Dòmhnall Moireasdan a’ leughadh a-mach nam mearachdan a bhios cuid dhiubh a’ dèanamh air Aithris na Maidne.

Chaidh aithisg fhoillseachadh le Oilthigh Obar Dheathain an t-seachdain sa chaidh air cleachdadh na Gàidhlig le luchd-labhairt òga ann an clas bunsgoile, ’s i a’ toirt aire do na duilgheadasan a th’ aig clann ann a bhith a’ bruidhinn na Gàidhlig, gu sònraichte a thaobh gràmair. A rèir an rannsachaidh, tha cùisean nas dorra buileach do chloinn aig nach eil Gàidhlig san dachaigh.

Ged a bha Aithris na Maidne rud beag frionasach m’ a dheidhinn, chan eil e soilleir bhon aithisg dè cho dona ’s a tha an suidheachadh. A bheil a’ chlann seo a’ dèanamh barrachd mhearachdan na tha clann ann am foghlam tro mheadhan Gàidhlig na h-Èireann, mar eisimpleir? Dh’fhaoidte gu bheil, ach cha deach sin a ràdh san aithisg.

(Gu dearbh, ged a bha am BBC a’ cleachdadh a’ chinn-naidheachd “Aithisg a’ càineadh Gàidhlig nan sgoiltean”, ’s e am BBC fhèin a bha a’ dèanamh a’ mhòr-chuid den chàineadh. A bharrachd air a bhith a’ leughadh a-mach nam mearachdan, thòisich Moireasdan agallamh còmhla ri neach-rannsachaidh Michelle NicLeòid le bhith ag ràdh gur e mablais a th’ ann an Gàidhlig nan sgoiltean. “Nach e?” thuirt e. “Cha chleachdainn am facal mablais idir,” thuirt i. Nas fhaide air adhart san agallamh, thuirt NicLeòid, “’S dòcha gum feum sinn a bhith ag aithneachadh gu bheil an cànan ag atharrachadh, nach e an aon chànan a bh’ ann o chionn ceud bliadhna -” “No fiù ’s bho chionn deich bliadhna!” thuirt Moireasdan. A-rithist, cha robh i deònach aontachadh ris.)

Tha an rannsachadh a’ sealltainn gu bheil duilgheadasan ann ge-tà, agus cha chuireadh sin iongnadh air duine sam bith. Cuideachd, nan robh agad ri tomhas a dhèanamh air na h-adhbharan airson nan duilgheadasan, tha mi cinnteach nach rachadh tu fada air falbh bhon fhìrinn. Chan eil tidsearan a’ faireachdainn misneachail gu leòr a thaobh nan sgilean gràmair aca fhèin; chan eil trèanadh no stiùireadh gu leòr ann aig ìre nàiseanta a thaobh teagasg na Gàidhlig; chan eil cothroman gu leòr ann don chloinn Gàidhlig a chluinntinn ’s a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile.

Ma choimheadas sinn air a’ chiad dà phuing an sin, tha e follaiseach gu leòr ciamar a thèid an cur ceart. Ach ma tha e cho follaiseach, carson nach deach a dhèanamh fhathast? An rud a tha tàmailteach dha-rìribh, ’s e ’s gu bheil sinn a-nis air ceithir aithisgean a leughadh a tha uile ag ràdh an aon rud, cha mhòr: gu bheil laigse chruaidh ann a thaobh an ìre de thrèanadh a bhios tidsearan Gàidhlig a’ faighinn. Ann an 1999 chaidh aithisg fhoillseachadh le Comhairle Teagaisg Choitcheann na h-Alba; ann an 2005, dh’fhoillsich an Riaghaltas aithisg leis an Gaelic Medium Teachers’ Action Group; ann an 2011, ’s e aithisg bho HMI a bha a’ toirt aire do na laigsean; am-bliadhna, tha an rannsachadh ùr seo a’ sealltainn gu bheil na h-aon laigsean fhathast ann.

Tha Bòrd na Gàidhlig air adhartas a dhèanamh ann a bhith a’ trusadh tidsearan Gàidhlig, agus tha sinn cuideachd a’ faicinn adhartas a thaobh sgoiltean Gàidhlig ùra ann an Glaschu, ann am Port Rìgh agus sa Ghearasdan. Tha na h-àireamhan a’ dol suas, ged nach eil sin a’ tachairt cho luath ’s a bhiodh am Bòrd ag iarraidh; a rèir a’ Bhùird, ’s e FMG a’ phrìomh dhòigh ann a bhith a’ togail an àireimh de luchd-labhairt na Gàidhlig, ged a tha gu leòr de dhaoine ann nach eil ag aontachadh ri sin. Ach ma tha FMG cho cudromach do leasachadh a’ chànain, carson nach eil tidsearan a’ faighinn deagh thrèanadh, stiùireadh agus leasachadh proifeiseanta?

Chan ann air a’ Bhòrd a tha an dleastanas son sin; ’s ann air an Riaghaltas a tha i, agus air na h-oilthighean a th’ air a bhith a’ tabhann chùrsaichean fad fichead bliadhna nach eil buileach èifeachdach. Bu chòir dhaibhsan mìneachadh carson nach eil iad air an dleastanas a choileanadh.

A thaobh an treas puing – nach eil clann a’ faighinn chothroman gu leòr Gàidhlig a chluinntinn agus a chleachdadh taobh a-muigh na sgoile – chan eil fuasgladh furasta ann. Mura bheil Gàidhlig aig an taigh, agus ma tha clasaichean Beurla san sgoil cuideachd, ’s e an seòmar teagaisg fhèin an aon àite far a bheil a’ chlann a’ faighinn an cuid Ghàidhlig. Tha sinn a’ cur an t-uabhas de chuideam air tidsearan; bu chòir dhuinn a bhith taiceil gu bheil gu leòr dhiubh ann a tha fhathast deònach a dhèanamh, gun mhòran trèanaidh no taic.

Aig toiseach na h-aithisge, tha an luchd-rannsachaidh ag ràdh:

“There is no evidence to suggest that the GM education system is succeeding in transforming those who come to school as English speakers into active Gaelic speakers […] Indeed, research suggests that continuity in the GM secondary education sector is severely undermining the capacity of GM education to help second-language speakers obtain fluency in the language […] Nonetheless, the education system is central to the production of new speakers of Gaelic […]”

‘S dòcha gum bi an seantans mu dheireadh an sin fìor san àm ri teachd, nuair a bhios FMG èifeachdach ri fhaotainn air feadh na dùthcha agus aig gach aois, ach chan eil e fìor an-dràsta. Chan eil sin a’ ciallachadh nach e rud fìor chudromach a th’ ann an FMG, ge-tà; tha fianais ann gu bheil e na b’ fheàrr do chloinn na foghlam tro mheadhan na Beurla a-mhàin, ge be dè na duilgheadasan a th’ ann an-dràsta. Nach biodh e na b’ fheàrr ma-tà a bhith a’ coimhead air FMG mar a tha e, mar mhodh foghlaim, an àite a bhith ga làimhseachadh mar ghoireas leasachadh na Gàidhlig, far a bheil àireamhan nas cudromaiche na comas?

Bha rudeigin eile san aithisg a chuir iongnadh ormsa, agus sin gun robh a’ chlann a’ cumail a’ dol ann a bhith a’ cleachdadh na Gàidhlig, fiù ’s nuair a bha e duilich dhaibh, nuair a bha iad a’ dèanamh mhearachdan agus nuair a bha aca ri tòrr fhaclan Beurla a chur a-steach. Cha robh iad a’ tionndadh chun na Beurla. Bha e soilleir gu bheil a’ chlann airson Gàidhlig a bhruidhinn agus gun robh na tidsearan air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ togail àrainneachd Ghàidhlig sa chlas. A bharrachd air sin, tha an rannsachadh a’ sealltainn gu bheil a’ chlann toilichte ann am FMG agus gu bheil dàimh mhath aca ris a’ chànan.

‘S dòcha nach eil sin fìor airson gach sgoilear anns gach clas Gàidhlig, ach faodaidh tu ràdh gu bheil a’ chlann seo air seòrsa de cho-dhùnadh a dhèanamh nan inntinn fhèin, gur e luchd-labhairt na Gàidhlig a th’ annta ged a bhios iad a’ dèanamh mhearachdan. Nam bheachd-sa, bu chòir dhuinn aithneachadh gur e rud prìseil a tha sin, agus fada nas dorra na gràmar ri theagasg.

– Rhona NicDhùghaill

Chaidh an dealbh a chleachdadh le cead Creative Commons.

Share

2 thoughts on “An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach?

  1. Cha chòrd càineadh a’ BBC rium a bharrachd. Tha an aon laigse ri fhaicinn ann an dùthchannan eile ach mar is trice, cuiridh càch barrachd taic ris an t-siostam mar fhuasgladh air. Chan eil sinne ann an Alba a’ dèanamh ach Reversing Language Shift Light, an ìre as lugha de mhaoin agus an uairsin càineadh mòr ma thèid rudeigin cearr. Tha seo mar gun doireadh tu mòinteach bheag le ceithir craobhan do chapaill-choille ’s an uairsin dùil agad ris na ceudan a dh’iseanan.

    Tha na Basgaich a’ cosg barrachd air taic airgead dha na meadhanan Basgais na tha sinne a’ cosg air a’ chànan AIR FAD. Chan iongnadh leinn ma-thà, ma nì iad-san adhart agus sinne seasamh far a bheil sin.

    Feumaidh fios a bhith againn cà bheil na beàrnan ach an uairsin, chan e càineadh a tha a dhìth ach taic agus leasachadh.

  2. Chan eil gu moran feum a bhith a’ togail air eisimpleirean bho thall-thairis – mar a tha ‘Michael’ gu h-ard a’ deanamh – as aonais co-theacsa. Figear – ach de percentage? Cia mheud neach-labhairt a th’ aca?

    Droch sgoilearachd, a charaid.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach