An t-Iuchar ann an Saoghal na Gàidhlig

Uil, uil… abair mìos a th’ air a bhith ann do shaoghal na Gàidhlig, eh? Sgrùdadh ga ghairm do Bhòrd na Gàidhlig agus e gun Cheannard le Gàidhlig, Urras a’ BhBC ann an Lunnainn ag ràdh nach fheum MG Alba fo-thiotailean Beurla a chur an sàs idir (ged a tha iad fhathast ga dhèanamh), agus Dàna air a dhol sàmhach fad cha mhòr mìos!

Ach feumaidh gun robh sinn uile air làthaichean-saora, mi fhìn ’s tu fhèin, a’ gabhail na grèine Albannaich (ha!), ’s a’ frithealadh fhèisean HebCelt, TMF agus sgoil-shamhraidh Ceòlas. Uil, fhad ’s a bha sinn an laigse eadar sgìths agus smùid an diabhail, bha saoghal na Gàidhlig – aig ìre bhuidhnean ‘poblach’ co-dhiùbh – a’ sgàineadh às a chèile.

Cumaidh mi post fa leth mu Bhòrd na Gàidhlig, agus e a’ nochdadh air 1 Lùnasdal.

Tha gnothaichean air greasad air aghaidh uair eile a thaobh fo-thiotalan loisgte agus MG Alba, bidh thu toilichte a chluinntinn. Dh’fhoillsich Dàna artaigil le Liza Storey aig gaidhlig.tv a’ dearbhadh gur ann le an toil fhèin a tha MG Alba a’ cur fo-thiotalan loisgte an sàs. Tha e coltach a-nise nach eil duine sam bith airson fo-thiotalan loisgte ach MG Alba fhèin. Abair cùis-nàire a tha sin. Sgrìobh Robbie MacLeòid deagh phìos air seo.[1]

Dhomh-sa dheth, cha tuig mi mar a tha MG Alba a’ cur uiread de chudrom air an luchd-coimhid iomlan aca. San t-seagh sin, tha MG Alba a’ meas na mòr-shlòigh os cionn luchd na Gàidhlig. Ach, nach ann às leth luchd na Gàidhlig, am mion-shluagh, a chaidh an seanail a chruthachadh? Shaoil mis’ gur ann…

Tha seo a’ ceangal a-steach don liuthad Beurla air an t-seanail. ’S ann ainneamh a bhitheas mi fhìn a’ coimhead BBC Alba co-dhiubh, ach dh’fheuch mi oidhirp a dhèanamh a’ mhìos seo fhèin. Ach na trì tursan mu dheireadh a chuir mi air an tbh, ’s e a’ Bheurla a bha gam fhàilteachadh. Mas ann airson deagh phrògraman sa Bheurla a choimhead air an tbh a tha mi, cuiridh mi geall nach ann air BBC Alba a bhios mi toirt m’ aire!

Chan eil mi a’ faicinn mar a tha maith luchd coitcheann na Gàidhlig aig na buidhnean seo. Neo ma tha, ’s ann fo sgèith agus le cead a’ mhòir-shluaigh Bheurla a thèid maith na Gàidhlig a bhuileachadh. A bheil na buidhnean seo a’ coileanadh an dleastanasan? A bheil iad ag àrdachadh na Gàidhlig agus còraichean luchd-labhairt na Gàidhlig mar as còir dhaibh?

Am-bliadhna, bhathar a’ comharrachadh 10 bliadhna bhon a chaidh Achd na Gàidhlig a chur air bhonn. ’S ann mar thoradh air bliadhnaichean de dh’iomairtean às leth na Gàidhlig a bha an t-Achd, agus na buidhnean eile leithid MG Alba agus Bòrd na Gàidhlig. Bho 2005, tha guthan àrda na Gàidhlig air dhol car sàmhach, nach eil? Mar gun robh iad air an sàsachadh? (’S ann a tha mi a’ faighneachd; cha tàinig mise a dh’Alba ach ann an 2008…)

Ach a bheil? Agus a bheil sinn toilichte leis mar a tha gnothaichean? A bheil sibh a’ smaointeachadh gu bheil gu leòr ga dhèanamh às leth na Gàidhlig? Am faodadh barrachd a dhèanamh? Am bu chòir do MG Alba a chur às do uiread de Bheurla a thathas a’ craobh-sgaoileadh? Am bu chòir do gach clann a dhol tro FTMG sna h-Eileanan Siar, mar eisimpleir?

Thog Dòmhnall Morris deagh phuing air Iomairtean Gàidhlig fhad ’s a bha an t-Iuchar a’ dol seachad orm. Cò mheud duine a tha air iomairt às leth na Gàidhlig bhàrr an eadar-lìon a dhèanamh sa bhliadhna mu dheireadh? Chan eil fhiosam an do rinn mi fhìn tè (seach a bhith ga bruidhinn anns gach cothrom a gheibhinn). A bheil an t-àm ann iomairt cheart – iomairt ann an àite poblach – a chur air dòigh, mar a bh’ aca ann an Èireann bho chionn bliadhna? Tha cus air dol tuathal.

Cò tha saor san Lùnastal? Tha mis’.

– Liam Alastair Crouse

Tha na beachdan an seo an urra ris an ùghdar agus chan eil iad a’ buntainn ri buidheann neo companaidh sam bith eile.

[1] http://robbieamacleod.tumblr.com/post/123480636676/chan-eil-mi-a-coimhead-air-tbh-sa-ghaidhlig

Share

3 thoughts on “An t-Iuchar ann an Saoghal na Gàidhlig

  1. ” Ach na trì tursan mu dheireadh a chuir mi air an tbh, ’s e a’ Bheurla a bha gam fhàilteachadh.”

    ‘S ann mar sin a tha e gu mi-fhortanach. ‘S e sianal Gaidhlig tro mheadhan na Beurla a th’ann an BBCAlba.

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach