An t-Ubhal as Àirde; a’ cur chraobhan-ubhail air Ghàidhealtachd

‘S e an geamhradh an t-àm as fheàrr dhan ghàirnealair meòrachadh air dè a bhios roimhe sna mìosan ri teachd.  Am measg nan amasan a th’ agad ’son 2018, dè mu dheidhinn àite a thoirt don chraoibh-ubhail? Le beagan obrach bheir i bliadhnaichean de thoradh is toileachas dhut.

Tha cuimhne mhath agam air an latha geamhraidh a chuir mi na crainn-ubhail sa ghàrradh agam, ged a tha deannan math bhliadhnaichean air a dhol seachad bhon uair sin. Cha robh coltas dòchasach air an latha idir. Bha smugraich ann, an seòrsa smugraich leantainneach a dhrùidheas tro aodach gus an ruig e craiceann; agus bha i fuar. Nam làimh bha trì craobhan ged nach robh annta ach gallanan lom is coltas marbh orra. B’ e obair creideis a bh’ ann. Chuir mi dhan ùir fhuar iad far an do dh’fhan iad nan tàmh son a’ chòrr dhen gheamhradh is thill mi gu blàths an taighe cho luath ’s a b’ urrainn dhomh.

Leis an earraich thòc na braonain is nochd na ciad dhuilleagan, is tro na bliadhnaichean dh’fhàs iad gu bhith nan làn chraobhan. B’ e mìorbhail a bh’ anns an dòrlach ùbhail a nochd mar leugan nas fhaide air a’ bhliadhna ud. Ri h-ùine chaidh an àireamh de dh’ùbhlan a gheibhinn am meud gus, mu dheireadh thall, dh’fhàs e gu bhith na dhùbhlan dhomh dèiligeadh riutha uile. Ach b’ e am blas an rud a b’ fheàrr buileach man deidhinn; blas nach fhaighear idir air ùbhlan às an olla-mhargaidh. ‘S e buannachd a bharrachd gu bheil ùbhlan eireachdail le blàth geal is pinc as t-earrach is na measan dathach a leanas. Is chan e dìreach sinn fhèin a gheibh tlachd asta. Nì seilleanan gàirdeachas ris an neactar a thabhainneas na ditheanan is air latha grianach earraich seinnidh còisir dhiubh bho na geugan. As t-fhoghar gabhaidh na loin-dhubh brath air gin de na measan a thuiteas gu talamh.

Craobh ubhail fo bhlàth

Mholainn-sa dha duine sam bi aig a bheil talamh freagarrach co-dhiù aon chraobh ubhail a chur. Ach tha rabhadh an cois mo mholaidh. Tha Gàidhealteachd na h-Alba aig fìor iomall an raoin far am fàs ùbhlan idir is ma tha iad gu bhith soirbheachail, mar as motha de chùram a ghabhas sinn dhiubh ’s ann nas fheàrr. Feumaidh an cùram seo tòiseachadh fiù ’s mus teann sin ri ar làmh a chur nar pòcaid gus craobh a cheannach. Is beag feum a nì ar sgillinnean mas e bàs muladach a bhios fa-near don phlannt agus ’s e a bhitheas mur cuirear san àite cheart e. ‘S iad an dà rud as lugha le ùbhlan gaoth làidir is talamh fliuch. ´S ann a tha sinne, a tha a’ tàmh air na h-eileanan no costa an iar, eòlach gu leòr air gaoth is a buaidh. Feumar craobh ubhail a chur ann an àite fasgach ma tha cothrom gu bith aice air soirbheachas idir. Chan eil sin a’ ciallachadh oisinn dhùinte far nach bi deò ann idir is far am biodh fungas is galaran eile a’ faighinn làmh an uachdair. A thaobh talmhainn shliobaich, cha sheas ubhal sam bith ri geamhradh is a freumhan air am bogadh an ùir fhliuch fhuar. Gabhaidh talamh bochd a leasachadh le bhith ga obrachadh is a’ cur a-steach stuth na sitige no stuth organach eile. Chan eil beatadh air feamainn mar todhar dhan fheadhainn, coltach rium fhèin, a tha a’ còmhnaidh faisg air a’ chladach, ach dèan cinnteach gun obraich thu a-steach e greis mhath mus cuir thu a’ chraobh dhan talamh is mar sin bidh i air a lobhadh gu math. Ma chuirear a’ chraobh air tom cuidichidh sin le bhith a’ togail nam freumhan far na dampachd. Còrdaidh e ri ùbhlan, mar a chòrdas e rinne, a’ ghrian a ghabhail agus gu dearbh feumar solas na grèine gus an abaich na measan. B’ fhiach e am bad as soilleire dhen ghàrradh agad a leigeil seachad airson do chraobh a chumail ann an sunnd.

Ma tha thu dhen bheachd fhathast gum bi an roinn agad fhèin de dh’fhearann na dùthcha freagarrach dha craobh-ubhail is nach eil màirneal ri chur a-nis; fan mionaid! Tha aon rud eile dham bu chòir dhuinn ar n-aire a thoirt agus ’s e seo gnè na craoibhe. Ged a tha còrr is 7,500 gnè eadar-dhealaichte ri faotainn air feadh an t-saoghail, cha soirbhich ach le àireamh bheag dhiubh air a’ Ghàidhealtachd. Nuair a rinn oifigear bith-iomadachd aig Comhairle na Gàidhealtachd sgrùdadh air crainn-ubhail a bha a’ fàs san sgìre ann an 2011 fhuair e 74 diofar ghnèithean uile gu lèir. ‘S iad na gnèithean as tapaidhe as fheàrr a shoirbhicheas sa Ghàidhealtachd. Feumaidh iad a bhith seasmhach ann an droch-shìde agus ri ionnsaighean bho ghalaran is fungasan leithid canker agus a’ chreim ris an còrd ar n-aimsir thais, gu sònraichte air a’ chost’ an iar.

Tha an cruth-tìre agus an aimsir cho caochlaideach ann an Alba ’s gu bheil e duilich a dhol an urras dè na gnèithean a shoirbhicheas anns a h-uile suidheachadh. Ma leumas mi fhèin dhan chàr aig an taigh is a dhràibheas mi fiù ’s cilemeatair no dhà sìos an rathad, bidh mi ann am bad le aimsir is talamh gu tur eadar-dhealaichte ris nach seas na craobhan a tha dòigheil gu leòr sa ghàrradh agam. ‘S fhiach sùil a thoirt thar feansa do nàbaidhean ma tha craobh ubhail aca is faighneachd dhiubh dè an seòrsa a th’ innte is dè cho math ’s a tha i a’ cumail.

‘S e ‘Discovery’ agus ‘Katy’ a mholainn mar an dà ghnè de dh’ùbhlan milis leis an fheàrr a thèid air taobh an iar na h-Alba, ach tha mòran eile ann. Sa chumantas ’s e na h-ùbhlan searbha a dh’fheumas còcaireachd le siùcar as fheàrr a sheasas ann an suidheachaidhean dùbhlanach. ‘S e Keswick Codlin a’ ghnè a tha a’ fàs agam fhèin ann an oisinn sgàthach dhen ghàrradh. Bidh feòil chlòimheach na craoibhe seo, is i air a bruich, a’ lìonadh an reòthadair agam fad a’ gheamhraidh.

Ubhal ‘Discovery’                                                            Ubhal ‘Katy’                      

Ma tha ùidh agad ann am bith-iomadachd no rud diofaraichte a bhith agad thoir sùil air na seann ghnèithean a tha dùthchasach don sgìre agad fhèin. Tha cuid de na gnèithean Albannach a’ dol air ais grunn linntean is tha na h-ainmean romansach aca leithid ‘Bloody Ploughman’, ‘Tower of Glamis’ agus ‘Scotch Bridget’ a’ tarraing air an eachdraidh ùidheil. Chaidh a’ ghnè ‘Coul Blush’ àrach cho fada tuath ri Cùil ann an Siorrachd Rois an 1827.

Buinidh na h-ainmean sin do dh’earrann na craoibhe a chithear os cionn na talmhainn is bidh a’ phàirt sin air a tàthadh ri freumh diofaraichte, no stoc an fhreumha mar a chanar ris. Tha na h-ainmean loma air an earrann sin dhen chraobh, mar M26, a’ cur mun aire dhuinn gur e obair phragtaigeach a th’ aca ri choileanadh. Far a bheil dreach na craoibhe an eisimeil an fhaillein, ’s e meud na craoibhe a tha an eisimeil air an fhreumh. Cha shoirbhich leis an fheadhainn as lugha mar M27, no na seòrsachan troiche mar a theirear riutha, air a’ Ghàidhealtachd ach a-mhàin ann an àite a tha taghta. ‘S e M26 is MM106 an fheadhainn as fhèarr; chan eile iad ro mhòr son a’ ghàrraidh àbhaistich ach tha iad fhathast tapaidh gu leòr.

Chan eil ach aon cho-dhùnadh ri dhèanamh a-nis agus ’s e sin; an e craobh a chaidh a togail ann am poit no ann an achadh a cheannaicheas tu? Gheibhear an fheadhainn ann am poitean aig àm sam bith dhen bhliadhna bho ionad gàrraidh. Gheibhear an fheadhainn a chaidh an togail ann an achadh anns a’ gheamhradh a-mhàin nuair a bhios na geugan aca lom is a sheasas iad ri bhith air an togail bhon talamh. Tha iad seo beagan nas saoire ach nas cudromaiche na seo tha roghainn nas fharsainge ri fhaotainn. Nam bheachd fàsaidh iad suas nas ealaimhe cuideachd a rèir càit an tèid an cur.

Às dèidh seo uile ’s e rud an ìre mhath sìmplidh a th’ ann a bhith a’ cur na craoibhe: glan às na luibhean is cladhaich toll a tha a dhà uiread ri meud an fhreumha. Cruthaich cruach beag sa mheadhan, suidhich na freumhan san toll is lìon e a-rithist. Ceangail stoc na craoibhe an uairsin ri stob a dhìonas i bho bhith air a leagail leis a’ chiad ghaoith mhòir.

A-nis ’s e foighidinn as motha a tha a dhìth ort. Ged a nochdas dòrlach ùbhlan air do chraobh sa chiad bhliadhna no dhà bheir e corra bhliadhna eile mus ruig i làn ìre. San eadar-àm ’s fhiach beagan snais a thoirt air a’ chraobh le bhith ga bearradh ’s ga sgathadh gus an coilean i an cumadh a tha thu ag iarraidh an àite a’ chumaidh a mhiannas nàdar. Ma leanas tu ort le sgathadh bliadhnail bidh craobh fhallain is torrach agad. ‘S e sgathadh gu tric an rud as motha a chuireas eagal air gàirnealairean ùra agus tha e fìor gu bheil coltas na sgoile-duibhe air a’ ghnothach an toiseach leis a h-uile dòigh a tha ann a rèir gnè na craoibhe is a cumaidh. Ach tha na prionnsabail air an cùlaibh sìmplidh gu leòr is le bhith ga fheuchainn thig misneachd ort rè ùine.

An ceann greis bidh do chraobh mar charaid dhut is nì thu fiughair leis na gnìomhan beaga seo a bhios mar dhòigh air a bhith a’ cur barrachd eòlais oirre. Gu dearbh tha craobh-ubhail air tè de na caraidean as fheàrr a gheibh thu; caraid dìleas, fialaidh a bheir mòran dhut gun mòran iarraidh ort.

Dà cheangal fheumail:

http://www.scottishfruittrees.com/Scottish_Fruit_Trees/finest_Apple.html
https://www.highland.gov.uk/downloads/file/368/the_highland_apple_map

Le Alistair Paul

Share

2 thoughts on “An t-Ubhal as Àirde; a’ cur chraobhan-ubhail air Ghàidhealtachd

  1. Artaigil air leth math a charaid, tha sinn ann an Buidhean Ubhalghoirt Inbhir Narann air a bhith fàs grunn craobhan-ubhail o chionn ceithir bliadhna a-nis: an da chuid iadsan le buntainneas dualchas na h-Alba agus an fheadhainn a tha nas òige agus nas cumanta a bharrachd air sin tha sinn air a bhith gu mòr ri rannsachadh air na craobhan a tha a fàs gu math mu thràth san sgìre againn.

    An robh thu a riamh air an duilleag Facebook Scottish Orchard Collective? Uaireann bidh beagan Gàidhlig ri leughadh an sin, siud ’s ’s seo tha beagan taobh Gàidhlig de Ùbhlan ann an Alba.

    https://www.facebook.com/groups/orchardcollectivescotland/

    https://drive.google.com/file/d/1vb4wwNnrc3QSpLXFyJNVlfCyc3O4NQrw/view

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach