An tòir air Còsagach

Siorram suas siorram sìos ach chan eil sgeul air an fhacal àraidh a bha air beul a’ bhaile an t-seachdain sa chaidh. Tha Alistair Paul a’ lorg “còsagach” san dàn aoir seo. Càit an toir an seachran-seilge e?

An tòir air Còsagach

‘S iomadh sireadh
Air an tugadh iomradh
A ghabhadh os làimh
Le draoidhean is naoimh
Is iomraiteach buaidh
Ar gaisgich is curaidhean

Ach is suarach an seanchas
An coimeas ri tòir a’ chòsagaich

Bu treun iad An Fhèinne
Ann an dùbhlan is dòrainn
B’ eòlach iad air buinnig
Ann an strì agus còmhrag
Is iomadh mìorbhail a ghlac an sùil
’s iad nan triall thar tìr is sàile

Ach chan fhacas leoth’ am fear thar càich
Cha d’ fhuair iad greim air còsagach

Cha bu ghann i an lèirsinn
A nochd na Gàidheil thar nan linn
Bu phailt nam measg fàidhean
Aig gach uile treubh taibhsearan
Fhuaras soillearachadh le manaich
Ann an iomadh ceàrn uaigneach

Ach ann am bruadar no breislich
Cha do dh’fhoillsicheadh dhaibh Còsagach

Tha is liut aig na Gàidheil
Airson miotas agus ùr-sgeul
Naidheachdan tha annasach
Mu chreutairean òs-nadarrach
Cruth-chaochladair is tàcharan
Gach annas air an cuirear faclan

Ach an cualar sgeul cho anabarrach
Ris an fhear chaidh innse mu chòsagach?

Mas tusa an gaisgeach againn
A thèid an tòir air cùis ar n-èiginne
Feuch am bi thu uidheamaichte
Slapagan air do chasan suidhichte
Todaidh blàth nad do làimh
Ri taobh teine dreòsaich.

Mas ann aig fois thu ’s tu nad shìneadh
Thig còsagach thugad gun sireadh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach