An Tuil ‘s An Sruth | Runrig agus Peter Gabriel

Tha Runrig seachad. Cha dhiochuimnich iadsan a bha ann e gu bràth. Tha Eòghan air a bhith a’ sìreadh comhfhurtachd o cheòl Pheter Gabriel.

“An oidhch’ a dh’fhalbh iad
dhìrich sinn an cnoc a b’ àirde
is shuidh sinn gun fhocal, sàmhach,
gus an deach às ar sealladh
solas crann-àrd a’ Mharloch.”

Bàs Baile – An t-Ùrr Iain MacLeòid

“In the thunder crash
You’re a thousand minds, within a flash
Don’t be afraid to cry at what you see
The actors gone, there’s only you and me”

Here Comes The Flood – Peter Gabriel

Ged ’s beag sinn mar shluagh agus mar choimhearsnachd, tha sinn mòr a thaobh comas agus liùt a’ chiùil. Tha sinn uile glè fhortanach a bhith eòlach no càirdeach ri daoine a tha siubhlach is ealamh air ceòl ’s a tha duine sa chruinne-cè. ’S aithne dhuinn am buadhan ceart cho math ris an daonnanachd aca. ’S dòcha gu bheil sin a’ ciallachadh gu bheil sinn air dùsgadh ann an dìg cuide riutha, air lioft fhaighinn bhuapa, air neo dìreach bruidhinn riutha airson mionaid no dhà ann an dòigh gu math àbhaisteach mu chrodh is chaoraich.

’S ann mar sin a bhiodh mòran againne deireadh-seachdain sa chaidh aig an Dannsa Mu Dheireadh aig Runrig ann an Sruighlea. Bha sgeulachdan aig mòran dhaoine, far an robh ceangal pearsanta air choireigin aca ris a’ chòmhlan agus ris a’ cheòl. Tha an càrn aig Runrig air a bhith ga chur ris gus am biodh e ceart cho àrd ri Caisteal Shruighlea fhèin. Is chan eil mòran eile as urrainn dhomh a chur ris ach gun do thachair rudeigin àraid nach thachair a-rithist a-chaoidh an dà oidhche sin.

Cha b’e “Taigh-fhaireadh aig tiodhlacadh dhaoine beò” mar a bha aig an Urr. Iain MacLeòid, ach b’e rudeigin coltach ris. Cràdh air choireigin a bha na bu mhotha na ceòl, no briathran, no càirdeas nar cridhe. Tha beàrn ann nach tèid a lìonadh, ach feumar a lìonadh. Togaidh càrn mòr le clachan beaga, agus ’s e sin a dh’fheumas sinn a-nis, a thaobh ceòl, a thaobh cànain, a thaobh càirdeas. Feumaidh sinn na mìle gnìomh a dhèanamh.

Chan eil a h-uile neach-ciùil air a’ Ghàidhealtachd air an aon ìre de shoirbheachas fhaighinn ri Runrig, (air neo fiù ’s Julie choir a rinn cho math an dà oidhche cuideachd), ’s e seo na luchd-ciùil a dh’fheumas cluich sia no seachd oidhcheannan san t-seachdain, a dh’fheumas obraichean eile, ann an ceòl air neo ann an saoghal dìreach an tuarastail. Agus tha an saoghal seo a’ fàs nas dorra gach bliadhna le Spotify is an leithid ag èirigh, agus companaidhean coimpiutair agus chàr a chur às do dhraibhean CD is DVD. Cò bhios a’ ceannach CDan na làithean-sa.

Is aithne dhomh aon fhear a tha air a h-uile pìos ciùil aige a stobadh an-àird air a h-uile ùrlar didseatach, agus fear eile a tha air diùltadh air fad sin a dhèanamh. Gheibhear glè bheag de dh’airgead airson gach cluich, agus ged ’s ann mar sin a bha e san t-seann aimsir le cluich air an radio, bha an cluiche sin ag obair mar shanasachd – a-nis chan fheum neach a dhol a-mach is an clàr a cheannach. Tha e aca sa bhad, mar a sgrìobh Calum fhèin “and our children sit at websites, all heedless of the cost” – ged a chanadh gu leòr gur e na ginealaichean as sine nach tug for air duais dhaor an eadar-lìn!

Feumaidh mi ràdh ge-tà, nach eil mi air a bhith air deireadh a dhol an-sàs anns an linn ùr seo de shrùthadh agus cunntas agam airson seirbhis srùthaidh. Tha mise air a bhith a’ cleachdadh Tidal, an làrach aig Jay-Z leis gun robh Prince a’ cur taic ris mus d’ fhuair e bàs. Bha an duine beag purpaidh mar fhaidh nuair a thàinig e do chùisean-ciùil air loidhne. “Cò tha a’ faighinn pàigheadh?” ars esan agus bha e ceart. Bidh Tidal a’ pàigheadh barrachd airson gach cluich agus tha fuaim nas fheàrr air a’ cheòl, ach tha dùbhlan mòr an lùib an teicneolais ùir do luchd-ciùil agus tha e doirbh fhaicinn slìghe eile air adhart ach a bhtih a’ cluich beò nas trice is nas trice. Chan fhaic sinn Runrig beò air an àrd-ùrlair a-rithist ge-tà.

Co-dhiù, bha Tidal gam chuideachadh tron t-seachdain as dèidh Rurnig leis gun d’ fhuair iad cead an stòrlann air fad aig Peter Gabriel a shrùthadh agus chuir iad a h-uile clàr air loidhne Diluain. Tha luchd-ciùil eile air mo thaladh thar nam bliadhnaichean, Robert Plant, Prince, Bowie, Mike Scott agus na Waterboys aige ach ’s mathaid gur e an aon neach a a b’ fheàrr a bha e a’ pìobrachadh mo mhacmanmna. Tha Gabriel mu dheireadh thall air a cheòl a chur air cuid de na seirbhisean sruthaidh.

Nuair a dh’fhàg e Genesis (còmhlan air nach eil mi idir deidheil.) rinn e sreath de chlàran a dh’fhàs na b’ fheàrr is na b’ fheàrr. Agus gus a bhith doirbh, thug e Peter Gabriel air a’ chiad ceithir! (’Se C‘ar, Scratch, Melt agus Security a thug na h-Ameirigeanaich orra a-rèir ealain a’ chòmhdaich.)

Tha a’ chiad chuid mar Càr agus Scratch caran doirbh, le nonsaireachd Genesis fhathast a’ togail ceann, (ged nach eil òran nas fheàrr na Solsbury Hill aige) agus tha buaidh Bowie ri chluinntinn air Scratch (le Robert Fripp ag obair mar riochdaire), ach nuair a ruigeas e Melt agus Security (dà chlàr a rinn e sa Ghearmailtis cuideachd), tha e a’ lorg fuaim a tha siubhlach, meachair, os-saoghalta ach fìor.

Ged a bha cliù aige mar neach-ciùil ealanta cha b’ ann gus an d’ rinn e So a fhuair e duais mhòr, agus ’s ann airson a’ chlàir sin a bhios e ga chuimhneachadh leis a’ phoball san fharsaingeachd – am bhideo iongantach ud airson Sledgehammer a tha fhathast a’ coimhead cho grinn an-diugh (cia mheud bhideothan o na 80an a bhiodh airidh air tionndadh 4K san lath an-diugh.

Rinn Gabriel cho math le So gum b’ urrainn dha na thogradh e a dhèanamh. Leudaich e an companaidh ceòl an t-saoghail aige RealWorld agus an fhèis Womad a bha na chois, a’ toirt dhuinn an leithid de Afro Celt Sound System (far am bi ar caraidean Griogair agus Eòghann a’ cluich a-nis). On uairsin, cha d’ rinn e ach soundtrack no dhà, dà chlàr Us agus Up agus an uairsin dà chlàr eile le orchestra, fear leis na h-òrain aig daoine eile agus fear eile leis na seann òrain aige fhèin. Seachd chlàran ceart, trì soundtracks agus òran no dhà eile ann an ceathrad bliadhna, ach nuair a tha iad cho math, ’s fhiach èisteachd riutha. Bha mi gu math toilichte a bhith a’ faighinn a’ chothruim èisteachd ris na soundtracks airson Rabbit Proof Fence agus Birdy.

Tha mi air Gabriel fhaicinn aon uair. B’ fheàrr leam nach robh mi air fhaicinn, ged a bha e sònraichte math, o chionn ’s ann aig a’ chiad chonsairt cuimneachaidh airson Martyn Bennett ann an Talla na Banrighinn ann an Dùn Èideann a rinn mi èisteachd ris. Bha Martyn air chaochladh dìreach trì miosan roimhe agus ’s e oidhche dhrùidteach a bh’ ann. ’S e RealWorld a bha air Grit fhoillseachadh, agus gus clach a chur air càrn Mhàrtainn, thàinig Gabriel a-mach ann an deise dhubh, feusag bheag, a cheann maol agus meur-chlàr air a ghlùinean. Chluich e Here Comes The Flood on a’ chiad chlàr aige agus an uairsin bha e a’ falbh.

Gus an consairt sin a thoirt gu crìch an oidhche sin, ghabh Mairead, màthair Mhàrtainn an t-àrd-urlar a’ sadail air falbh a bata, agus a’ lorg neart nuair a bhiodh am fear a bu threine air a leagail agus còmhla rithe thog a h-uile duine Griogal Cridhe, mar a rinn an dithis aca, màthair is a mac còmhla air Glen Lyon. B’ e siud call agus cràdh.B’ e siud taigh-fhaireadh.

Cha bu choir dhuinn a bhith ro dhuilich ged a sheòl Runrig às ar sealladh. Fhuair iad an cothrom soraidh slàn a thoirt dhuinn. Dhealaich sinn uile gun aithreachas mar an dithis ann an Dance Called America. Tha an sianar (agus Donaidh) fhathast còmhla rinn, agus chì sinn iad a-rithist ann an dòigh air choireigin. Mar a rinn iad ann Tìr a’ Mhurain, chuir iadsan sìol agus meas nam bard, agus a-nis seo am foghar a bha a’ feitheamh orra on latha bha iad òg. ’S iad tha àiridh air.

Agus cò th’ ann am Peter Gabriel ach Donaidh Rothach Genesis? Cò as fheàrr leibh? Donaidh no Brus? Peter no Phil? Freagairtean do dh’Alasdair MacCaluim c/o Pàrlamaid na h-Alba.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach