An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt I

©Innapoy

©Innapoy

Sna h-artaigealan seo, bidh Liam Alastair a’ toirt sùil air eachdraidh, cultar an latha an-diugh agus ath-bheothachadh cànain nan Naragansat, treubh tùsanach an Eilein Ròdaich. ‘S fhada on a bha an treubh ionadail againn, an Naragansat (Beurla: Narragansett), a’ còmhnaidh ’s a’ gabhail sealbh air an fhearann timcheall a’ bhàigh air a bheil ‘Bàgh nan Naragansat’ san Eilean Ròdach air an latha an-diugh. Tha iad nam pàirt dhùthchasach chudromach de chultar an Eilein, ach pàirt nach glac tòrr aire bhon t-sluagh eile a bhitheas a’ fuireach an-seo. San Eilean Ròdach, tha, agus bha, comhstrì a’ tachairt fad linntean timcheall nan ceistean mu choinneamh ‘fìor-dhùthchas’ nan Ròdach – na h-aon cheistean air nach tàinig fuasgladh thar na dùthcha no an Domhain fhathast. .

 

Dùbhlan an Sgeòil 

Tha tràth-sgeul nan Naragansat air leth toinnte cuideachd, gu seachd àraidh airson nan ’daoine geala’.[1] Tha seo air sgàth ’s gu bheil dualchas a’ chinnidh seo stèidhichte gu mòr air beul-aithris fhathast. Thairis air na linntean a dh’fhalbh, cuideachd, tha an Treubh air fàs uabhasach amharasach ron riaghaltas agus càch air sgàth an droch ghiùlan a dh’fhulang iad. Mar sin, cha bhi an Treubh idir deònach am beul-aithris a chraobh-sgaoileadh am-measg càch.

Aon uair bho chionn deannan de bhliadhnaichean, dh’fheuch caileag ‘gheal’ Ròdach tràchdas a sgrìobhadh air dualchas nan Naragansat – air sgàth nach eil sìon ri fhaotainn sgrìobhte ann, ach chaidh a diùltadh leis an Treubh gu tur. Sa chiad dol-a-mach, carson a bheireadh iad am beul-aithris aca don fheadhainn a bha mì-gheanach fad linntean riutha. Agus, carson a leigeadh iad leis an fhiosrachadh phrìseil aca a bhith na chulaidh-sgrùdaidh do dh’institiudan mòra a bheireadh mì-chinnt air an dìleab aca le ceasnachadh.

 

Tribal_Territories_Southern_New_England

Mapa de na Seann Treubhan ann an Sasann Nuadh a Deas (c. 1700); © Nikater Wikicommons

An Linn Ro-Cholumbusach agus Creachadh Ghalairean

Tha an Naragansat a’ cumail a-mach gu bheil iad air a bhith ann 30,000 bliadhna. Co-dhiù, tha fianais bho arc-eòlas ag innse dhuinn gu bheil an Treubh air a bhith ann fad linntean. Mar eisimpleir, tha aon làrach (RI 110; barrachd air na poileataics timcheall an làraich seo san dara pàirt), ‘far an do dh’fhàs an Naragansat às an talalmh’ mar a tha iad a’ cur an cèill, a’ dol cho fad air ais ri 1000AD. Air an làrach seo b’ àbhaist do mhòr-bhaile agus cladh sgaoilte thar 40 acairean a bhith ann. Theagamh gur e an làrach as cudromaiche do dh’arc-eòlas na Linn Ro-Cholumbusaich (.i. ron 16mh linn) air taobh sear Aimeireagaidh.

Dar a thàinig Giovanni de Verrazano,  ann an 1524, chunnaic e sluagh mòr beò air àiteachas agus sealgaireachd, air an riaghladh fo rìghrean – coltach ri Èirinn bho shean. Bhon uair sin, thòisich daoine às an Roinn Eòrpa a’ tighinn don àite, a’ tòiseachadh mar sruthan agus a’ dol mu dheireadh nan tuiltean. Ro Linn nan Colonaidh, bhitheadh iasgairean a’ tighinn ann gus brath a ghabhail air an stòras mhòr èisg; mar eisimpleir ann an 1578, chunnaic aon seòladair 100 seòl Spàinnteach, 20-30 sealgairean nam mucan-mara à Dùthaich nam Bascach, timcheall air 150 bàta-iasgaich às an Fhraing ’s a’ Bhreatainn Bhig, agus 50 seòl Sasannach faisg air Talamh an Èisg (’s beag an t-iongnadh, mar sin, gur e sin an t-ainm Gàidhlig air ‘Newfoundland’!).[2]

Bhitheadh na seòladairean ’s na h-iasgairean a’ dol an làthair nan tùsanach air feadh costa an ear Aimeireagaidh, agus a’ toirt seachad galairean Eòrpach san dol seachad. Chan eil cinnt ann mu àireamh an t-sluaigh a bha ann ro theachd nan Eòrpach, ach thathar a’ smaoineachadh gun do chrìon àireamh nan tùsanach eadar trian suas gu naochad sa cheudad eadar 1615 agus 1625.2

Dh’fhulang cuid de threubhan tùsanach buaidh nan galair na bu mhò na cuid eile. Airson adhbhar air choireigin, fhuair an Naragansat às gun cus cron. Sna bliadhnaichean a lean mòr-fhàsachadh nan galair, dh’fhàs an Naragansat am meud agus an cumhachd san sgìre.

 

Roger_Williams_and_Narragansetts

Roger Williams agus Sachem Canonicus; Raon Poblach

Linn nan Colonaidhean agus King Philip’s War

Chaidh am Massachusett’s Bay Colony a stèidheachadh ann an 1620 le puratanaich à Sasann. Ann an 1636, thàinig Roger Williams, fear a chaidh a dhìobradh às a’ Cholonaidh airson a bheachdan creidmheach agus caraid don Naragansat, a chòmhnaidh ann am Providence, prìomh-bhaile na Stàite. Bha Roger Williams agus Rìgh nan Naragansat, Canonicus, glè mhòr aig a chèile. B’ ann bho Chanonicus a fhuair Williams cead agus cùmhnant a bhith a’ fuireach taobh a-staigh chrìochan na Treubha. Tha an cùmhnant sin fhathast ann an tasglann a’ bhaile Providence.[3] (San dol seachad, ’s ann air sgàth saothair Williams a tha fianais ann san latha an-diugh mu chànan nan Naragansat; bidh seo a’ nochdadh san treas phàirt den alt seo.)

An ceann deannan de bhliadhnaichean, bha fàs nan Colonaidhean ag adhbhrachadh aimhreit fearainn. Cha b’ fhada gus an robh a’ chiad chogadh am measg nan tùsanach agus nan colonaidheach. ‘S e na Pequot (treubh a bha nan còmhnaidh ann an Connecticutt an latha an-diugh) a dh’fhulang a’ chiad bhuille bhon Massachusett’s Bay Colony, ach ann an ùine ghoirid, chaidh caidreachas a stèidheachadh eadar am Bay Colony, a’ Cholonaidh Ròdach, an Naragansat (le comhairle Williams) agus am Mohegan a’ sabaid an aghaidh nam Pequot. Thàinig an cogadh gu crìoch ann an casgairt mhòr am baile Mystic (ann an Connecticutt). Na dhèidh, chaidh na ceudan de Phequot am murt no an cur an sàs aig tràilleachd.

An dèidh a’ chogaidh seo, lean an caidreachas eadar an Naragansat agus na colonaidhean faisg air dà fhichead bliadhna. Ach, cha b’ fhada a-rithist gus an robh fàs nan colonaidh a’ brùthadh a-steach air fearann nan tùsanach. Ann an 1675, ’s e ‘foghnaidh na dh’fhoghnas’ a bh’ aig Rìgh nan Wampanoag (treubh à taobh sear Bàgh nan Naragansat). Thàinig cogadh eile air an sgìre (King Philip’s War), cogadh a tha, chun an latha an-diugh, na chogadh a bu fhuiltiche per capita a thachair a-riamh ann an eachdraidh nan Stàitean Aonaichte.

CaptureOfKingPhillipsFort

Blàr agus casgairt sa Bhoglach Mhòr (1675); Raon Poblach

An toiseach a’ chogaidh, dh’fhuirich an Naragansat agus a’ Cholonaidh Ròdach (air sgàth sìth an caidreachais) air iomall na sabaid, fhad ’s a bha na treubhan ’s colonaidhean eile a’ dol am bad a chèile. Ach, leis gun robh na colonaidhich amharasach ro threubh thùsanach sam bith, b’ ann san Dùbhlachd, 1675, a thug am Bay Colony ionnsaigh air an Naragansat. Thruis an Naragansat le chèile gu dùn mòr (5 acairean) am broinn boglaich mhòir an ceann-a-deas an Eilein Ròdaich. Leis gun robh an geamhradh ann, reòth a’ bhoglach agus chaidh aig na colonaidhich ionnsaigh a thoirt air an dùn, ga chur na theine. Fhuair na ceudan bàs, agus an fheadhainn a fhuair às, chaidh iad a shabaid còmhla ris na tùsanaich eile. Agus, sìth caidreachais san Eilean Ròdach, cha robh tuilleadh.

Chuir na tùsanaich ionnsaigh sa gheamhradh ud air Providence, agus iomadh baile eile, gan cur ri theine. Agus ged nach deach Roger Williams e fhèin a ghoirteachadh fo òrdan ceannard nan tùsanach, chuireadh an taigh aige na smàl. Cha d’fhuair Williams os cionn na tàmailt sin tuilleadh.

Aig deireadh a’ chogaidh seo ann an 1678, bha latha nan Naragansat agus nan tùsanach eile an ìre mhath seachad. A-mach às an fheadhainn nach d’ fhuair bàs sa chogadh, chaidh cuid dhuibh a reic ’nan tràillean sa Mhuir Charaibeach agus cuid eile fhuadach don talamh chorrach an ceann-a-deas na sgìre.

 

An 18mh Linn chun an latha an-diugh[4]

Às dèidh an King Philip’s War, bha cumhachd nan Naragansat briste. Thar nam bliadhnaichean na dhèidh, chaidh am fearann aca – nach robh na ’reservation’ ceart an sùilean Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte – a chuingleachadh ’s a thoirt air falbh mean air mhean tro na linntean. Dh’fhuirich an treubh na dùthaich (seach cinneadh) fa leth; cha do ghabh iad ri ballrachd nan Stàitean Aonaichte idir airson ùine mhòir. (Bha seo cudromach airson còraichean tùsanach a ghleidheil.) Thuirt iad:

We claim that while one drop of Indian blood remains in our veins, we are entitled to the rights and privileges guaranteed by your ancestors to ours by solemn treaty, which without a breach of faith you cannot violate.

Mu dheireadh, eadar 1880-1884, chuir Riaghaltas an Eilein Ròdaich an gnìomh pròiseas ‘di-threubhachadh‘ (detribalisation – rud a bha gun chead Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte). Chaidh fearann na Treubh a reic. Ach a dh’aindeoin seo, dh’fhuirich an Naragansat còmhla, a’ leantail orra leis an rian thùsanach aca.

Tro na linntean, dh’fheuch an Riaghaltas Ròdach ri bhith cur às don Treubh le bhith gan sgapadh ’s gan co-choslachadh. Ach ann an 1934, chaidh an cur fo dhìon Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte, agus leis an tèarainteachd ùr seo, thòisich iad air an cultar ’s am fèin-aithne ath-thogail.

Ann an 1975, thog an Treubh casaid an aghaidh Riaghaltas an Eilein Ròdaich agus grunnan eile airson ath-shealbhachadh de 3,200 acair-fearainn a b’ àbhaist a bhith na pàirt den raon ghlèidhte aca. Le aithneachadh oifigeil Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte (agus na còraichean an cois sin), fhuair an Treubh 1,800 acair-fearainn às a’ chasaid an dèidh strì fhada. Timcheall air an fhearann seo, tha an Naragansat chun an latha an-diugh fhathast nam pàirt neo-eisimileach den Eilean Ròdach.

[1] .i. na daoine nach eil nan tùsanaich neo nam meanbh-chinneadh; na WASPs; an cinneadh aig a bheil cumhachd an riaghaltais. Abairt a thèid a chleachdadh san Eilean Ròdach air an latha an-diugh san deasbad seo.

[2] http://www.ncbi.nlm.nih.gov/pmc/articles/PMC2957993/

[3] http://en.wikipedia.org/wiki/File:Providence,_Rhode_Island,_Original_Deed.jpg

[4] http://www.epa.gov/region1/govt/tribes/narragansett.html

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach