An Tùsanach Trèigte | An Treubh Naragansait; Pàirt II

A’ leantail oirnn leis an dara artaigeal mun Treubh Naragansait san Eilean Ròdach, bidh an t-artaigil seo a’ cnuasachadh dualchas arc-eòlasach agus poileataigs nan Naragansat.

Dualchas na Talmhainn: RI110

RI110, An Lodan Saillte, An t-Eilean Ròdach

Faisg air RI110, An Lod Saillte, An t-Eilean Ròdach

Sna lathaichean ron King Philip’s War, dar a bha a’ Cholonaidh Ròdach agus an Treubh Naragansait fhathast bàigheil da chèile, ghabh Roger Williams sgrìob a-nuas a shealltainn air Canonicus an ceann-a-deas na sgìre. Threòraich Canonicus Williams gu cnoc air a bheil Sugarloaf Hill (faisg air a’ Bhoglach Mhòr) agus sheall e an t-àite ‘far an do dh’fhàs an Naragansat às an talamh’.

An cànan nan Naragansat, tha ‘Naragansat’ fhèin a’ ciallachadh ‘Sluagh an Rubha Bhig’. An-sin roimhe bhon àirde, theirinn an cnoc sìos gu lod far an robh làrach fhàsail ri taobh rubha bhig, an t-àite a bha an Naragansat a’ sònrachadh mar dhachaigh thùsail dhaibh.

Bliadhnaichean bhuaithe sna 1980an, lorgadh an t-àite às ùr agus neach-gnìomhachais an dùil ri raon-taigheadais a thogail air an làrach. Thàinig cladh tùsanach am follais agus le sin, dùbhlan mòr mu choinneamh phlanaichean an neach-gnìomhachais. Beagan bhliadhnaichean na dhèidh, rannsaich arc-eòlaiche, aig an robh cead bhon Treubh,[1] an làrach, a’ lorg seann chlachan, fuigheall agus dìleab cho prìseil ’s gann gun gabhadh a chreidsinn.

A’ sineadh thar 40 acair, ’s iomadh rud a chaidh a lorg am broinn RI110, a’ gabhail a-steach tholl-croinn (postholes), shitig-shligean agus traicleis, chagailtean agus barrachd thìodhlacan. A-rèir deiteadh arc-eòlasach, bha an clachan na àite-còmhnaidh bho c. 1000AD gu 1700AD. Shònraich an Naragansat an làrach mar phrìomh-àite coisrigte de aon mheur na Treubha.

Mean air mhean, ghabhadh an saoghal sgoilearach ris an làrach mar àite gun chosail air taobh an ear Aimeireagaidh bhon Linn Ro-Cholumbusach. Shamhlaich am prìomh eòlaiche a bha ag obair air a’ chladhach an seann chlachan ri Werowocomoco, Virginia (prìomh-bhaile Phowhatan agus dachaigh Phocahontas). Mar aon eisimpleir de luach na làraich, bhathar a’ smaoineachadh gun do thòisich dian-àiteachas coirce às dèidh do na h-Eòrpaich thighinn agus gun robh tùsanaich an àite beò air sealgaireachd agus trusadh-bìdh a-mhàin, air sgàth dìth fianais arc-eòlasaich. Ach, am broinn na làraich seo, lorgadh fianais airson dòigh-àiteachais ris an abrar ‘Na Trì Peathraichean’ am beul-aithris nan Naragansat, far an robhar a’ cleachdadh coirce, phònairean agus sguaisean còmhla.

An uair sin, thòisich casaid-lagha airson an t-àite a shàbhladh a mhair gu 2013, dar a ghlèidh an neach-gnìomhachais a’ chasaid. Uil, chaidh ceòl air feadh na fìdhle an uair sin! Thòisich daoine bhon choimhearsnachd, ’s chan ann bhon Treubh, ùpraid airson a bhith a’ glèidheil an raoin seo mar phàirc no rudeigin da leithid. Rinneadh iomairt leis a’ choimhearsnachd fad dà bhliadhna gus aire a thoirt don làrach agus an-uiridh (2014), cheannaich an Stàit an làrach às leth nan Naragansat.

Co-ghàirdeachas! Pàirc (no rudeigin mar sin) gu bhith ann! Cà ‘l an Treubh agus am pàrtaidh? ‘S e deagh rud a tha sin, nach e? Uil, a leughadair chòir, ’s e is chan e. Fhios agad, bha sinn an-seo roimhe, sna 1930an, agus sin aon adhbhar (am measg eile) nach eil an Treubh a’ dèanamh cus gàirdeachas.

Ron Ìoslachadh Mhòr, chaidh cladh tùsanach a lorg ann an Eilean Chanonicut (ann am meadhan a’ Bhàigh) agus mhìnich an Treubh mar a b’ fheàrr leotha an cladh fhàgail na raon mar a bha. Dh’aontaich Comhairle an Eilein, air neo, dh’aontaich gus an tàinig an t-Ìoslachadh Mòr air an sgìre. An lùib iomairtean airson obair a chruthachadh san Eilean Ròdach, agus leis gun robh taigh-sgoile ùr a dhìth air a’ bhaile, nach math gun do chùm iad bad fearainn fa leth ann am meadhan prìomh-bhaile an Eilein? Uil, an dèidh an uamhais sin, chum an Treubh air falbh bho ghnothaichean co-cheangailte ri riaghaltasan agus comhairlean-baile nan ’daoine geala’ – cha robh annta ach trustaran!

 

Fèin-rianachd

Sa cheud bliadhna a dh’fhalbh, chuireadh an Treubh gu mòr ris an fhèin-rianachd aice. Tha poileasaidhean ann airson am fearann, an uisge, ’s dualchas a chumail slàn faisg air an raon glèidhte aca. Tha ceannsal aig an Treubh a’ riaghladh ghnothaichean sa choimhearsnachd, leithid leasachaidh eaconomaich, taigheadais, agus cùram cloinne.

Ach tha na laghannan timcheall neo-eisimeileachd na Treubha fhathast air leth toinnte. Chan eilna h-aon laghannan a tha a’ buntainn ris cha mhòr a h-uile treubh tùsanach eile sna Stàitean a’ buntainn ris an Naragansat. Seach a bhith gu tur neo-eisimeileach, tha achd bho 1978 a’ ciallachadh gu bheil an Treubh a’ tighinn fo sgiath laghannan catharra agus eucoireach na Stàite Ròdaich.

Tha seo cudromach oir, ann an 2003, dh’èirich eas-aontachd mu mheudachd nan laghannan mun cuairt air reic-tombaca. Mar chinneadh a tha tric san rang shòisealta as bochda, bhitheadh an Treubh a’ feuchainn diofar dhòighean air airgead a thrusadh. Chan fhaigheadh iad taic phoileataigeach airson casino a stèidheachadh san Stàit, mar a rinn iomadh treubh eile. (Tha droch chliù aig Riaghaltas an Eilein Ròdaich airson a bhith a’ gabhail ri brìbean, a’ chùis seo nam measg.)

Mar sin, theann iad ri bhith ag reic tombaca gun chìs, a’ leantail air treubhan tùsanach eile. Ach, bha iad ann an ceàrn neo-shoilleir san lagh, leis gu bheil laghannan na Stàite a’ buntainn riutha. An dèidh dà latha de reic, fo òrdan Riaghladair na Stàite, thàinig gràisg phoileasman don bhùth (a bh’ air fearann na Treubha) airson stad a chur ris a’ mhargadh. Thòisich tuasaid agus chaidh ochdnar a ghoirteachadh agus chuireadh ochdnar eile an grèim, ceannard na Treubha nam measg. Thog an Treubh casaid sa chùirt, ach cha deach i leotha leis gun do mhìnich a’ Chùirt Fheadarail:

that the state’s cigarette tax was a tax on tobacco consumers, not a tax on the tribe. Therefore, [the Judge] wrote, “the tribe (like other retail sellers of cigarettes), acts merely as an agent for the collection of the tax,” an arrangement that is “appropriate” and does not violate tribal sovereignty.

narragansett_matthew_thomas_

Ceannard na Treubha a’ carrachd ris a’ phoileas

Cha robh an Treubh idir air a dòigh mun cho-dhùnadh, ag ràdh nach robh sa chreach bhorb ach leantaileachd air burraidheachd cinnidh a thathas a’ dol air ais gu 1675 (Casgairt na Boglaich Mòire). Ann an 2013, chùm an Treubh cuimhneachadh deich-bliadhna airson sealltainn nach dìochuimhnich iad an gràin-chinnidh a tha an làthair san t-siostam an aghaidh na Treubha.

 
[1] ‘S ann gu math tearc a thachras cladhach arc-eòlasach air tìodhlacan tùsanach leis gu bheil e an aghaidh creideamh nan tùsanach.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach