An Tùsanach Trèigte | A’ Chànan Wampanoag; Pàirt III

Chan eòl mise suidheachadh sam bith a tha coltach ris an fhear Wampanoag‘ – Noam Chomsky

Sa phàirt mu dheireadh den t-sreath mun Treubh Naragansait, ’s e cànan cuspair an artaigil seo. Thèid eachdraidh na cànain a chur fa chomhair iomairt ath-bheothachaidh a thòisich sna 90an.

 

Eachdraidh na Cànain

Buinidh a’ chànan Naragansat, a bhathar a’ bruidhinn taobh a-staigh chrìochan an Eilein Ròdaich bho chionn linntean, do theaghlach-cànain Algonquian ga sgaoileadh bho Charolina gu Quebec agus na prèiridhean siara.

Tribal_Territories_Southern_New_EnglandBha i na pàirt de ‘sgìre dhualchainntean‘ an Ear-thuath Aimeireagaidh, làn de chaochladh chainntean mar dhathan bogha-froise ach a ghabhadh a thuigsinn le nàbaidhean. Nas fhaisge air Naragansat, bha Wampanoag, Massachusett, agus Mohecan-Pequot – na ceart threubhan a thog caidreabhach ann an Cogadh Rìgh Filib. Tha e coltach gun robh Naragansat na seòrsa de lingua franca ann an Sasainn Nuaidh, air sgàth cumhachd agus soirbheachas malairt na Treubha.

Aig toiseach Linn nan Colonaidhean, bha na cànain seo làidir agus bhitheadh cuid de na tuinichean gan ionnsachadh ’s gan cleachdadh, mar a bhitheadh dùil, ann am malairt ’s a leithid leis na tùsanaich. B’ e saothair Roger Williams, a bha bliadhnaichean am measg nan tùsanach bho chaidh fhuadach às a’ Bay Colony, a dh’fhosgail a’ chànan Naragansat don t-saoghal dar a rannsaich agus a dh’fhoillsich e A Key Into the Language of America ann an 1643, a’ chiad sgrùdadh air cànan thùsanaich Aimeireagaidh a chaidh a dhèanamh ann am Beurla a-riamh. Bhon leabhar seo, fhuair Beurla faclan-iasaid leithid powwow, squash, squaw agus quahog bhon Naragansat.

Leis gun robh cuid mhòr de na tuinichean Eòrpach nan Crìostaidhean mòra, chuir cuid romhpa iompachadh nan tùsanach a thoirt a-mach. Ann an 1663, an dèidh bhliadhnaichean de shaothair, dh’fhoillsicheadh am Bìoball Tùsanach Eliot, le John Eliot, a’ chiad Bhìoball a chaidh fhoillseachadh ann an Aimeireagaidh agus a’ chiad sgrìobhainn ann an cànan Mhassachusett. B’ e seo, cuideachd, a’ chiad uair a-riamh a chaidh am Bìoball eadar-theangadhadh gu cànan nach robh aig an eadar-theangaiche bho thùs. Chaidh cuid mhòr de na Bìobaill seo a sgrios ann an Cogadh Rìgh Filib ann an 1675.

Mean air mhean, chaidh tùsanaich Chrìostail nam bailtean fa leth a sgaradh bho chàch, a’ togail bheusan Shasainn leithid na cànain. Ach, leis an iompachadh, thàinig comasan ùra, leithid litreachais. An dèidh a’ Bhìobaill, chaidh cnap leabhair agus pasgan eile fhoillseachadh sa chànan Massachusett ’s gan sgaoileadh am measg nan tùsanach. Mar thoradh air sin, san 17mh linn, thathar am beachd gun robh comas leughaidh am measg nan tùsanach san sgìre mu 30% sa chànan aca fhèin (an taca ri mu 2% sa Bheurla).

Ach, aon ma seach, fo chomhair fàs cumhachd nan Colonaidhean, agus nan Stàitean nan dèidh, chaidh na cànanan a dhubhadh às ri linn co-choslachaidh. Chaidh cha mhòr a h-uile cànan tùsanach ear-Algonquin bàs aig a’ cheann thall.

 

Ath-bheòthachadh Massachusetts

A-nise, smaoinich fad mòmaid air Alba, ’s air a’ Ghàidhealtachd, làn de Ghàidheil, is iad às aonais na Gàidhlig. (Theagamh nach eil sinn fada thuice.) Sheinneamaid òrain Ghàidhlig, math dh’fhaoidte, gun an tuigsinn; chìtheamaid a’ Bheinn Dearg, dhràibheamaid seachad air Long Long, is seachad air am brìgh.

Sin mar a thachair do na tùsanaich ann an Sasainn Nuaidh is iad air an sgaradh ann an dòigh bhon fhìor chultar a chailleadh sa ghluasad gu beusan Shasainn. Bha a’ chànan thùsanach, agus cuid den chultar na broinn, marbh san 20mh linn ann an Sasainn Nuaidh a Deas.

Ceud bliadhna bhuaithe, ann an 1993, thòisich Jessie Eilid Bheag Baird, tè a bhuineas do mheur den Treubh Wampanoag, a’ bruadar ann an cànan nach do thuig i ach a bha i air fhaicinn roimhe air soidhnichean rathaid mu thimcheall na sgìre. Ann an aonan dhiubh, chaidh fhaighneachd dhith an robh buill na treubha airson ath-thilleadh na cànain, ’s fhreagradh gun robh.

 

Bhon uair sin, tha an iomairt air fàs am measg meuran na Treubha Wampanoag. ‘Uil, thog mise cuid mhath de na th’ agam bho èildear na treubha mun do shiubhail e,’ mhìnich neach-ionnsachaidh agus iar-chathraiche nam Pocasset (meur Wampanoag). ”S e dòigh litreachaidh gu math math sean-fhasanta a thàinig bho Gookin, Eliot agus Williams, feumaidh tu a chluinntinn ma tha thu dol a dhèanamh bun no bàrr dheth’.

‘Bhiomaid cuideachd ag ionnsachadh bho òrain, fhios a’d, rudan ath-aithriseach. ‘S an uair sin, thòisich mi a’ cruthachadh òran sa chànan còmhla ris a’ chòmhlan-druma agam. ‘S e dòigh mhath airson aire don chànan a thogail am measg an t-sluaigh aig powwows ’s an leithid.’ Dh’inns Daryl Iolaire Dubh Jamieson mar a tha measgachadh aca de sheann òrain dhualchasach, mu 15 dhiubh, agus cuid ùr a rinn iad fhèin.

Sheall e dhomh na notaichean ’s na leabhraichean-gràmair a thèid a chleachdadh don luchd-ionnsachaidh. An lùib nan duilleagan, tha seann ùrnaigh tombàca a leugh e dhomh. ‘Thèid an ùrnaigh seo a chleachdadh air an latha an-diugh am measg bhuill na treubha; ’s e an rud nach eil fhios aig càch gu dè a tha na fuaimean coimheach seo a’ ciallachadh.’

Chan eil an t-uabhas de dhaoine aig a bheil comas sa chànan fhathast. Tha mu 400-500 luchd-ionnsachaidh, ach gu fileanta, tha barrachd air dusan. Ach, airson a’ chiad uair ann an ceud bliadhna gu leth, tha còignear chlann nan dùthchasaich. Tha comas leughaidh agus tuigsinn aig clann Daryl cuideachd.

‘Tha e duilich air sgàth ’s nach eil ach beagan a bhruidhneas a’ chànan, ’s mar sin an fheadhainn aig a bheil duilgheadas le fuaimneachadh na cànain, dh’fhaodadh iadsan a’ chànan a theagasg gu ceàrr do dhaoine eile.’ Na chòmhlan-druma, tha èildear a’ cumail cluais chomhairle air an cuid cànain.

Agus an fheadhainn aig a bheil a’ chànan, chan eil tòrr chothroman ann a bhith ga bruidhinn. Tha na ceithir coimhearsnachdan Wampanoag sgapte ann an Sasainn Nuaidh a Deas. Tha cuid dhiubh sin a’ fuireach ann an eileanan. Ach, tha dùil ri sgoil ùr am-bliadhna a bhitheas tro mheadhan na Wampanoag. Aon rud le dusan fileantach, ’s e gu bheil gainnead thidsearan ann. Agus dh’fheumadh cobhair a thoirt do phàrantan thoradh gum biodh e comasach dhaibh an clann a chuideachadh sa chànan. ‘S e iomairt coimhearsnachd a dh’fheumas a bhith ann.

Ach do chuid, feumaidh seo tachairt. ‘Tha sinn ag iomairt airson an dlùth-chompanais a tha an lùib cànain fa leth; tha sinn ag oideachadh dhaoine a-chum a’ chultair aca fhèin. Tha cuid san treubh den bheachd gu bheil seo cudromach, ag ùrachadh a’ chultair ’s a’ chiùil. Tha e na urram dhuinn.’

 

Liam Alastair Crouse

 

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach