Dèanaibh “An Còmhradh” | Have the Conversation


A bheil thu ag iarraidh barrachd Gàidhlig a chleachdadh nad bheatha?

Ma tha, dèan ‘An Còmhradh‘. Dh’fhaodadh seo a bhith ri caraid, ri cèile, ri co-obraiche no ri ball den teaghlach agad.

Is e An Còmhradh iomairt a bhios ag amas air daoine a bhrosnachadh gus smaoineachadh air cleachdadh na Gàidhlig nam beathannan làitheil. Ma tha thu càirdeil le neach aig a bheil Gàidhlig ach a bhruidhneas riut anns a’ Bheurla mar as trice, dèan ‘An Còmhradh’ riutha.

“Tha Gàidhlig agad nach eil?”
“Tha gu dearbh”
“Tha fios agam nach do bhruidhinn sinn i ri chèile roimhe, ach carson nach tòisich sinn?”
“Nach tòisich sinn an-dràsta?”
“Ceart ma-tha!”

‘S dòcha gum fairich e neònach an toiseach ach gu math luath fàsaidh cùisean nas fhasa gun teagamh sam bith. Gabhaibh air ur socair agus cuiribh tìde seachad gach latha airson còmhradh a dhèanamh sa Ghàidhlig.

Ma ’s e neach-ionnsachaidh a th’ annad, ach bu toigh leam a chur ris a’ bheagan Ghàidhlig a tha agad, gabh ‘An Còmhradh’ cuideachd. Bheir seo misneachd agus piseach air sgilean cànain dhan dithis agaibh.

“Tha Gàidhlig agad nach eil?”
“Tha, ach chan eil ach beagan agam.”
“Tha mi fhèin ag ionnsachadh agus bu toigh leam a chur ris na tha agam.”
“Ceart ma-tha, nì sinn ar dìcheall.”

Agus sin agad An Còmhradh. Dèanaibh e anns a’ Bhliadhn’ Ùr seo agus faicibh far an tèid sibh leis.

‘S e 2019 a th’ ann am Bliadhna Eadar-nàiseanta nan Cànan Tùsanach UNESCO.

Are you looking to use more Gaelic in your life?

If so, then you should have ‘An Còmhradh’. It’s a conversation that can be with a friend, your partner, a colleague or a family member.

An Còmhradh is a campaign which aims to encourage people to think about the use of Gaelic in their daily lives. If you are friendly with a person who speaks Gàidhlig but who you usually talk with in English, you should have An Còmhradh.

“You speak Gaelic don’t you?”
“I do.”
“I know we have never spoken it together before, but why don’t we start?”
“Yeah, let’s give it a go.”

It might feel a little weird at first but very quickly it’ll start to become second nature without a doubt. Relax, take it wasy and set a little time aside every day to hold a conversation in Gaelic.

If you are learning Gaelic, you can  have An Còmhradh as well to help add to your Gaelic and build you and your friend’s language skills and confidence.

‘You speak Gaelic do you not?’
‘I do, only a small bit though.’
‘I’m learning myself and I’d love to add to my language skills.’
‘Right then, we’ll give it a try.’

And that is An Còmhradh. Give it a go this New Year and see where it takes you.

2019 is the UNESCO International Year of Indigenous Languages.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach