Ann Am Faclan M’ Athar air cuairt sna h-Eileanan

In My Father's Words 1Tha an dealbh-chluich ùr, dà-chànanach, Ann am Faclan M’ Athar le Justin Young agus Iain Fionnlagh MacLeòid, air cuairt air feadh na h-Alba.

As dèidh dhaibh a bhith a’ cluich air beulaibh tallaichean loma-làn de luchd-amhairc air tìr mòr, tha an sgioba cleasaichean – Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Muireann Kelly nam measg – a’ dèanamh air na h-Eileanan an t-seachdain-sa.

Thuirt Muireann Kelly, “Tha mi gu mòr ’n dòchas gum bi daoine sna h-Eileanan a’ tionndadh a-mach gus an dealbh-chluich èibhinn, faireachail seo fhaicinn. Tha e air a bhith a’ còrdadh ris na Gàidheil a th’ air fhaicinn gu ruige seo gu mòr. Tha Gàidhlig ga bruidhinn san dealbh-chluich, ach tha fo-thiotalan agus dealbhan ann, agus sin a’ ciallachadh nach fheum Gàidhlig a bhith agad idir gus a thuigsinn.”

Tha an dealbh-chluich air a stèidheachadh ann an seann taigh ri taobh Loch Ontairio ann an Canada. Tha seann duine, Don (air a chluich le Aonghas Pàdraig Caimbeul) a’ fulaing le seargadh-inntinne no dementia. Tha a’ Bheurla ga fhàgail, agus chan eil a mhac, Louis, a’ tuigsinn nam faclan a tha a’ tighinn na h-àite. Ged a tha Louis air a bhith soirbheachail na dhreuchd mar àrd-ollamh, tha e a cheart cho doirbh dhasan a bhith a’ bruidhinn air na faireachdainnean aige ’s a tha dha athair. Ach an dèidh dha Louis neach-cùraim a lorg do Dhon aig a bheil Gàidhlig, tha cothrom aca dhol air ais gu cuimhneachan Dhoin a bha falaichte fad bhliadhnaichean.

‘S ann mu dheidhinn fèin-aithne a tha Ann Am Faclan M’ Athar, an dà chuid fèin-aithne nàiseanta agus phearsanta, agus mu dheidhinn na dàimhe làidir a th’ ann eadar dearbh-aithne agus cànan. Gu dearbh, ’s e cuspair fìor iomchaidh a tha seo sna h-Eileanan againn san latha an-diugh.

Chì thu Ann Am Faclan M’ Athar sna h-àitichean a leanas:

18 An t-Iuchar – Talla Baile a’ Mhanaich // 01851 700475 // wegottickets.com
19 An t-Iuchar – Talla Coimhearsnachd a’ Chinn a Deas // 01878 700154 // wegottickets.com
22 An t-Iuchar – Sabhal Mòr Ostaig // 01471 844207 // seall.co.uk
24 An t-Iuchar – Ionad MhicPhàil, Ulapul // 01854 613336 // macphailcentre.co.uk
25-26 An t-Iuchar – An Lanntair, Steòrnabhagh // 01851 708480 // lanntair.com

Barrachd fiosrachaidh: Dundee Rep Theatre.

Rudan a chaidh a sgrìobhadh mun dealbh-chluich:

“Philip Howard’s strongly acted production bridges the gulf between the domestic and the mythological” ★★★★ The Guardian

“Rich and thoughtful…powerful and fascinating” ★★★★ The Scotsman

“both intimate and epic in its reach for roots and reconciliation” ★★★★ The Herald

“a clever, engrossing, and affecting exploration of memory, language and identity”
The Sunday Herald

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach