Aoir ChalMac | Pàdruig Moireasdan

Chan eil aiseagan a’ Chuain Sgith a’ freagradh air feumlachdan an t-sluaigh agus tha an neach-ciùil Gàidhlig, Pàdruig Moireasdan, on chòmhlan Beinn Lee a’ toirt dhuinn aoir iongantach.

“Shin thu Ùig, tha thu coimhead math an diugh. Ach tha agam ri falbh dìreach an dèidh dhomh tighinn, ’s feuchainn air Malaig.”
.
Sgìth
De bhith siubhal gu sgìtheil,
Mar eun air sgèith,
Neo fiadh san fhàsach fharsaing.
.
CalMac cruaidh le cumhachd,
Creutair gun chogais mu dì-chomas air carthannais caoimhneil.
Caochladh car a dh’fhàg thu aig casan ceudan de choimhearsnachdan.
.
Thèid ar putadh ’s ar piocadh,
a’ goid ’s a’ gearradh bhuainn,
còraichean na bu bhuadhmhor na thig
bho bheachdan a’ bheartais,
a’ tachdadh a’ cheartais.
.
Fearg na fèidh a’ fàs gun fheart,
Dè tha ceart mun t-sannt fhèineil le neart?
An till toradh na saoirse,
Saoirse dhuinne a bhuineas don sgìre,
‘S ann dhuinne a tha na seirbheisean;
‘S ann againne a tha na seòlaidhean.
.
Sgìth,
Dè bhith strì air triall na tìreadh,
Cha theich na fèidh tuilleadh,
Seasaidh sliochdan bho seo a mach,
Seas suas ri cumhachd ChalMac.

– nochd an dàn seo air Instagram @padruigceol sa chiad dol a-mach

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach