Aonghas R. Grannd

Aonghas R. Grannd, dealbh le Simon Webster, https://creativecommons.org/licenses/by-nc-sa/2.0/

Aonghas R. Grannd, dealbh le Simon Webster, https://creativecommons.org/licenses/by-nc-sa/2.0/

Aonghas R. Grannd 1967 – 2016

An latha eile, bha mi a’ feuchainn ri mìneachadh fasanan nan naochadan is tràth nan neonithean dha na sgoilearan – gu h-àraidh bha mi a-mach air mar a bhiodh XL air a h-uile duine, ge b’ e cho seang is caol ’s a bha iad, agus an cleas de bhith a’ cosg lèine-t thairis air geansaidh.

Bha mi fhìn cho ciontach den eucoir-fasain sin, ach bha mi coma leis gun robh lèine-t phrìseil agam le suaicheantas a’ chòmhlain-chiùil a b’ fheàrr leam – Shooglenifty – agus bhiodh e orm aig a h-uile gig is iomadh latha eile. Shooglenifty, abair ainm, abair còmhlan, ’s math mo chuimhne fhathast air na daoine sin a’ glacadh ùrlair làn de dhannsairean ann an greim an ruitheim, on Aghaidh Mhòr gu na Barrowlands.

Le sin, bha e cianail duilich a bhith a’ cluinntinn mar a tha draoidh nam fìdhlearan, Aonghas R. Grannd, air am bàs fhaighinn as dèidh tinneas goirid. Fear a thug crathadh air ceòl na h-Alba còmhla ri a charaidean ann an Shooglenifty le sreath de chlàran beòthail, cruthachail, gluasadach airson còrr is còig bliadhna air fhichead.

Fear a bha mar a thuirt an sàr fhìdhlear Adhamh Sutharlanach “The coolest fiddler ever” mar thiomnadh air – Gairdeanan – Bogha – Casan – Feusag – Falt – a’ bogadaich is a’ leum air feadh an ùrlair. Coltas os-nàdarrach air an duine – fad às ann an saoghal eile air nach biodh ach iadsan le ceòl ceart nan smior a’ faicinn boillsgeadh. Mar fhreagairt ri Martyn Bennet agus na Dreadlocks aice, sheas Aonghas Grannd mar ìomhaigh a’ chòmhlain. Fear a bha na phunc à Loch Abair, ach a thill dhan fhìdheall agus a thug ceòl nan daoine a-steach gu saoghal ùr eile.

Thàinig Shooglenifty gu bith às na seiseanan-ciùil ann an Dùn Èideann aig ceann nan ochdadan – ceòl dannsaidh, Rave, House, Techno a’ gabhail làmh an uachdair air an t-Saoghal – bha an leithid de Chapercaillie agus Runrig air dorsan fhosgladh gu saoghal far nach robh feum aig ceòl traidiseanta a bhith ceangailte ri seann dòighean, ach aig toiseach na linne ùire bha feum air crathadh mòr eile, agus bha sianar fhir – Aonghas R Grannd, Gary MacFhionnlaigh, Seumas Mac an Toisich, Iain MacLeòid, Conrad Ivitsky, Malcolm Crosbie – a’ dèanamh barrachd na bhith a’ fosgladh dhorsan – chuir iad far na lùdagan iad.

Linn far an robh ceòl dùthchasach fhathast fon choille mar gum biodh – agus bha Aonghas agus a chriutha de spùinneadairean shoogly a’ seòladh nan cuantan agus a’ creachadh smuaintean air cò ri am bu chòir do cheòl Gàidhealach a bhith coltach. A’ chiad dà chlàr gu h-àraidh, Venus In Tweeds agus A Whisky Kiss, agus na puirt os-shaoghalta a sgrìobh Aonghas orra, cha bhiodh an ceòl traidiseanta as aithne dhuinn an-diugh idir mar a tha i as aonais.

A dh’aindeoin atharraichean sa bhallrachd thar còig bliadhna air fhichead  – bha Aonghas ann aig tèis mheadhan a’ ghnothaich ge b’ e an t-àite far an robh Shoogles a’ cluich san t-Saoghal, agus ’s e còmhlan mòr eadar-nàiseanta a bh’ annta – a’ tarraing na sùla, a’ cur ceum na do chasan, a’ cur fàilte ort gu cnoc nan sìthichean – a’ cumail a’ chiùil cho cool sa bha e riamh a dh’aindeoin (no air sgàth ’s ma dh’fhaodte) liathadh air an fheusaig agus preasan air a’ ghnùis. ’S mòr am beud nach fhaicear a-rithist e. Cha robh a leithid ann roimhe agus cha bhi a leithid ann a-rithist.

Mar fhear nach do choinnich ris ach turas no dhà, chan urrainn dhomh ach clach bheag a chur ri a chàrn, ach aithnichear fear air a chuideachd, agus abair deagh chuideachd a bha aige – tha marbhrann iongantach ri leughadh air làrach-lìn a’ chòmhlain – smuaintean leis gach ball de theaghlach agus gach ball den chòmhlan. Cho fad  ’s a thèid an ròsaid a chur ris a’ bogha, mairidh a chliù.

– Eòghan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach