Ar-a-mach an t-Samhraidh: tha àm an eagail ann mu thràth | GàidheilXR

Diluain 15mh Iuchar bidh Gàidheil XR agus daoine bho air feadh na dùthcha a’ togail fianais ann an Glaschu ann an dlùth-chomann le fògarraich na gnàth-shìde. Bidh sinn ag iarraidh air an riaghaltas rudeigin a dhèanamh gus stad a chur air briseadh-sìos na gnàth-shìde a tha ag adhbhrachadh fulangas air feadh an t-saoghail an-dràsta.

Bheir briseadh-sìos na gnàth-shìde agus na h-àrainneachd buaidh oirnn uile, ach tha e a’ toirt buaidh air na coimhearsnachdan as so-leònta san t-saoghal mar thà. Tha tachartasan sìde èiginneach às an àbhaist a’ fàs nas bitheanta agus nas miosa, leis an leithid tioramachd, thuiltean agus dhoineannan ann, a bharrachd air àrdachadh ìre na mara. Tha seo a’ cruthachadh fhògarrach gnàth-shìde, barrachd strì, agus mì-stèidhealachd air feadh an t-saoghail.

Bidh am fianais-dhùbhlan gu sònraichte a’ comharrachadh thachartasan ann an Sudan, a chaidh ainmeachadh mar a’ chiad strì gnàth-shìde san t-saoghal. Anns na bliadhnachan mu dheireadh, tha an sileadh-uisge ann an Sudan air lùghdachadh eadar 15-30%, ag adhbharachadh iom-fhàsachadh (desertification). Ann an cuid de dh’àiteachan, tha am fàsach a’ gluasad mìle gach bliadhna. (https://www.wfpusa.org/stories/the-first-climate-change-conflict/

Tha freagairt an riaghaltais dhan aimhreit chatharra air a bhith brùideil, le luchd-iomairt gan ciùrradh is gam marbhadh. 

Anns a’ Chuan Shèimh, tha mòran stàitean eileanach ann an cunnart a dhol a-mach à bith le àrdachadh ìre na mara. Thuirt Christopher Loeak, ceann-suidhe Eileanan Mharshall, “The Pacific is fighting for its survival. Climate change has already arrived”.  Bidh eileanan a’ Chuain Shèimh a’ dèanamh nas lugha na 1% de dh’emiseanan an t-saoghail, ach tha iad an eisimeil gnìomh eadar-nàiseanta gus teasachadh na cruinne a chumail fo 1.5C (Modelling Climate Change Report).Tha Extinction Rebellion Alba ag ràdh nach eil riaghaltas na h-Alba no na Rìoghachd Aonaichte a’ dèanamh a’ phàirt aca gus stad a chur air an t-seòrsa teasachaidh seo. 

Thuirt Catrìona Mulholland bho Gàidheil XR, “Tha an riaghaltas againn ann an Alba agus an Rìoghachd Aonaichte a’ leantainn orra a’ toirt taic-airgid agus ceadan ùra dha na companaidhean connaidh fosail fhad ’s a an saoghal a’ losgadh. Aig an aon àm tha Westminster a’ cumail a’ dol poileasaidh na ‘hostile environment’ ag adhbhrachadh barrachd trauma do dhaoine nach eil ach a’ sireadh sàbhailteachd.”

Thuirt Felix Jean bho Gàidheil XR, “Ma chùmas briseadh-sìos na gnàth-shìde a’ dol, bidh aig barrachd dhaoine ri imprig. Tha fios aig na Gàidheil air a’ bhuaidh a th’ aig seo air coimhearsnachd agus air cultar. Tha sinn a’ togail fianais leis gu bheil an saoghal, mas as fiorsaich sinn e, ann an cunnart mòr. Mura dèan sinn atharrachaidhean mòra, bidh tòrr nas lugha iomadachd ann de gach seòrsa air a’ phlanaid seo. Tha beathaichean, lusan, cànanan a’ bàsachadh, agus a dh’aithghearr cha bhith e comasach dha daoine fuireach an seo nas motha. ‘S dòcha gu bheil cuid a dh’Albannaich a’ smaointinn gur e ròlaist mhòr tha seo, ach air feadh an t-saoghail tha daoine a’ faicinn buil atharrachadh na gnàth-shìde mar thà.” Tha an tachartasan air facebook seo: Gàidhlig Beurla

Catrìona Mulholland

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach