Às a Dhèidh | Tormod MacLeòid

By Artiom P from Vilnius, Lithuanian (The Forgotten Veteran 1920 x1200) [CC BY 2.0 (http://creativecommons.org/licenses/by/2.0)], via Wikimedia Commons

Choisinn an sgeulachd ghoirid seo Duais Litreachais a’ Chomuinn Oiseanaich 2017

Tha sinn fada an comain a’ Chomuinn airson an cothrom seo fhoillseachadh

Rìgh nan speur gar toirt gu tuath. Bha a’ chlann ga mo leantainn air mo chùlaibh ’s iad sgìth às dèidh dhomh an dùsgadh am meadhan na h-oidhche. Dh’fheumadh sinn falbh ge-tà. Cha robh sinn air sealladh fhaighinn dhen an adhar fad mhìosan agus a-nis bha an cothrom againn gluasad. Às aonais nan rionnagan cha bhiodh fhios càit’ an robh sinn a’ dol. Bha sinn a’ gluasad gu slaodach tron t-sneachd, gun sgeul air rathad no mòinteach. Choimhead mi riutha, Alec agus Màiri, an dithis ac’ a’ coimhead cho fuar ged a bha na seacaidean mòra tiugh ud orra. Laigh e trom air m’ inntinn nach d’ rugadh iad aig àm na b’ fhasa agus gum biodh iad air beatha cheart fhaighinn le sgoil, coimhearsnachd ’s màthair.

Bha a h-uile càil air tachairt cho luath ’s chan eil fhios cò chaidh an toiseach, chan eil e gu diofar ge-tà chaidh an ath dhùthaich a cheart cho luath. Carson a chaidh ar glèidheadh? Chan eil fhios ach aig a’ Chruthaichear. Bha Sìne trì mìosan trom aig an àm agus Alec dìreach na bhalach bheag. Dh’fhuirich sinn a-staigh agus thàinig an geamhradh am meadhan an t-samhraidh. Gach oidhche bhiodh sinn a’ cur Alec a chadal le òrain Ghàidhlig, cha robh càil againn ach a chèile ach bha sinn taingeil. ’S ann gann a bha am biadh agus a h-uile mìos dh’fheumainn a dhol a ghoid chanaichean bho na nàbaidhean againn. Cha robh sgeul air duine anns na taighean, mar gum biodh am muir air tighinn agus an toirt air falbh.

Bha an dithis air mo chùlaibh a’ gearan gun sgur. Mu dheireadh thog mi an nighean air mo ghuailnean ’s i cho lag ’s tana. Chùm am balach air a’ gearan. ’S ann mar sin a bha cùisean mar as trice gu mì-fhortanach. Thàinig Màiri a-steach dhan t-saoghal tha seo còig mìosan às dèidh na tubaiste air oidhche dhubh fiadhaich. Cha robh fhios agam dè bha mi a’ dèanamh ach bha sinn air beagan ullachadh a dhèanamh agus chuimhnich mi air rud no dhà bhon àm a bha Alec air a bhreith. Bha i a’ tighinn ro thràth agus bha feagal mo bheath’ orm nach bitheadh i fada beò às aonais incubator. Tha i air a’ chùis a dhèanamh gu ruige seo. Feumar gu bheil sinn beannaicht’.

Bha a’ chùis air a bhith trom air Sìne. Bha i lag agus cha robh neart aic’ Màiri a thogail mar as trice. Dh’fheumainn fhèin coimhead às dèidh a h-uile duine dhiubh agus bha mi gu tric gun fheum. Bha mi a’ toirt bainne na bà do Mhàiri ged a bha fhios agam gun dèanadh e cron oirre ach cha robh càil eile ann. ’S ann a bha e na mhìorbhail gun robh am beagan bainne ud air a shàbhaladh againn. Bha Sìne troimhe-chèile gun comas aic’ Màiri a ghiùlan agus gu math tric dh’fheumainn stad a chur oirre feuchainn. Chaidh cùisean na bu mhios’ agus na bu mhios’, gun tàinig aon latha nuair a chaidh mi a dh’fhaighinn canaichean agus nuair a ràinig mi air ais bha Alec a’ feitheamh rium aig an doras. Thug e a-steach mi gu far an robh a mhàthair air an t-sòfa le Màiri air a broilleach a deocadh ach cha robh Sìne a’ gluasad.

Bha mi a’ cumail mo shùil air na speuran ’s mi an dòchas nach tigeadh càil a bhacadh oirnn ach le fruis thàinig a’ cheò dhubh thairis oirnn. Bha mi den bheachd gun cumadh sinn oirnn gus na dh’fhairich mi boinneagan mòra a’ tuiteam orm agus an sneachd a’ fàs gann. Chuir sin stad orm an uair sin. Bha na suailichean cho àrd bhon tubaist ’s nach robh trioblaid sam bith ac’ faighinn thairis air na creagan. Chan eil fhios dè bhiodh air tachairt nam biodh sinn air cumail oirnn.

Choisich sinn air ais airson còig mionaidean agus chuir mi an àrd an teanta. Rinn mi cearcall dhomh fhèin ann am fasgadh na teanta le bhith a’ sguabadh sneachd air falbh agus laigh mi sìos ann fhad ’s a chaidh a’ chlann am broinn na teanta. Bha iad ag argamaid a-rithist agus airson diog shaoileadh tu gun robh a h-uile càil mar bu chòir. Chùm mi mo shùil air an adhair ag ùrnaigh airson stiùiridh agus na rionnagan. Ghluais mi gu mo chliathaich agus choimhead mi ris an teanta, bha iad nan cadal a-nis. Mhothaich mo shùil rudeigin eadar mi fhèin agus an teanta, deocan-gamhna am measg an t-sneachd. Dh’èirich mi agus thog mi an aon phìos milis a bh’ ann a-mach às agus chaidh mi gu doras na teanta. Dhùisg mi Màiri, “Dè tha tachairt” ars ise. “Chan eil càil dona ach feuch seo, bidh thu ga chur na do bheul agus ga dheocadh” ghabh i e agus bha i cho toilicht’, chan eil fhios an robh càil cho milis aic’ a-riamh.

Thàinig an latha, ged a bha e fhathast dorch, agus thòisich sinn a-rithist. Bha e soilleir gu leòr na suailichean fhaicinn a-nis, mar phrionnsa a’ marcachd gu cogadh thairis air na creagan. Cha robh riamh tonnan cho mòr ri fhaicinn san àite seo ron an tubaist, cha bhi dòigh ann an eilean fhàgail a-chaoidh. Dè nì sinn nuair a ruitheas an t-eilean a-mach à canaichean? Cha robh mise a-riamh air a bhith nam chroitear, cha robh mi air càil fhàs no beathaichean a chumail na mo bheatha. Fiù ’s nam bitheadh an talamh torrach, an aimsir cho math sa b’ urrainn dha a bhith agus pailteas sìol agam cha dèanainn an gnothach cha chreid mi. Chan eil sgeul air beathach beò a bharrachd. Dh’fheuchainn co-dhiù agus le gràs a’ Chruthaicheir, gheibh mi an cothrom.

Ghluais sinn bhon taigh beagan mhìosan air ais. Bha am baile againn air ar cumail gun a bhith acrach fad bhliadhnaichean ach a-nis bha preasan a’ bhaile falamh agus bha againn ris an àite fhàgail. Ràinig sinn an ath bhaile gun trioblaid sam bith agus dh’fhuirich sinn ann airson dhà no thrì mìosan ann an taigh Dhòmhnaill ’ic Iain. A-rithist cha robh sgeul air duine, uinneagan an taighe air a bhristeadh agus sgàil de dhuine air a’ bhalla. Carson nach do thachair an aon rud rinne? Nuair a dh’fhàg sinn le ar pòcaidean làn, bha dùil againn a dhol chun an ath bhaile, a bha ri taobh na mara. Bha e duilich dhuinn an rathad a lorg anns an t-sneachd ach rinn sinn an gnothach. Fhad ’s a bha sinn a’ fàs nas fhaisg’ bha mi a’ mothachadh nach robh rudeigin buileach ceart, bha sàl na mara as an adhair nas truime na bha mi air fhaireachdainn a-riamh ron a sin. Chaidh mi air mullach beinn’ airson sealladh nas fheàrr fhaighinn agus cha robh càil ann ach muir. Chaidh am baile beag a-steach agus a-mach à sealladh le gach priobadh na sùla.

Bha taigh air iomall a’ bhaile nach robh faighinn urrad de phronnadh. Smaoinich mi rium fhèin gum bitheadh e feumail coimhead a-steach na bhroinn airson biadh agus mar sin dh’fhàg mi Alec agus Màiri air mullach na beinne agus chaidh mi a shireadh. Thòisich e frasach agus an uair sin thàinig tuil, cha robh mi lethach slighe ann nuair a chaidh mo bhualadh cho trom ’s gun do thuit mi chun an làir. Shlaighdig mi airson greiseag agus chùm na tonnan orra gam bhualadh. Mu dheireadh fhuair mi gu mo chasan agus rinn mi an àrd m’ inntinn a dhol air ais chun na cloinne. Bha mi gòrach sin fheuchainn agus bhon àm sin bha fhios agam gun fheumadh Alec a bhith deiseil airson àm nuair nach bithinn cho fortanach. Chaill sinn an rathad às dèidh a’ bhaile sin agus bha sinn a’ siubhal na mòintich bhon àm ud. Shaoil mi gum bitheadh tòrr thaighean gu tuath leis na bha dhaoine a bh’ ann ach cha robh dòigh ann sin a lorg chun na h-oidhche roimhe.

Bha sinn a-nis a’ dèanamh ar slighe gu slaodach gun fhios càite an robh sinn a’ dol. Chunnaic mi seann taigh-dubh air fàire, gheibh sinn beagan fasgadh an sin gus biadh ithe. Dh’fhosgail mi am baga nuair a ràinig sinn agus thug mi a-mach cana le corned beef ann. Bha mi a-nis a’ gabhail àite na màthar, a’ toirt cho beag ’s as urrainn dhomh dhomh fhèin agus a’ toirt a chòrr dhaibhsan. Ghlac rudeigin mo shùil an oisean an taighe-duibh, rudeigin beag a’ priobadh eadar na clachan. Chaidh mi thuice agus thug mi a-mach i, seann sgilling ruadh. Bha aghaidh na seann bhan-righe oirr’, leugh mi na b’ urrainn dhomh “Elizabeth the Second, Nineteen-ninety-nine, two pence”. Cha robh a’ chlann a’ tuigsinn Beurla no fiù ’s airgead.

Nach e tha iongantach nach eil Beurla ac’. Ceart tha dhà no thrì fhacail ac’ ach chan eil fiù ’s fhios ac’ gur e facail Bheurla a bhios iad a’ bruidhinn aig na h-amannan ud. Bha sinn air a thighinn gu co-dhùnadh Gàidhlig a bhruidhinn ris a’ chlann againn mas do phòs sinn. Cha robh mise a-riamh cho math air a bhith bruidhinn Gàidhlig agus ’s dòcha nam bithinn air tè eile a phòsadh nach biodh Gàidhlig aig a’ chlann idir. Bha mi a’ dèanamh mo dhìcheall ge-tà. Bha iad ag ràdh gun deidheadh Gàidhlig a-mach à bith ach ’s e na cànain eile a dh’fhalbh an toiseach. Dè fios a th’ agams’ ge-tà, chan eil mi air an t-eilean fhàgail bho thachair a’ chùis. Am fiosrachadh mu dheireadh a fhuair sinn ’s ann à Inbhir Nis a thàinig e agus e ag ràdh gun robh na bailtean mòra mar Lunnainn, New York, Moscow agus Sydney nan smàl. An uair sin thòisich na bomaichean.

Choimhead mi ris a sgillinn agus thug mi do Mhàiri i nuair nach robh Alec a’ coimhead agus chùm sinn oirnn a’ coiseachd. ’S ann mar seo a dh’fheumadh cùisean a bhith. Ged ’s duilich dhomh bha mi a’ smaoineachadh tòrr air dè bha a’ dol a thachairt às dèidh dhomhs’ an saoghal seo fhàgail. Bhithinn ag ùrnaigh gu tric mu dheidhinn, chan ann air mo shon-sa ach airson na cloinne. Bha iomadach suidheachadh a b’ urrainn tachairt air a dhol tro m’ inntinn agus a’ mhòr-chuid dhiubh cha lùiginn smaoineachadh orr’ a-rithist. An àm Àdhaimh, bha e ceart airson mac-an-duine a sgaoileadh ach tha rudeigin nach eil ceart nam inntinn mu dheidhinn. Chan ann agams a bhios an roghainn ud ge-ta, ’s ann acasan a bhios e.

Lìon mo shùilean nuair a chunnaic mi an sealladh a bha romhainn. Baile cho brèagha ’s a chunnaic tu riamh. Chan eil fhios dè an t-ainm a th’ air ach tha e bòidheach. Chaidh sinn a-steach dhan a’ chiad taigh agus thug mi òrdugh do dh’Alec coimhead am measg nam preasan fhad ’s a chaidh mise a choimhead timcheall an taighe. Anns an living room, bha cagailt mhòr ac’, sofa air a stialladh le glainne bhon uinneag agus telebhisean mòr na phìosan air an làr. Choimhead mi mach toll na h-uinneige bige agus chunnaic mi cruach mònach meadhanach mòr. Nam faighinn teine a dhol, dh’fhaodadh sinn a’ chruach fhosgladh agus mòine thioram a thoirt aiste, ma tha e ann. Cha bhiodh e cho duilich an toll tha seo a lìonadh agus dh’fhaodadh sinn fuireach an seo airson greis.

Chaidh mi air ais dhan a’ chidsin far an robh Alec ag obair trang a’ lìonadh bhagannan le canaichean. “Faodaidh tu stad, tha mi smaoineachadh gum fuirich sinn an seo airson greiseag” thuirt mi ris, mhothaich mi an uair sin nach robh rudeigin ceart “Cà’ ‘il do phiuthar?!”. Choimhead e orm le iongnadh agus ruith mi a-mach an doras, “MÀIRI!” Cha robh sgeul oirr’. Thàinig Alec na mo chois “A MHÀIRI! CÀITE BHEIL THU?” Ruith sinn timcheall a’ bhaile a coimhead air a son, ag èigheachd fad na tìde. Cha tàinig càil air ais. Ràinig sinn an taigh mu dheireadh air an t-sràid agus chaidh sinn timcheall chun a’ chùil. Bha i na seasamh an sin le lus uaine na làimh air beulaibh polytunnel.

– Tormod MacLeòid

Tha Tormod na oileanach air a’ Chùrsa TBh aig Sabhal Mòr Ostaig an-dràsta

Tuilleadh fiosrachaidh aig https://www.facebook.com/ComunnOiseanachOilthighGhlaschu

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach