Dath is blas na fìrinn

"DSCF3610"by steele_chas is licensed under CC BY-NC-ND 2.0
“Chì sinn”, mar a thuirt an dall

“DSCF3610”le steele_chas fo chead CC BY-NC-ND 2.0

Nuair a bha thu nad phàiste, is dòcha gun robh do mhac-meanmna ag obair gu sgairteil, a’ dealbhadh saoghal taitneach eile dhut fhèin agus gun dèanadh do dhlùth-chàirdean, do mhàthair gu h-àraidh, luaidh air sin le bhith ag ràdh rudeigin mar: “Nach e a leig ruith air a mhac-meanmna!”

Leugh an còrr de “Dath is blas na fìrinn”

Share

Òran Br-fhàgail Brònach

Seo agaibh duanag a’ toirt geàrr-iomradh air cùisean mòra Brexit ann am beagan fhaclan a-rèir nam beachdan is a’ bhreithneachaidh as motha a chluinnear ma dheidhinn sna naidheachdan.

Ma tha cuid agaibh airson a gabhail os làimh ron ath-Mhòd Nàiseanta, ’s ann ris an fhonn “Chuir iad mis’ a dh’eilean leam fhìn” a tha i air a duanadh! Is dòcha gun còrd e ri Eurovision cuideachd.

le cead Creative Commons

Leugh an còrr de “Òran Br-fhàgail Brònach”

Share

Cur “bi” ceart (Rabhd na Callainne)

Tha Tormod MacLeòid ann an deagh àm leis an aiste seo mu litreachadh caochlaideach “bi/bidh/bith” agus “cuir/cur”. Ged a tha e gu math pongail, thuirt e gur e “incoherent rant” a th’ ann, agus mar sin, chuir sinn i ris an roinn againn, “Rabhd na Bliadhn’ Ùir'” (air atharrachadh am-bliadhna gu Rabhd na Callainne).

Ma tha sibh am beachd gu bheil ur speiligeadh air a dhol a Thaigh Iain Ghròta no nach eil earbsa agaibh nur litreachadh tuilleadh – dragh a’ choin – tha sinn uile air an aon ghad co-dhiù! BLIADHNA MHATH ÙR / BLIADHNA ÙR MHATH nuair a thig i (mo chreach, nach eil aonta aig na Gàidheil air dad!)

Leugh an còrr de “Cur “bi” ceart (Rabhd na Callainne)”

Share