Baile Dhùn Dè: ath-nuadhachadh an cois na h-aibhne

memoryistime

Chan fhuirich muir ri uallach..seo an togalach as aosta sa bhaile, air falach am measg nam bùthan.

docaichean

Flataichean – chaidh an togail bho chionn greis, oir ’s ann bho chionn greis a thòisich an leasachadh an cois na h-aibhne


Le Steaphan MacRisnidh

An lùib an naidheachd gu bheil luchd-togail a’ sìneadh ri V & A Dhùn Dè a thogail cho luath ’s a thèid aca, agus iad air dama a stàladh agus earrann den abhainn làimh ris an tìr a thraoghadh, fhuair mi cuireadh bho phrògram Feasgar air Radio nan Gàidheal beachdachadh air a’ bhuaidh a dh’fhaodadh a bhith aig an ionad iomraiteach air muinntir a’ bhaile ’s air a’ bhaile fhèin.

Ged nach do dh’amais mi fhìn air freagairtean no beachdan cho cuimseach ’s a bu mhiann leam a thabhann do Chathy, gu fortanach, chuir fear de na h-aoighean eile, Iain Moireastan, an cèill dè dìreach an tàbhachd a bheir e ann.

tayside house _ chan eil e ann

Chan eil Tayside House, an togalach àrd sa mheadhan, ann tuilleadh bho thòisich obair air a’ V & A

Bha oileanach sa bhaile, Lewis Hughes, ag iarraidh gum faigheadh muinntir a’ bhaile fhèin, na Dùn Dèaghaich, tairbhe às ach cha robh mòran dòchais aige gum faigheadh. A thaobh seo, tha mi a’ smaoineachadh gur e na Dùn Dèaghaich aig nach eil buntanas ro mhòr ris na h-ealain a bha fa-near dha.

Gu ìre, tha mi ag aontachadh leis, ach saoilidh mi gu bheil tairbhe choitcheann a’ tighinn an lùib an leithid seo de leasachadh ann am baile meadhanach mòr, mar a tha Dùn Dè, agus b’e sin am beachd a chuir Iain Moireastan an cèill do Chathy.

 

OpticalExpress

Gheibhear ailtireachd iongantach am measg a’ mhuill an Dùn Dè

Gailearaidhean MhicMhànais

Gailearaidhean MhicMhànais – Taigh-tasgaidh eile

An dèidh a’ phrògraim, bha mi a’ meòrachadh air dè na leasachaidhean eile a dh’fhaodadh a’ Chomhairle cur air chois sa bhaile. Dh’fhaodadh iad barrachd a dhèanamh leis na seann togalaichean eireachdail, a tha a-nis le coltas caran robach orra. Ann an taobh a tuath a’ bhaile far a bheil mi a’ fuireach, tha e follaiseach gu bheil tòrr bochdainn ann an àite far an robh beartas ann roimhe, no co-dhiù far an robh na togalaichean na b’ fheàrr dheth, mura robh a h-uile duine!

Tha Coldside Library air a shuidheachadh air cùlaibh an Lath (Dundee Law), cnoc cruinn fradharcach a’ bhaile, ann an togalach cho greadhnach ’s a gheibhear an Dùn Dè. Chaidh a dhealbhadh le Seumas MacThòmais, Ailtire na Cathrach bho 1904. Tha cuach-mhullach uaine air, aghaidh cham, fhada, aon-ùrlarach ’s le cinn sgèimheach aige. ’S e goireas math a th’ ann, ach abair gu bheil e sàmhach nuair a thèid mi a studaigeadh, rannsachadh no a sgrìobhadh ann. Ma thèid an t-ath-nuadhachadh an cois na h-aibhne a leudachadh don cheàrn seo dhen bhaile, saoil dè a’ bhuaidh a bhios aige air bad far a bheil tòrr dhaoine, na fireannaich gu h-àraidh, a’ frithealadh nan taighean-òil, ’s nam bùthan-cearrachais agus a’ dol a choimhead air na sgiobaidhean buill-choise?

Leabharlann Coldside

Leabharlann Coldside an taobh a tuath Dhùn Dè – togalach a b’fhiach barrachd a dhèanamh dheth

leabharlann is an lath

Leabharlann Coldside air astar, agus chithear Cnoc an Lath air a chùlaibh. Taobh thall a’ chnuic, tha taobh an iar a’ bhaile far a bheil na daoine nas beairtiche.

’S dòcha gun do thòisich iad a-cheana, oir an-uiridh chaidh na h-ioma-ùrlaran (multistoreys) àrda san Hilltown a leagail. Seo ceàrn robach ach beothail ’na laighe air seann shlèibhtean an Lath far am b’àbhaist — a-rèir na chuala mis’ e — tòrr cheannaichean neo-eisimeileach a bhith ann air fad na prìomh shràide.* Tha grunnan ann fhathast, ach chan eil an t-àite cho spaideil ’s a dh’fhaodadh e bhith nam biodh an luchd-ceannaich ’s an luchd-fuirich na bu chothromaiche.

Air an dàrna làimh, agus ann am bad den bhaile mar seo ge-tà, tha cunnart an cois ath-nuadhachaidh mhòir sam bith gum faodar cosgaisean-fuirich meudachadh ro luath ’s nach ruig an sporan cumanta orra. Gu h-àraidh ann an ceàrn far a bheil na taighean is flataichean air mhàl aig mòran den t-sluagh agus air an sealbhachadh le daoine beartach à àitean eile. Air an làimh eile, dh’fhaodadh an fheadhainn leis a bheil an taighean fhèin buannachd fhaighinn às air dòigh air choireigin. Sin an saoghal nach e?  Ge b’e dè nì thu dheth, chan eil rian nach eil ath-nuadhachadh a dhìth air ceàrnaidhean is bailtean eile an Alba cuideachd, agus mar as luaithe ’s ann as fheàrr.

* Mar a bha air fad na sràide mòire a tha a’ leantainn gu an taobh an iar gu ruige Lochee o mheadhan a’ bhaile.

Chaidh na dealbhan uile a thogail le Steaphan

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach