Ball-coise | An Aisling

Fàilte air sgrìobhadair ùr eile againn, Garry Patrick Cooke, agus tha e a’ coimhead air mar a tha airgead air buaidh a thoirt air ball-coise na h-Eòrpa. Cò thuirt “I have a dream”? – Martainn Luther King air neo Gòrdan Iain Mac na Ceardaich?

2012-05-19 Finale09 (7232996514).jpg
2012-05-19 Finale09 (7232996514)” by Markus Unger from Vienna, Austria – 2012-05-19_Finale09
Uploaded by Flickrworker. Licensed under CC BY 2.0 via Wikimedia Commons.

An-ath-bhliadhna, air Disathairne, 6 an t-Ògmhios, 2015, bidh dà dhe na sgiobaidhean ball-coise as fheàrr anns an Roinn Eòrpa a’ cluich an aghaidh a chèile anns an Olympiastadion ann am Berlin anns a’ chuairt dheireannaich dhen fharpais air a bheil an Champions League; agus, mar a tha làn fhios aig a h-uile duine a bhios a’ toirt taic do bhall-coise, ’s ann às an Spàinn, às an Eadailt, às an Fhraing, às a’ Ghearmailt no à Sasainn a bhios an dà sgioba seo.

Tha sin ri ràdh, ged as ann bho chòrr is caogad dùthaich a tha na sgiobaidhean a tha a’ gabhail pàirt anns an Champions League rè an t-seusain 2014/15, ’s ann bho aon no dhà dhe na dùthchannan as motha ann an taobh an iar na Roinne Eòrpa a thig an dà sgioba a bhios a’ coinneachadh ri chèile ann am Berlin. Agus, ciamar as urrainn dhuinn a bhith cho cinnteach gun tachair seo ? Uill, ann an dìreach aon fhacal : “airgead”!

Kallstrom vs Cristiano.jpg
Kallstrom vs Cristiano” by AddesolenOwn work. Licensed under CC0 via Wikimedia Commons.

Bhon a dh’atharraich U.E.F.A. – a’ bhuidheann a bhios a’ riaghladh ball-coise anns an Roinn Eòrpa – na riaghailtean ann an 1997 gus leigeil leis na sgiobaidhean nach do bhuannaich an lìog nàiseanta aca a dhol a-steach dhan Champions League, cha do bhuannaich ach aon sgioba bho thaobh a-muigh nan còig dùthchannan sin an fharpais seo, eucoltach ris an t-suidheachadh eadar na bliadhnaichean 1955 – a’ chiad bhliadhna dhen fharpais, nuair a bha an t-ainm la Coupe des clubs champions européens oirre – agus 1997 nuair a chaidh a buannachadh dà thuras dheug le clubaichean bhon Phortagail; bho Alba; bho na Tìrean Ìsle; bho Romàinia; agus bhon t-Sèirb.

B’ e am Futebol Clube do Porto às a’ Phort anns a’ Phortagail a bhuannaich an Champions League an aghaidh an t-srutha ann an 2004 nuair a rinn e a’ chùis air A.S. Monaco (às an Fhraing, a rèir riaghailtean U.E.F.A.) anns a’ chuairt dheireannaich air a’ bhliadhna sin. Ach, b’ e “am Fear Sònraichte”, José Mourinho, a bha air ceann an sgioba Phortagailich seo aig an àm sin agus, air an adhbhar sin, is beag an t-iongnadh gun do bhuannaich an club seo a tha bho thaobh a-muigh nan còig dùthchannan mòra, siarach.

Jose Mourinho 2013

Gu mì-fhortanach, ge-tà, san latha an-diugh, cha bhi airgead gu leòr aig club sam bith nach eil stèidhichte ann an tè dhe na còig dùthchannan seo an duais as motha ann am ball-coise Eòrpach a tha seo a bhuannachadh, mura bi manaidsear sònraichte aige a leithid de Mhourinho. Sin mar a tha cùisean anns an t-saoghal anns a bheil sinn beò, feumar aideachadh! Agus ’s e sin an t-adhbhar as fheudar dhuinn structar nam prìomh fharpaisean ann am ball-coise proifeiseanta air feadh na Roinne Eòrpa atharrachadh!

Bhon a chaidh na lìgean proifeiseanta a stèidheachadh air feadh na mòr-thìre Eòrpaiche o chionn còrr is ceud bliadhna, tha iad air a bhith air an cur air dòigh an taobh a-staigh nan crìochan nàiseanta aig cha mhòr a h-uile dùthaich; agus, mus robh an t-airgead iongantach, millteach ann bho na companaidhean craolaidh mòra, ioma-nàiseanta, bha cothrom na Fèinne aig a h-uile club bhon a h-uile dùthaich nuair a bha e a’ gabhail pàirt anns na farpaisean Eòrpach.

Chelsea 1 Schalke 1 (15272407685).jpg
Chelsea 1 Schalke 1 (15272407685)” by CFC Unofficial (Debs)Chelsea 1 Schalke 1 Game 1 of the Champions League group stage. Licensed under CC BY-SA 2.0 via Wikimedia Commons.

Ge-tà, san latha an-diugh, chan eil cothrom na Fèinne ann air sgàth ’s gum bi na clubaichean bho na còig dùthchannan mòra, siarach a’ faighinn fada a bharrachd dhe dh’airgead bho na companaidhean seo na bhios na clubaichean bho na dùthchannan eile a’ faighinn. Mar sin, feumar lorg fhaighinn air dòigh eile air an t-airgead bho chraoladh a roinn agus farpaiseachd nan sgiobaidhean bho na dùthchannan nas bige a thoirt air ais; agus, nam bheachd-sa, ’s urrainn dhuinn seo a dhèanamh le bhith a’ cur lìogan Eòrpach air dòigh an àite nam farpaisean Eòrpach — an Champions League agus an Europa League — a tha ann aig an àm seo.

Ma nì sinn seo, is dòcha gum faic sinn sgioba Albannach a’ buannachadh na prìomh fharpaise Eòrpaiche turas eile anns an àm ri teachd . Mar a thuirt Martin Luther King, …

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach