Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 2

Tha Gòrdan MacCoinnich a’ toirt sùil air air ball-coise nan coimhearsnachdan an Taobh Siar Rois is san Eilean Sgitheanach sna bliadhnaichean a dh’fhalbh. Seo an dàrna pàirt den artaigil aige.

(Leugh a’ chiad phàirt den artaigil an seo.)

Tha cuimhne aig Murchie – Iain Murchison bho sgioba a’ Chaoil – air ‘sàr-chluicheadairean aig gach sgioba’. Tha cuimhne aige gu h-àraidh gun robh bràithrean aig gach sgioba le cliù mhòr: bha na bràithrean Gòrdain aig sgioba Baile Mhic Ara, bha na Davidsons aig Gleann Eilg is na Barclays aig sgioba a’ Chaoil. Cuideachd, bha balach òg air an robh Miller Frondigoun agus a-rèir Murchie cha mhòr nach do bhuannaich Miller an liog leis fhèin airson sgioba a’ Chaoil ann an 1957. Chaidh Miller air adhart gus cluich do Bherwick Rangers.

Bha dithis bhràithrean à Glaschu cuideachd le buinteanas ri sgìre Loch Aillse, ’s iad na bràithrean MhicFhionghain – Ronnie is Donnie. Bhiodh iad a’ tighinn a-nuas gach samhradh mar dheugairean; chluich Ronnie airson Baile Mhic Ara is Donnie airson a’ Chaoil. Chaidh Donnie air ais a Ghlaschu is chluich e airson Partick Thistle airson iomadh bliadhna. Mas e is nach robh sin soirbheachail gu leòr, chaidh Ronnie air adhart gus cluich airson Rangers 300 tursan gun ghuth a ràdh mu dheidhinn na 28 capaichean a bh’ aige airson Alba!

Tha Murchie (Ian Murchison) san loidhne aghaidh, darna àite bhon taobh chlì le Miller ri a thaobh.

Tha Murchie (Ian Murchison) san loidhne aghaidh, darna àite bhon taobh chlì le Miller ri a thaobh.

Aig toiseach nan 1950an, ged a bha gu leòr chluicheadairean bhon bhaile agam fhìn a’ cluich airson sgiobaidhean air feadh na sgìre, cha robh sgioba stèidhte sa bhaile. Ann an 1954, às dèidh oidhirp mhòr, stèidhicheadh sgioba a’ Phluic. ’B e mo sheanair a’ chiad mhanaidsear (gu h-ìosal le tàidh is deise air) aig an sgioba. Bha sgioba fìor làidir aca a-rèir coltais agus bhuannaich iad an lìog às dèidh beagan bhliadhnaichean, ach a dh’aindeoin seo cha b’ urrainn sgioba a’ Phluic Cupa Ròis (an cupa aca fhèin) a ghlèidheadh bliadhna às dèidh bliadhna.

A-rèir an Journal Siorrachd Rois (gu h-ìosal) bha ‘Hoodoo’ air sgioba a’ Phluic ann an Cupa Rois. Aon turas, fhuair sgioba a’ Phluic a dhà neo trì cluicheadairean air iasad bhon sgioba ‘Blackrock Rovers’ à Inbhir Pheofharain airson a dhèanamh cinnteach gun glèidheadh iad Cupa Rois mu dheireadh. Bha am baile air bhioran agus “chaidh cha mhòr gach duine sa bhaile dhan chuairt-dheireannach”, a-rèir Murchie. Ach chluich sgioba a’ Chaoil cho math ’s a chluich iad a-riamh air an latha agus chaidh muinntir a’ Phluic air ais dhan bhaile gun toileachas a-rithist. Cha tug am Ploc an cupa air ais dhan bhaile gu 1960: an seachdamh turas a dh’fheuch iad.

Print

 

Beagan bhliadhnaichean às dèidh do Phàirc Dhùghlais fhosgladh, stèidhicheadh sgioba eile sa Chaol – ‘s e ‘Drumbeg Rovers’ an t-ainm a bh’ orra. Bha iadsan sa mhòr-chuid nan saoir ag obair aig ‘MacKerlich’s’ – a’ phrìomh chompanaidh togalach sa Chaol. Thàinig an t-ainm bhon t-sreath dhealbhan èibhinn ‘Angus Òg’ agus leis gun robh mòran chluicheadairean aca às an Druim Bhuidhe agus à Earbasaig. Bha connspaid mhòr ann nuair a chuir na Drumbeagaich iarrtas a-steach airson àite san lìog.

Print

 

A-rèir duine a tha fhathast còmhla rinn, ‘ghoid’ Drumbeg cuid de na cluicheadairean aig a Chaol agus a’ Phloc, agus aig an àm sin, chaidh Baile Mac Ara a-mach à bith cuideachd. Mu dheireadh thall, fhuair na Drumbeagaich a-staigh agus mar a bha dùil agus mar a chì sibh gu h-àrd leis gun robh tòrr chluicheadairean aca aig an robh deagh chliù san lìog mar-thà, bha iad gu math soirbheachail. Ach cha b’ fhada a mhaireadh sgioba Drumbeg, agus sna seasgadan, chaidh iad a-mach à bith às dèidh sia neo seachd bliadhna.

Sna seachdadan, dh’fhàs ball-coise air an Eilean Sgitheanach is bhris na sgiobaidhean Sgitheanaich air falbh bho lìog Taobh Siar Rois. Thàinig iomadh sgioba ùr a-staigh do lìog nan Sgitheanach. Thòisich Slèite (a-nis Slèite agus an Srath) ann an 1972, Dùn Bheagain ann an 1973, Stafainn ann an 1976 agus sgiobaidhean eile leithid an t-Struthain, ‘North End’, Ùige, Beàrnasdal agus sgiobaidhean Phort Rìgh leithid United, Wanderers, Youth Club, Juniors agus ‘Skeabost’. Bha sgiobaidhean eile bho thìr-mòr cuideachd, leithid Inbhir Garraidh, Geàrrloch, An t-Allt Beithe, Bal-More (Baile Mac Ara agus An t-Achadh Mhòr ri chèile), Ciseòrn agus ‘Nor-West Bar’ às a’ Chaol. Tha cuid dhiubh fhathast a’ dol agus cuid nach eil.

Sna 80an agus aig toiseach nan 90an b’ e United Phort Rìgh an sgioba as soirbheachaile à Port Rìgh is bhuannaich iad iomadh duais thar nam bliadhnaichean. Ach aig meadhan nan 90an thàinig lìog nan Sgitheanach is lìog Taobh Siar Rois ri chèile a-rithist fon ainm Comann Ball Coise Taobh Siar na Gàidhealtachd. Thàinig sgioba Phort Rìgh air ais mar phrìomh sgioba sa bhaile agus an sgìre uile gu lèir. Bhuannaich iadsan an lìog 11 bliadhnaichean ann an sreath is fhuair iad dhan chuairt-dheireannach de Chupa Amataireach na Gàidhealtachd ann an 2002 – cho fada is a tha sgioba sam bith bho lìog san sgìre air a ruighinn san fharpais. An-dràsta, agus airson nam beagan bhliadhnaichean a chaidh seachad, ’s e Caol Acainn is Slèite agus an Srath an dà sgioba as fheàrr a th’ air a bhith ann.

San latha an-diugh tha na pàircean is na goireasan fada nas fheàrr na bha iad, agus is cinnteach gu bheil na cluicheadairean fada nas sgileile, agus ’s dòcha nas fhallaine is nas comasaiche cuideachd. Ach cà’ bheil na sluaghan agus dè thachair dhan ùidh a bha air a’ shealltainn do bhall-coise na sgìre? A bheil uiread de dh’ùidh fhathast ann is am bi an t-àite air bhoil ma bhuannaicheas am Ploc Cupa Rois a-rithist? Am bi 600 de mhuinntir Ghleann Eilg shìos aig a’ phàirc nuair a dh’fhosglas i an ath-bhliadhn’ mar a bha iad aig Camas a’ Phladaig (gu ìosal) ann an 1957? Am bi duine fhathast ga mholadh do chupa Albannach ’son leithid a’ Phluic is Geàrrloch mar a sgrìobh Mgr C. Urchadain (gu ìosal) aig toiseach nan 60an?

Print

 

Cò aig a tha fios ach cha chreid mi fhìn gum bi. Carson nach bi? Dè thachair dha na grunnan agus an cuideam? ’S e ceist fharsaing airson latha eile a tha siud. Ach thoir sùil air an artaigil gu h-ìosal – chan fhaic thu a leithid de rud a-nis. ’S docha gur e sin far an deach iad ceàrr!

– Gòrdan MacCoinnich

Pìos mu dheireadh

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach