Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 1

Tha Gòrdan MacCoinnich a’ toirt sùil air air ball-coise nan coimhearsnachdan an Taobh Siar Rois is san Eilean Sgitheanach sna bliadhnaichean a dh’fhalbh.  Seo a’ chiad phàirt den artaigil aige.

Air Taobh Siar na Gàidhealtachd, ann an aon de na h-àiteachan as iomallaiche san Roinn Eòrpa, thàinig cluicheadairean amaitearach gu deireadh seusain ball-coise ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich is Loch Aillse aig deireadh na seachdain’ sa chaidh. An seusan sa, bha deich sgiobaidhean a’ farpais ann an Lìog a’ Bhagshaw le sia sgiobaidhean bhon Eilean Sgitheanach is ceithir bho thìr-mòr: sgìre Loch Aillse is Taobh Siar Rois.

Ma thèid thu dha na geamannan an-diugh, chì sibh gu bheil deagh ghoireasan aca agus gu bheil na geamannan gan cluich le deagh spiorad agus neart. Ach aig a’ mhòr-chuid, chan fhaic thu ach àireamh bheag dhe luchd-taic, le ’s dòcha ceud daoine airson na cuairtean deireannach. Cha b’ ann mar seo a bha e an-còmhnaidh, ge-tà. Às dèidh An Dàrna Cogaidh, bhiodh sluagh mòr a’ dol dha na geamannan is tha coltas ann gun robh ball-coise gu math cudromach dha na bailtean beaga mu thimcheall na sgìre.

A bheil an aon suim dhan spòrs an-diugh, neo an e “Linn an Òir ‘s nan Gaisgeach” a bha seo airson ball-coise na sgìre? Chaidh mi a bhruidhinn ri cuid de na seann chluicheadairean as sine airson tuilleadh fhaighinn a-mach mu dheidhinn ball-coise san sgìre an uair sin agus mun na h-atharrachaidhean a tha air tighinn air a’ gheama.

Sgioba Chaol Àcainn ann an 1930 le Cupa MhicCoinnich: an dealbh as sine de sgioba sam bith san sgire a rèir Roger Hutchison sa Phàipear Bheag (1997).

Sgioba Chaol Àcainn ann an 1930 le Cupa MhicCoinnich: an dealbh as sine de sgioba sam bith san sgire a rèir Roger Hutchison sa Phàipear Bheag (1997).

Rugadh Billy MacGilleRuaidh ann an Caol Àcainn ann an 1936 is chluich e ball-coise cho fad air ais is a thèid a chuimhne. Ged a tha an t-Eilean Sgitheanach ’s dòcha nas ainmeile airson camanachd, sna làithean sin b’ e ball-coise prìomh spòrs baile Chaol Àcainn. Mar as àbhaist, chluicheadh a’ chlann ball-coise aig “A’ Chorran”, ach aig an àm sin bha pàirc ball-coise aig sgioba Chaol Àcainn cuideachd, far a bheil talla a’ bhaile an-diugh.

“Bha cùisean aig ìre bhunasach nuair a thòisich mis’ a’ cluich ball-coise” thuirt Billy. “Bha bòtannan mòra le studan-tacaideach againn. Bha iad math, oir nan tigeadh na studan dheth, bhiodh na tacaidean biorach air fhàgail”. Cha b’ ann dìreach na bòtannan a bha gu math eadar-dhealaichte bho na th’ aig na cluicheadairean an latha an-diugh. “’S e ball mòr leathar a bh’ againn le balg na bhroinn… nam biodh e fliuch, bhiodh e cho trom is nach b’ urrainn dhuinn breaban-oisean mar a chì thu san latha an-diugh a dhèanamh idir”.

Nuair a thòisich Billy a’ cluich airson sgioba Chaol Àcainn, bha ceithir sgiobaidhean a-mhàin ann an lìog Siorrachd Rois an Iar – ’s iad Caol Àcainn, Gleann Eilg, an Caol is Port Rìgh. Thàinig Baile Mac Ara a-steach dhan lìog mu 1950 is bha fìor dheagh chluicheadairean aca leithid Jackie O’Kane airson greiseig mus deach iad a-mach à bith às dèidh beagan bhliadhnaichean. Cha robh mòran eadar na sgiobaidhean, a-rèir Billy, agus dh’fhaodadh gach sgioba a’ chùis a dhèanamh air na sgiobaidhean eile “air an latha aca”. Bha na geamannan faisg agus, a rèir Billy, bha sluaghan mòra ann le trì taobhan dhen phàirc làn dhaoine air a’ char as lugha – ‘s dòcha barrachd aig amannan.

Chluich Iain MacCalmain, neo ‘Murchie’ mar a th’ aig mòran dhaoine air, airson sgioba a’ Chaoil sna caogadan is na seasgadan. Ged a bha tòrr chluicheadairean aca, dh’fheumadh sgioba a’ Chaoil siubhail gu Caol Àcainn fiù ’s airson nan geamannan ‘dachaigh’ aca air sgàth is nach robh pàirc freagarrach sa bhaile.

Aig an àm sin, b’ ann air bàtaichean iasgaich, bàtaichean posta agus aiseagan a bha daoine a’ siubhal bho bhaile gu baile. “’B e ‘Calum Guard’ a bhuineadh do Ghleann Eilg am fear aiseig aig an àm sin – tha deagh chuimhne agam air”, thuirt Murchie. B’ àbhaist cluicheadairean sgioba a’ Chaoil fhaighinn gu na geamannan air bàta Chaluim. Ach dh’fheumadh iad feitheamh gus an cuireadh Calum crìoch air an obair làitheil – a’ togail nam pasganan is nan stuthan eile airson Gleann Eilg bho na h-aiseagan mòra – mus fhaigheadh iad lioft dhan bhall-choise bhuaithe-san!

Bha sgioba a’ Chaoil gun phàirc ‘dachaigh’ aca fhèin ann an 1952.

Bha sgioba a’ Chaoil gun phàirc ‘dachaigh’ aca fhèin ann an 1952.

Mar a sgrìobh mi na bu tràithe, cha b’ ann sa Chaol a bha na geamannan aca an toiseach. Ma tha sibh idir eòlach air Caol Loch Aillse, bidh fios agaibh gur e àite gu math creagach a th’ ann le glè bheag de phìosan thalamh rèidh – ach cha do chuir sin stad air an sgioba. Às dèidh iomadh bliadhna a’ cluich ann an Caol Àcainn thàinig beachd-smuain sònraichte air muinntir a’ bhaile.

Cha robh talamh rèidh aca ach bha camas mòr le cladach sa bhaile, agus nuair a bha ionad-thaighean air a thogail air cnoc a’ Phluic, fhuair a’ choimhearsnachd an làmhan air na clachan a thàinig às an obair seo. Thug iad na clachan sìos dhan chladach agus às dèidh beagan bhliadhnaichean bha an camas air a lìonadh. A bharrachd air clachan, fhuair athair ‘Murchie’ is eile luaithreach bho na trèanaichean agus às dèidh oidhirp mhòr bha uachdar rèidh aca. Chuir iad ùir is an uair sin feur air a’ mhullach agus mu dheireadh thall bha talamh rèidh aca airson ball-coise a chluich.

Mu dheireadh thall, às dèidh iomadh bliadhna den choimhearsnachd ag obair còmhla, dh’fhosgail Pàirc Dhùghlais ann an 1957. Abair sgeulachd dhe cho-obrachadh!

– Gòrdan MacCoinnich

Thèid an dàrna phàirt den artaigil seo fhoillseachadh an ath sheachdain.

Share

One thought on “Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 1

  1. Pingback: Ball-coise na Gàidhealtachd: Linn an Òir ’s nan Gaisgeach? Pàirt 2 |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach