Bàrdachd | A’ Bhetsy Mae

Le Alasdair Paul (Eilean Àrainn)

B’ e Betsy Mae a b’ ainm dhiReaper,_Port_Seton_-_geograph.org.uk_-_830833
Am bàta mùirneach
A bha aig a shinn-seanair
Bu mhinig a chualas an sgeulachd
Mar a dh’fhalbhadh i gu siùbhlach
Air muin an t-sàil ghairbh
a’ bualadh bàrr nan tonnaibh
a seòl làn is a sgòdan teann
gun abhsadh
cop a’ sgiùrsadh thar cliathaich
’s i a’ siubhal sgaothan nan sgadan
Spealg a’ sàthadh eadar an doimhne
agus an nèamh
A’ mhuir na goil fodhpa
Na speuran nan onfhadh
os a cionn

‘S fhada bho dh’aom na làithean sin. Bu mhòr na rudan a dh’aom leotha. Dh’fhalbh an t-iasgach mar a dh’fhalbh an t-iasg. Dh’fhalbh na h-obraichean mar a dh’fhalbh an obair.

Ach dh’fhuirich esan, na flat bheag shuarach aig ceann a’ bhaile.

Cha b’ aithne dha an uair a dhùisgeadh e, is a dheigheadh e chun na h-unneige a dhealachadh nan cùirteinean tana; ach am faigheadh e sealladh dallanach air an latha. Am baile sìnte shìos fodha is a’ mhuir bhuan air a chùl. Am baile cho glas a’ coimhead, eadhon air latha soilleir. An corra seann taigh a bha air fhàgail a-nis air an dòmhlachadh eadar blocan concrait ceàrnagach; oifis na comhairle leis an leabharlann na chois, pàirc-chàraichean ioma-ùrlarach, blocaichean fhlataichean is supermarket.

B’ iad na h-amannan beaga dìomhain sin nuair a thigeadh an ospag a shèid thairis air ceud bliadhna a shèideadh tro fheòil, a’ giùlan an t-sàil is an t-siabain. Chuireadh e gaoir troimhe is chrathadh e bhuaithe e mus leanadh e air leis a latha.

An latha sin sheòl boillsgean grèine air muin a’ bhaile gu ruige nan slèibhtean, is iad air an ruagadh leis a’ ghaoith bhon iar. Air an cùl chìte cabhlach sgòthan dorcha is iad a’ sìor theannadh air na sràidean; droch shamhla do dhroch dhoineann air fàire.

© Seumas Moireasdan (Nis)

© Seumas Moireasdan (Nis)

B’ e ceathrar a chriutha a bh’ oirre
B’ e a shinn-seanair an sgiobair
Dithis mharaiche, ’s am balach
ceathrar suinn a’ chuain
lasair nan sùilean
a’ dùr-choimhead
oir nan speur
an craiceann righinn saillte
am fèithean teann
an aogas snaidhte
an aghaidh an t-sàile,
gaoth is gèile
B’ aithne dhaibh a chèile
na b’ fheàrr na bean no bràthair
B’ ann còmhla a chuir iad aghaidh
ri bàs is beatha nam bàta
B’ aithne dhaibh cruadal
cho math ri sùgradh
gainnead is pailteas
soineann is doineann

Theàrn e staidhir a’ chlobhsa tro shamh a’ mhùin is spruilleach oidhche Haoine, is a-mach don t-sràide shìos. Theann e ris an triall làitheil aige tron bhaile mar bu ghnàth dha. ‘S fhada bho chailleadh fàth a thurais; ceann-cosnaidh no ceann-gnothaich. Ach lean an cleachdadh. Suas gu far an tachradh iomall a’ bhaile leis a’ ghlasach a dheigheadh e, is air ais gu far an tigeadh càch còmhla; ceathrar no còignear fhireannach air iomrall eadar òige agus seann-aois, a cho-phàirteachadh corra leann saor agus am falamhachd. Falamhachd nan sùilean is falamhachd nam beatha. Bu ghann a dheidheadh facal eatorra. Ach gheibheadh iad cofhurtachd air choireigin bhon chuideachd. Faochadh bhon aonranachd.

B’ iad na h-amannan tostach sin a smaoinicheadh e, son tiotan, gum faca e an lasair nan sùilean. Ach dheigheadh a smàladh cho luath is nach robh e cinnteach às.

Air a’ mhol a chaidh i na laighe2051513_4a14f778
nuair a thàinig i gu crìoch a latha
claon air a cliathaich
far an do leig an fhairge às greim oirre
far an do sheòl na sgothan ùra
seachad oirre
gun aire a thoirt dhi
gach geamhradh dh’fhalbhadh cuid dhith
ròpannan is lìntean a’ chiad char
na slatan-bheòil is na searbaidean
an uair sin
na dèilean as an dèidh
gus nach robh ann
ach asnaichean is druim

B’ ann air an fhionnaraidh a chaidh a’ chuideachd fhuadachadh leis a’ ghaoith bhon iar, is i a’ sìor èirigh. Sgap iad mar chàth gun fhacal dealachaidh; gach fear don cheàrn aige fhèin. Ach nuair a ràinig esan ceann an rathaid, cha b’ e taobh a dhachaidh dhan deach e ach taobh a’ chladaich. Seachad air a’ Cho-op far an robh e ag obair greis aig a’ check out, sìos tro phàirc nan càraichean is a-mach air a’ mhol; gun fhiosta dha, dhan dearbh àite far an do laigh cnàmhlach na Betsy Mae is far am faicte a h-asnaichean suas gu grunn bhliadhnaichean air ais.

Bha na seachd siantan nan caothach ga dhochainn bho gach taobh dheth. Air èiginn a chumadh e air a chasan. Shìn e a dhruim is ghlaodh e aig àrd a chlaiginn am beul na gaoith’ ‘Leig às mi!’ Ach cha bu luaith’ a dh’fhàg na faclan a bheul na dh’fhalbh a’ ghaoth leotha is chaidh am bàthadh fo othail na gèile is torran na mara.

B’ ann air an ath-latha a fhuaireadh a chorp is e sinte air a’ mhol far an do leig an fhairge às greim air. Ach bha anam fada, fada a-muigh air muin na mara.

eadar an doimhne
agus an nèamh
A’ mhuir na goil fodha
Na speuran nan onfhadh
os a chionn

Share

One thought on “Bàrdachd | A’ Bhetsy Mae

  1. Pingback: Sùil air 2015 | Dàna |

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach