Bàrdachd | A chaillich-shùith’, nach mairg dhuibh ur cùis

Le Màiri NicLeòid, Tunga

A chaillich-shùith’, nach mairg dhuibh ur cùis

Do dh’Anna Bhroilleagain

A chaillich-shùith’,
Nach ann oirbh bhios ’n diomb,
‘S sibh lùigeadh beagan fois,
Nur beatha buaireasach.

Air ur sgiùrsadh a-mach,
às ur cùil bhig bhlàth,
Latha an dèidh latha,
Leis a’ bhrùid dhustair gharbh.

‘S beag an t-iongnadh g’ eil sibh bochd,
‘S gun annaibh ach truaghag cho beag-lochd.
Dè riamh an cron a rinnear,
Air duine sam bith nur beatha ghoirid.

Thoir sùil air an tè ud s shìos fodhaibh,
a’ dol às a ciall ’s a’ crathadh a dòrn ribh,
i càineadh ur cèile,
’S i g’ èigheachd “Salchair creutair”.

’S sibhse ’n sin,
A’ turrabanaich san àidhear,
A chaillich-shùith’,
Nach mairg dhuibh ur cùis.

Mineachadh air a’ bhàrdachd:

“Chan e ach rabhd beag a th’ ann an seo. Tha an gnàths-chainnt gu math Tungach, ’s caomh leams’ a bhith sgrìobhadh nam dhual-chainnt fhèin! ’S e cailleach-shùithe a bhiodh aig na seann bhoireannaich ann an Tunga air mar bhiodh an sùithe on stobha no teine a’ cruinneachadh shuas air mullach an t-seòmair, rud nach do chòrd rithe. Bha mise air mo thogail an taigh mo sheanmhar, Anna Bhroilleagain an ath dhoras mus deach mi dhan sgoil bhon a bha mo mhàthair ag obair. Tha an còmhnaidh cuimhne agam oirre gan teicheadh ’s a’ gearan mun deidhinn sa chidsin bheag aice leis an stobha.”

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach