Bàrdachd a’ Mhàirt | Eòghan

Simon Johnston [CC BY-SA 2.0 (http://creativecommons.org/licenses/by-sa/2.0)], via Wikimedia Commons

Àth-aoil

 

Thig ciaradh air mo chuimhne,

Blas an aoil air mo theangaidh.

A dh’aindeoin gach searbhachd,

Air mo ghaol, cha tig seargadh.


 

 

Am Màrt

 

Thig leis a’ Mhàrt

làithean soilleir

uisgeachan fuara

cridheachan faoin briste

athraichean gam buain ro ghrad.

 

@eoghanuig

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach