Bàrdachd | Air Mullach Mont Blanc

Le franco56 - Fotografia personale, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=1392310
Le franco56 – Fotografia personale, CC BY-SA 3.0, https://commons.wikimedia.org/w/index.php?curid=1392310

le Alastair Paul

“sgeulachd a chaidh innse dhomh le caraid a tha ag obair ann an supermarket.”

Air Mullach Mont Blanc

Thog i a’ fòn
’son an 40mh uair an là ud
is ruith i tron rann aice
na guth modhail
nach cleithead a sgìos
Seirbhis libhrigeadh dhachaidh
Ur n-ainm?
Ur n-àireamh?
Dè nì mi dhuibh?
Dè ur dìth an-diugh?

`S e mo dhìth
dìreach na chumas beò mi
Thàinig guth fann
bho taobh thall na loidhne
Pacaid brioscaid, bainne
aran
Bu shuarach leis a shuidheachadh
na shuidh, na shèithear
na phrìosanach
gun chomas aige coiseachd
no carachadh
cha mhòr
bho bhonn gu bàrr
an ruim bhig
Na h-aona cheanglaichean aige
ris an t-saoghal a-muigh
a’ fòn na làimh
is an teilidh air a bheulaibh
Fhios agad, m’ eudail
tha rud agam ri innse dhut
feumar innse do chuideigin
agus
is tusa i
Rinn mi rudeigin
uaireigin
na mo bheatha
O chionn 45 bliadhna
bhon-diugh fhèin
bha mi air mullach Mont Blanc
aig briseadh an latha
mo bhodhaig air a bhogadh
le boillsgeadh grèine
sneachd fo mo chasan
is am baile shìos
fhathast na thàmh
fo dhubharachd
Solais na sràide
mar rionnagan air an talamh
mar gun deach an saoghal
bun os cionn
son tiotan

Son tiotan
nan inntinn
sheas iad
làmhan ri chèile
dà thaobh na loidhne
an gàirdeanan sìnte
thar nam bliadhnaichean
àrd os cionn an t-saoghail
aig camhanaich
latha air ùr-bhreith
air mullach Mont Blanc

 

  • Alastair Paul
Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach