Bàrdachd | Am Fosal

Dr Micheal Newton (clì) agus Lodaidh MacFhionghain (deas)

Dr Micheal Newton (clì) agus Lodaidh MacFhionghain (deas)

do Lodaidh MacFhionghain*

Cha b’ iongnadh leam
ged a chuir muinntir na sgìre seo
“Am Fosal” ort
oir tha thusa a’ tighinn beò
air chleas nam famhairean
a bha a’ smàgadh air an talamh
nuair a bha am fonn air ùr bhriseadh.

Chan e dreug ghailbheach lasrach
a chuir ás dha’n Ghàradh sin
ach fuarachadh buan do-mhothachaidh
a shearg na bha fo bhlàth
beag air bheag.

Ach neo-choltach ris an Fhosal mharbh bhalbh reòthte ud
tha thusa làn deò –
a’ leumraich, is a’ sgreuchail,
a’ dannsa, is a’ seinn –
is a’ fadadh caoirean nàire
ann an cridhe a’ chinnidh
a thréig an Gàradh.

Tha aisling agam
gun séid sinn uile na caoirean sin
le anail na beul-aithris
gus am fàs iad ’nan teintean-éiginn
dòchasach dealrach
a bhios a’ blàthachadh
agus a’ soillseachadh a’ Ghàraidh
a chaidh am falach
ann an aigne gach Àdhaimh is Eubha.

– Mìcheal Newton

*Is e Ceann-suidhe Oifis Iomairtean na Gàidhlig ann an Albainn Nuaidh a th’ ann an Lodaidh, cuspair an dàin seo.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach