Bàrdachd | An Sonn (Dàn do Mhuhammad Ali)

le Alistair Paul

An Sonn (Dàn do Mhuhammad Ali)

B’ e feasgar Disathairne a bh’ann
A’ chiad uair a chunnaic mi an sonn
Tha mi cha mhòr cinnteach às
Tro cheò nam mòr bhliadhnaichean
Tro chèo a’ bhaile ghlais mhòir
Feasgar glas ann an Glaschu
Mar iomadh feasgar roimhe
Mar iomadh feasgar bhuaithe

B’ e seasgad ’s a sia a bh’ann
No ’s mathaid seasgad ’s a seachd
Ged b’ e balach beag a bh’annam
Is math a’ chùimhne a th’ agam
A’ chiad uair thàinig e gu m’aire
Tro sholas fann an t-seòmair-shuidhe
Tron bhogsa a’ priobadh san oisinn
A’ priobadh dubh is geal, is glas

Bu lèir dhomh dà bhogsair
Am broinn a’ bhogsa againn
Ceithir òirlich a dh’àirde
‘S iad a’ còmhrag gu cruaidh
B’ iad dà bheathach fhiadhaich
Am fear geal is am fear dubh
An dòrnair geal a’ sadadh chrògan
Am fear dubh, aotrom air a chasan

B’ e dealain-dè a bh’ann dheth
Mar a chuir e fhèin an cèill e
B’ e dannsair a bh’ann air àrd-ùrlar
‘S e a’ dèanamh ealain a-mach à àr
Chaidh mi fo seun an t-suinn
Is don phriobadh dubh is geal
Thar gnè is cuan is bhliadhnaichean
Dh’fhairich mi an ceangal eadarainn

B’ e strì a bu dàn don t-sonn
Bho thàinig e a-steach don t-saoghal
Bhon t-sràide dhan lann-bhogsaidh
Bhon lann dhan t-saoghal mhòr
A shad bhuaithe ainm geal na tràille
Creideamh Crìostaidh nam fear geal
A chaith ròb nan suinn dubha
A chaidh an sàs gu cridhe a’ chatha

B’ e cridhe a’ chòmhstri àite-còmhnaidh
A’ strì son cheartais is chòraichean
A’ seasamh choimhearsnachdan
A’ seachnadh nan slaicean
A’ sìor-dhìon a chuideachd
A’ solarachadh a theaghlaich
Is mis’ san strì chòmhla ris
Bho shòfa mo sheòmair-shuidhe

B’ e naoi ceud deug ’s a seachdad
No ’s mathaid seachdad ’s a h-aon
Am bliadhna a chaidh an saoghal dathach
‘S a thaom na dathan don bhaile ghlas
Tron bhogsa dathach againn san oisinn
Dathan chleasan is chathan mic-an-duine
An fhuil dhearg air aodann a’ bhogsair
An fhuil dhearg air aodann an t-saoghail

B’e buinnig a bu dàn don t-sonn
A’ sadadh is a’ seachnadh nan dòrn
Is a’ sìordhannsadh tro na dathan
Gu ruige àbharsair mu dheireadh
A dh’fheith san fhaileas fad a bheatha
Gun fhor do ghnè no dh’fheallsanachd
B’ e a thinneas an còmhragach nach cailleadh
Buille neo-thruacanta a leag gu làr an cathach

– Alistair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach