Bàrdachd | Àrmainn na Gàidhlig

le Alistair Paul

Air dà bheinn àrd
Air taobh an iar na h-Albainn
Air iomall na Gàidhealteachd
Àrd os cionn na talmhainn
Sheas dà àrmann na Gàidhlig
an cinn shuas sna sgòthan
Shuas dha na speuran
Bu bhrìoghmhor am briathran

© Jacquetta Megarry

© Jacquetta Megarry

B’ ann a chrith an talamh fon casan
Nuair dh’fhosgail iad am beòil
Reòth an sluagh na èisteachd
‘S iad a’ coimhead suas do na neòil

Biodh Gàidhlig beò!
Biodh Gàidhlig beò is bith-bhuan!
– Thàinig mac-talla
Biodh Gàidhlig bith-bhuan is fiorghlan!
Biodh i mar a bhiodh i air bilean na Fèinne!
Biodh i mar a bhiodh i aig Donnachadh Bàn!
Gum mair a h-uile mion-chainnt is dual-chainnt
Gum mair a h-uile abairt is briathar slàn

Fada shìos eadar cnuic is an srath
cha b’ e cainnt na Fèinne air bilean càich
ach b’ e cainnt na h-eaconamaidh
b’ e cainnt na h-obrach is na cion-obrach

Lean an torghan mar an tàirneanach
an teachdaireachd cho geur ris an dealanach
Cumadh Gràisg na Beurla taobh a-muigh!
Gun aca fiathachadh tighinn a-steach
Tro eadar-theangachaidhean is fo-thiotalan*
a thruailleas an cànan a tha gun lochd
a nì dìmeas air dualchas is dùthchas
a shlaodas ar cànan chun an t-sloic

Ged rugadh i na fuaran fiorghlan
‘S fhada bho chaidh Gàidhlig air triall
a’ càradh is a’ caochladh tro cnuic is srath
air a slighe toinnte chun an t-sàil

 

(An Dàmhair)

*cf: Deasbad a’ Phutain Dheirg

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach