
le Marcas Mac an Tuairnear
Gu mì-fhortanach, tha obair agus gnothaichean eile air sgioba Dhàna a chumail ro thrang o chionn ghoirid agus tha sinn air pios air leth no dhà a chall anns an dol seachad ri linn sin. Tha sinn an dòchas gu bheil ar luchd-leughaidh chòir fialaidh gu leòr ar leisgeul a ghabhail. ’S e seo pios drùidteach a sgrìobh Marcas Mac an Tuairnear mar fhreagairt ris na ionnsaighean ceannairc sa Bheilg o chionn dà mhios.
Benelugs
Sgrìobh thu an diugh thugam
Bho Lugsamburg
Is do theachdaireachd
A’ tùirling air mo sgrìon.
Mar shneachda geal;
D’ fhaclan dorch,
Do cheumannan-cois
Dubha air a’ chuthaig.
Chuala mi an diugh cuideachd
Mun Bhruiseil
Is sgàilean a’ sgaoileadh tro
Ruighean na Tìre ìsle sin.
Chan eil duine beò an dùil,
Ri buille bomaige,
Ach theag gu bheil an cridhe
Coltach ris inneal sin.
An ìmpis speadhaidh,
Ge ’s bith seachd bliadhn’,
No giorrad sheachd diog,
Ron lèirsgrios iomlain.
Sgrìobhaidh mi air ais thugad
Bhon a’ Ghàidhealtachd
Is miann mo theachdaireachd
Sgiathach tro na sgothan.
Gun ach dòchas,
Gum fill brìgh mo bhriathran,
Do dhùil ùr-bhriste
Mar chuibhrig chloimhich clùimhe.
– Marcas Mac an Tuairnear