Bàrdachd: Fuaimean Uibhist | Liam Alastair Crouse

Seo òran a rinneadh le Liam Alastair Crouse, a fhuair duais nan sgrìobhadairean ùra airson na bàrdachd ann an 2019. Tha e a’ tarraing air na diofar fhuaimean a chluinnear ann an Uibhist a Deas, eadar ròmhanaich an t-srùlaidh anns an iar agus langanaich nan damh anns an ear. Bha e fhèin uair a’ fuireach air an taobh an iar den eilean – eadar Cill Donnain agus Bornais, ach bho chionn dà bhliadhna, rinn e imprig dhan ear. Tha dà thaobh Uibhist a Deas car diofrach, agus tha e a’ fàs cleachdte ri fuaimean ùra, agus cothrom air acarsaidean matha an taobh an ear.

’S e fuaim nach cluinnt’ na làithean seo
On thàinig sinn a-nall
A dh’fhuireach cois a’ chlachain ann
An Laisgir chaoin nam bàgh
San taobh an ear gun fharsaingeachd
Le gàir a’ chuain san tràigh:
Na tuinn nan steall gu dùbhlanach
’S a’ sùghadh às gun dàil.

Air oidhche shàmhach gheamhradail
’S gun sian a’ sèideadh bras
Gun oiteagan gun deò-ghaoithe
Gun sgòth gu h-àrd air fàir’,
Le m’ anail fhuar ’s i ag èirigh suas
Is m’ èisteachd ris an t-srann
Nì stuadhan casa ròmhanaich,
Gam bhòdhradh anns an àm.

Chan ann cho tric air machraichean
A dh’fhalbhamaid dhan iar
San dùdlachd fhuar gu sònraichte
’S an oidhche fàs ro dhian
Cha chluinn sinn rann na curracaig
Cho diùmbach ’s bha i riamh
No coimhead ruith nam feadagan
Ri cleasachd ’s lorg biadh.

Ge-tà ’s ann nì mi toileachadh
An taobh a-bhos na tìr
Ag èisteachd laogh a’ geumnaich ’s iad
a’ mireag-leum gun sgìths
No damh ri earb a’ langanaich
Cho faisg an àird’ na frìth’
’S na brìdeanan ’s na guilbnich
A’ grùdach anns an linn.

An dùdach aig na h-aiseagan
Ri cala fàgail rèidh
Na h-eathraichean a’ dol a-mach
Ri cur is togail chlèibh
An rùchd a nì an t-einnsean nuair
A spreagas mise è,
No frasadh sàil na stiùireach dhomh
’S e sruthadh às mo dhèidh.

An fhàilte aig na h-eich bheaga
A’ seitrich leis an t-sròn
A’ teachd nan deann cho togarrach
Gu frogail finealt’ còir
Neo ’n cù a’ dol na chrùban is
A’ lùbadh leis a’ phròis
Gur tusa fhèin a shìn a-mach
Ga shlìobadh le do chròig.

Sin Uibhist bhinn ga fuaimneachadh
Ri cuan is ceilear eòin
An duanag ud gu sòlasach
O Chorghadail chun na cròic’
A’ sruthadh anns na gleanntaichean
’S na dheann a’ falbh gu còrs’
Sin agaibh-sa mo rogha fhèin
An torman agus ceòl.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach