Bàrdachd | Là a’ Bhuidheachais

A’ guidhe Là a’ Bhuidheachais sona dhuibh, ge brith cà bheil thu san t-saoghal.

Ged is duilich leam gun d’ fhàg mi,
Grunn làitheachan air ais,
Air sgàth iomadh dragh is èiginn
Gum b’ fheudar dhomh dhol às.
Is gun robh na deòir nam shùilean
Nuair shiubhail mi thar sàil,
Dh’aidichinn gu bheil mi àigh’reach
Aig dachaidh nist san àm.

Na mo leabaidh bhlàth fo phlaide,
San taigh far chinn mi suas,
Am measg a’ ghàrraidh mhòir fheuraich
Far ’n robh cleas iomadh uair.
Ach dè thachair ris a’ bhalach,
A b’ àbhaist bhith meur luath,
Am balach on Eilean Ròdach
Rinn a fhògradh thar chuain?

‘S e an ràith ann is gach duilleag,
Air choltas buidhe lom,
Is an sluagh a’ dèanadh ullamh
Thighinn cruinn mun a’ bhòrd.
An dibhearsain nis air èirigh,
Ò, ’s gur èiginn ann dhomh,
Agus a-nis tha am balach
Fallainn mar bha e òg.

– Liam Alastair Crouse

Chaidh am pìos a sgrìobhadh nuair a bh’ agam ri tilleadh do na Stàitean Aonaichte as t-fhoghar, 2012, fo chuing laghannan in-imrichis ùra.

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach