Bàrdachd | Latha nam Feachdan Armaichte 2014

26thHighlandInfantryBrigade9thScottSpreadhadh boma fhuadain,
Am-measg gach ‘oo’ is ‘ah’ aig an t-sluagh
A dhearc air a’ cheò le iongnadh,
Fhad ’s a mhèath an Apache thar faire;
A’ lùbadh ’s a’ dannsadh sna speuran,
Am pìleat a’ taisbeanadh a chuid sgilean
Ann a bhith a’ marbhadh nàmhaid,
’S e dèanamh gille dheth fhèin.

Seo t’ impireachd dhustach thrèigte,
Beò ach air inntinn chuid,
An tulgadh deireannach a’ bhàis.

’S chan fhaca mise, anns a’ cheò ud,
Ach a’ ghlumag mhairbhteach,
Air a fadadh ro oiteag an eagail.

Shock and awe, thuirt an t-Ameireaganach an-iochdmhor eile –
’S e ga rèiteachadh an seòmraichean a’ Phentagon;
Ach abairt gun mhòran cèill
Dar nach eil thu ga tuigsinn
Ach tro bhogsa beag na brèige;
Nach seallar dhut an làrach mhillte,
’S i air a sgrios le boma
Tha nas mò na duine ’na chumadh,
’S a chosg na milleanan.

Dubhar sgàil inneal an lèir-sgrios,
A bhagradh làmhan Riaghaltais uaibhrich shaoibh
Dar a chomharraicheas iad tòiseachd Cogaidh Mòir
(Mar a thathar a’ dèanamh air a’ bhliadhna seo)
San dòigh seo, ri cleasachd is ri clisgeadh;

Tha deagh fhios:
Cha tàinig atharrachadh air saoghal.

Neo air saoghal cuid, co-dhiùbh.
Air saoghalan eile thàinig ’s gun tàinig
gun iarraidh gun abhsadh gun fhaothachadh.

Dh’fhalbh na gillean grinn,
An ginealach cho bòidheach ’s cho sgairteil ’s cho òg;
A shìolaidh às na glinn;
A thràigh mar a’ mhuir
Air a’ mhadainn chiùin Chèitein ud;
A dh’fhàg fadhail bhàn gun toradh;
’S a lìonadh, ri tamaill, le cràdh ’s cianalas ’s caoineadh
Le fàsalachd nan gillean gaolach;
Nach d’fhuair ach giorrad an t-saoghail
Nach d’fhuair cothrom beatha na lànachd
Nach do phòs leannan ’s nach do dh’àraich clann.
Nach do lìon ach beàrn san loidhne aig an Somme
Seach beàrn sa choimhearsnachd aig baile.

Beàrn nach deach lìonadh le cuimhneachan-cogaidh,
A thogadh sna glinn ’s na bailtean ’s na cridheachan,
Ceithir-chòmhdaichte le ainmean
Faileas bheathannan gu bràth nan tost,
A dh’fhuiling ceusadh na h-uèir bioraich
Agus spreadhadh boma fhìor,
Airson gaol an dùthchais.

Liam Alastair Crouse (28 Ògmhios, 2014)

 

 

 

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach