Bàrdachd | Moladh nam Fear Buidhe Soillseach

le Alistair Paul

Red light and escort services - geograph.org.uk - 635316.jpg
Solas – geograph.org.uk – 635316” le John Allan. Ceadaichte CC BY-SA 2.0 via Wikimedia Commons.

Moladh nam Fear Buidhe Soillseach

 

Chithear iad aig a h-uile

Ceann-rathaid is crois-rathaid

Cròileagan de cheathrar no choignear

Na fir buidhe soillseach còir

Is tè ann air corra uair

Nan gnè fa leth, a tha iad

An sùilean air an talamh

Shìos ann an toll no ri thaobh

Acainn air choireigin nan crògan

No aig cuibhle uidheamachd

A’ carachadh gu cùramach

Le gluasachd urramach

Gun aodann no ainm

A ‘coileanadh a’ ghnìomha

 

A’ cumail ar saoghail a’ dol

 

An sileadh no dìle bhàthe

Cur is cathadh

Reòthadh no aiteamh

Fuachd a’ gheamhraidh

Teas an t-samhraidh

Doinnean is soinnean

Làithean nan seachd sian

 

A’ cumail a’ dol

 

An ath-thuras

A chuireas tu car de thap

is a thig uisge às

A chuireas tu air coire

is a thig uisge teth às

A chuireas tu air coimpiutair

is a thig brath às

A theid thu thar còmhnard

far an robh poit-tholl

is a theid thu seachad air

nam fear buidhe soillseach

 

Thoir taing dhaibh

is cùm a’ dol

– Alistair Paul

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach