Bàrdachd | Mòr-Ghoid Auto 5 (Na Gillean Caillte)

le Alistair Paul

Swaff0131 ttt

Mòr-Ghoid Auto 5 (Na Gillean Caillte)

‘Tha do dhìnnear deiseil! ‘Ille.
Tha do dhìnnear deiseil!’

Dh’èigh mi na b’àirde gu àird mo chinn
ach facal no freagairt cha tàinig gin
B’ fhiosraich dhomh nach tigeadh facal
ged sheasainn nam stob a’ sgreuchail
is mar bu ghnàth dhomh, a dh’aindeoin na nàire
chaidh mi gu màirnealach suas an staidhir
is chaidh mi a-null gu garadh mo mhic
far am bi e a’ tàmh nan uairean gu tric
Bu ghreis a dh’fhan mi taobh a-muigh an dorais
a’ gabhail mo neirt is a’ togail mo dhòchais
Shàth mi an làmh is chaidh mi a-steach
is chàirich mi mi fhèin gu cugallach tron sprùilleach
Cha bu mhi uachdaran a’ cur aghaidh ris an t-saoghal
ach mar ìochdaran a’ liùgadh tron doras-cùil
B’e saoghal neònach ud ’na leth dhorchadas
is solasan tiamhaidh a’ sior fhàs is shìoladh às
agus aig cridhe na cruinne-cè air leth
mo mhac agus an sgrìon a bha mar phàirt dheth
No co-dhiù a chorp na shìneadh mar thaibhse
mar gun robh a lùths air traoghadh bhuaithe
Gun ach na h-òrdagan a’ dol aig peilear am beatha
a’ toirt fianais gu bheil am balach fhathast beò
Ghlacadh m’ aire air an sgrìon a bha fa-near dhomh
is thòisich air searg air falbh an còrr dhen rùm
Bha mi a’ snamh gu domhainn an cuan ciùin
a’ call mo mhothachaidh an àite mo rùin

Sàmhchair, sàmhchair, neòil, neoni

Dhùisg mi gu grad gu gleadhraich is othail
Brag, brag, taidhirean a’ sgreuchail
Bha mi beò am bad gun bhrìgh
air blàr borb brùideil làn strì
Bhuail duine annam is e na dheann
a’ ruith mar ghlaoic aogas na ghreann
B’e a ghunna a chuir mi nam oillteachadh
oir, b’ann ormsa a bha e a’ cuimseachadh
Cha d’fhuair mi air ruith is mi reòthte, rag
is cinnt agam gun robh e gus losgadh
Thug mi feart do dh’fhear a’ fiaradh thugam
is sguab e air falbh mi; ge b’ oil leam
Thug e sìos mi gu cul-shràid chumhang
air falbh bhon ghleadhraich is rathaidean trang
Thug solas na sràide dhomh aiteal air aodann
Gu sealladh orm, b’e mo mhac a bh’ann!

Bha gàire air a ghnùis bho chluas gu cluas
làn spionnadh nach fhacas bho bha e na phàiste
‘Fàilte gu mo shaoghal’, sin a thuirt e
‘Dè do bheachd. Nach e tha steezy?’
‘Lean mise!’ dh’èigh e ‘Beir air mo ghàirdean!’
is chaidh sinn air seachran tro na sràidean
Mun do ghoid sinn an càr mòr spaideil
is dh’fhalbh sinn aig astar a bha cianail
le gràisg fhiadhaich feachd a’ phoilis air ar tòir
agus na conacagan aca a’ seirm nan glòir
Rinn mo mhac lachan is chuir e car de a cheann
Thuirt e ‘A Dhadaidh, tha an t-àm agad ann’
is e a’ sìneadh a ghunna gu mo làimhe
‘Dèan cinnteach gun cuir thu às dhaibh’
Stob mi mo chom a-mach air an uinneag
is theann mi air losgadh mar lunatic
Dh’fhalbh peilearan nam fiar is nan leum
B’fheudar dhomh aideachadh; bha mi gun fheum
Chuir sgailc nar tòin car dar carbad
Gun dàil idir, bha sinn far an rathaid
Leum sinn a-mach a’ feuchainn ri teicheadh
ach fhuair mo mhac buille a leag e le cràdh
Bha mi a’ coimhead sìos air le truas
is bha mo chridhe a’ lìonadh le uabhas
nuair a chuala mi guth fad às gu fann
a’ dol timcheall mar rann na mo cheann

‘Tha ur dìnnear deiseil!
‘Illean tha ur dìnnear deiseil!’

Shlaod mi air falbh mo mhac gu taigh
Bha an guth gar gairm ga ionnsaigh
Bhrùth mi air an doras-aghaidh
Ghèill e, is bha sinn a-staigh
gu mìorbhail a’ feitheamh oirnn;
sin, bòrd air a sheatadh le lòn
Biadh ann am meud a bha fialaidh
an taigh beag, seasgair mo ghraidh
Air mo bheulaibh mo bhean bhòidheach
is i a’ coimhead caran crosta, diombach
‘Bha sibh air falbh ùine gun chiall’
thuirt i ‘An ann a bha sibh air triall’
Thug mi gàire dhi a bha modhail
a’ toirt priob do mo mhac os ìosal

‘Seo mo shaoghal. De do bheachd?
Nach e tha, uill, àbhaisteach?’

– Alistair Paul

FacebookTwitterGoogle+Roinn

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach