Barpa Langais a’ tuiteam ’na bhroinn

Chan e ann am Barpa Langais, Uibhist a Tuath, ach an t-aon bharpa seòmarach air fhàgail an Innse Gall sa bheil an trannsa agus an seòmar fhathast slàn. Le sin, ’s e a th’ ann ach am barpa a b’ fheàrr coir a th’ againn, agus pàirt fìor-chudromach de dhualchas nan Eilean. Tha an coltas air gun deach a chleachdadh mar chladh-coimhearsnachd fad mìle bliadhna ri linn an atharrachaidh gu Linn Ùr na Cloiche.

Ach, ma chaidh cuid agaibh a thadhail air a’ bharpa bho chionn ghoirid, chunnacas nach eil gnothaichean mar a bu chòir. Chaidh feansa faoin uèireach a chur mu choinneamh an toll-inntrigidh gus daoine a chumail bho bhith a’ dol am broinn a’ bharpa. Carson?

Chaidh an naidheachd ma sgaoil dòrlach sheachdainnean sa chaidh gu bheil am barpa ann an droch chàradh. Tha bristean air nochdadh sna h-àrd-leacan os cionn an t-seòmair a-staigh agus tha pàirt den trannsa air tuiteam na bhroinn. Tha coltach gur ann an dèidh mhìltean de bhliadhnaichean, tha e mu dheireadh a’ dol às a chèile.

Chan ann air dòigh ‘nàdarra’, mar gum b’ eadh, ach fo bhuaidh mhic an duine fhèin. A-rèir coltais, tha daoine air a bhith a’ dèanamh cron dhan bharpa le bhith a’ coiseachd thairis air, a’ cur tuilleadh ’s a chòir cuideim air na leacan a-staigh. Chuala mi cuideachd gum bi daoine a’ cur chlachan air mullach a’ bharpa, mar gur e seòrsa càrn àbhaisteach a gheibhear aig mullach beinne. Ach tha eadar-dhealachadh mòr eadar càrn agus barpa!

Chan eil fhios a’m fhìn carson a tha daoine a’ dèanamh seo – spòrs ’s dòcha, ach feumaidh gun sguir iad dheth sa bhad. ’S e a tha iad a’ dèanamh ach a’ cur às do dhualchas prìseil nan Eilean Siar (agus na h-Alba san fharsaingeachd).

Dh’fhaoidte gur e mì-thuigse air neo aineolas as t-adhbhar do bheil daoine a’ smaoineachadh gun gabh barpa a dhìreadh gun chron a dhèanamh air a’ chlachaireachd aosmhor. Agus mas e, feumaidh gun tèid soidhnichean neo an leithid a thogail ri taobh a’ bharpa ag innse don phoball an cron a thathas a’ dèanamh le bhith a’ coiseachd thairis air. Agus gun ach feansa uèireach a ghabhas gluasad gu furasta fhèin, às aonais fiosrachaidh neo soidhnichean neo eile a dh’innseas don phoball na tha air tachairt dhan bharpa, tha e coltach gu bheil cunnart a bharrachd ann dhan làrach phrìseil seo.

Tha dùil gun tèid sgrùdadh a dhèanamh air a’ bharpa feuch gu dè a ghabhas dèanamh airson a dhìon dhan ath-ghinealach. Ach ’s an eadar-àm, feumaidh barrachd sanasachd a chur an-àirde mun bharpa gus aire a thogail, gu seachd àraidh mus tig àm na turasachd. Ma thuiteas am barpa seo na bhroinn, bidh e na chall mòr mòr dha arc-eòlas agus dualchas Innse Gall.

– Liam Alastair Crouse

Share

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach