Aineolas a’ cur smal air ar sunnd?

You'd smile, too, if you just got a job after being unemployed for the last six months!

Ma tha thu dèidheil air cànan is cultar na Gàidhlig, dè a’ chiad rud a bheir buil air d’ inntinn nuair a leughas tu aistean aineolach an aghaidh na Gàidhlig; mar as trice, le colbhaichean stèidhichte nam pàipearan Gallta is Sasannach? Tàire? Fearg?  Sprochd? Coma co-dhiù?

Thar nam mìosan ʼs thar nam bliadhnachan, seachdain an dèidh seachdain. Slaic an dèidh slaice. Leis na h-aon fhoillseachain agus leis na h-aon sgròbadairean-nàidheachd, thèid an aon troc a thilgeil gar n-ionnsaigh mar nach biodh dad aig na baothairean bochda ri dhèanamh ach sin fhèin. Tha thu eòlach orra, is cinnteach leam. Colbhaichean phàipearan, leithid An Daily Mail, An Evening Express (Dùn Èideann), Courier Dhùn Dè, Press & Journal Obar Dheathain, Gazette Steòrnabhaigh. …mar sin sìos.

Tha an truilleis seo air a froiseadh a-mach gu riaghailteach mar spùtail dhruidean am bàrr craoibhe agus aig amannan sònraichte dhen bhliadhna, dh’fhaodadh tu do thonnadh fhèin air an tuil caca a chuireas na colbhaichean grànda mar coinneamh; beachdan ‘dligheach’ mas fhìor mu chor na Gàidhlig, ʼs mar bu chòir dèiligeadh rithe.

Mar as trice, ʼs ann nuair a thèid fiosrachadh a sgaoileadh mu airgead brosnachaidh air choireigin don Ghàidhlig a nochdas colbh cronail no a thèid litir càinidh eile fhoillseachadh. ‘Beachdan’? Aistean? Sgrìobhadh le cùram air bonn beagan rannsachaidh? Chan eil sgeul orra.

Sgrum gun chonn a chanas mise ris, agus chan eil mi airson ʼs gun nochd iad air mo bheulaibh. Chan e a-mhàin nach eil fìrinn sam bith anns na stobas iad fo ar sròin, ach chan eil dad ùr aca ri ràdh!  Tha na ‘barailean’ breun ud air a bhith ‘nan suidhe cho fada ʼs gu bheil samh dhiubh. Chuireadh e a’ ghòmadaich ort mur biodh tu leigte ris. Agus is sinne, luchd-cleachdaidh na Gàidhlig, a tha leigte riutha.

Saoilidh mi gu bheil dà thaghadh againn. Faodaidh sinn na colbhan nimheil a sgaoileadh nar measg fhìn agus am measg an t-sluaigh sna meadhanan sòisealta gus an cothrom a thoirt do dhaoine sabaid riutha. Le seo, feumaidh sinn a bhith mothachail air an droch bhuaidh a bheir seo air sunnd luchd-labhairt na Gàidhlig, an òigridh gu h-àraidh. A bheil na sgrìobhadairean faoin seo cho cudromach ʼs gum feum sinn aire a thoirt do am beachdan gach uair a thig iad a-mach? Nach e sin an dearbh rud a chuireadh smalan air t’ inntinn, ’s tu nad sgoilear ann am foghlam na Gàidhlig?

Dàrna taghadh. Dè mu dheidhinn a bhith a’ leigeil seachad nan colbhan cronail? Chan eil na salchairean airidh air ar n-aire, a bheil?

A bheil e cudromach gu bheil luchd-cleachdaidh is luchd-taic na Gàidhlig mothachail air gach pìos sna meadhanan a thig a-mach an aghaidh na Gàidhlig ’s nan Gàidheal? Air neo, am biodh e na b’ fheàrr gun aire a thoirt dhaibh? An fheàirrde an leigeil seachad? An fheàirrde aghaidh a chumail riutha le litrichean-àichidh is eile?

Dè do bheachd fhèin? Sgrìobh thugainn mas e do thoil e.

FacebookTwitterGoogle+Roinn

2 thoughts on “Aineolas a’ cur smal air ar sunnd?

  1. An fheàirrde an leigeil seachad? An fheàirrde aghaidh a chumail riutha le litrichean-àichidh is eile?

    Tha mi a’ smaoineachadh gum bu chòir luchd na Gàidhlig sgrìobhadh a-steach do phàipearan far a bheil fiosrachadh ceàrr ann a dh’fhaodadh cron a dhèanamh (“tha £26M ga chosg air soidhnichean-rathaid gach bliadhna”, “cha robh Gàidhlig riamh ga bruidhinn air a’ Ghalldachd” 7c. Nì beachdan mar seo cron.

    Tha feum air “rapid rebuttal” bho na buidhnean Gàidhlig nam bheachd,

Fàg freagairt

Cha dèid an seòladh puist-dhealain agad fhoillseachadh. Tha * ris na raointean a tha riatanach